San José Del Guaviare

'S e prìomh-bhaile na roinne Guaviare, Coloimbia, a th'ann San José del Guaviare.

San José del Guaviare
San José Del Guaviare San José Del Guaviare
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
San José Del Guaviare
Sealladh air a' bhaile
San José Del Guaviare
Suidheachadh
Dùthaich San José Del Guaviare Coloimbia
Roinn San José Del Guaviare Guaviare
Àirde 175m
Co-chomharran 02º 34' 06' Tuath
72' 38' 30' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 42,327 km²
Àireamh-shluaigh 53,994 (2005)
Dlùths 1.28/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha faisg air na coilltean-uisge anns an Amazon. Tha àirde meadhanach dhe 175m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th' ann le teodhachd mu 25˚ thar cheann, rè na bliadhna. Cha deach am baile a stèidheachadh ach ann an 1938.

Freumhan an Ainm

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige oir chaidh e a steidheachadh air an latha aig Naomh Seosaiph, neo José ann an Spàinntis. Tha am baile suidhichte faisg air an drochaid Nowen air an abhainn Guaviare.

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 53,994 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 19,131 a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an San José del Guaviare. ‘S e Tùsanaich a th’ann an 1.7% agus tha 5.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 82.9% dhe na daoine ann an San José del Guaviare leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 21.3% dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an San José del Guaviare. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an San José del Guaviare


San José Del Guaviare 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

San José Del Guaviare Freumhan an AinmSan José Del Guaviare Sluagh a bhaileSan José Del Guaviare FèiseanSan José Del Guaviare IomraidheanSan José Del Guaviare Ceanglaichean A-machSan José Del Guaviare1938ColoimbiaGnàth-shìdeGuaviare (Roinn)

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

FilmAfragaBogotáStaitistearachdIain Eairdsidh MacAsgaillAiltireachdCarl Bosch780Marie AntoinetteJames K. PolkOld Firm2024CoireaBrabhsair-lìnJersey NuadhEuroDuais Nobel ann am Fiosaigs800Na h-AimearaganRotterdam18501520Teicneòlas193412 an t-ÒgmhiosSpòrs21 an GibleanDàirich1894Dùn ÈideannCanada28 am MàrtLunnainnCeòlCatCastelló obh obhYvelinesCailein T. MacCoinnich4 an GibleanErwin SchrödingerTaigh na h-UiseigGreugaisVirginia1627Sileadh1335HTMLA' PhruisJohn Howard NorthropGeòlasA' ChuimrighMarxachas19381937CoimpiutairPoblachd na SìneAn Talamh (planaid)làrach-lìnChubutFèineagCoimpiutaireachdMisael Pastrana Borrero19 an DùbhlachdAlexei NavalnyCeimigeachdAn ÈipheitÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichteCian-chonaltradh🡆 More