Valledupar

' S e prìomh-bhaile na roinne Cesar, ann an Coloimbia, a th' ann Valledupar.

Valledupar
Valledupar Valledupar
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Valledupar
Sealladh air a' bhaile
Valledupar
Suidheachadh
Dùthaich Valledupar Coloimbia
Roinn Valledupar Cesar
Àirde 151m
Co-chomharran 10º 28' 37' Tuath
73 º 15' 02' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 4,307 km²
Àireamh-shluaigh 10,171 (2005)
Dlùths 2.36/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

Tha e suidhichte ann an ceann an tuath na dùthcha ri taobh na h-aibhne Ghuatapurí, 814km air falabh bho Bhogotá agus 435km bho Bhucaramanga. Tha àirde meadhanach dhe 151m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde theth a th’ ann le teodhachd meadhanach dhe 28˚, rè na bliadhna, leis gu bheil e faisge air oirthir na Roinn Charaibeach. 'S e Valledupar an 16mh baile as motha na dùthcha.Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1550.

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 10,171 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 3,036 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala agus mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Valledupar ‘S e Tùsanaich a th' ann an 8.4% agus tha 12.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 88.2% dhe na daoine ann an Valledupar leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 40.6% dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Valledupar. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an Valledupar


Valledupar 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Valledupar Sluagh a bhaileValledupar FèiseanValledupar IomraidheanValledupar Ceanglaichean A-machValledupar1550An Roinn CharaibeachBogotáBucaramangaCesar (Roinn)ColoimbiaGnàth-shìde

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

1 an GearranMalairtBaile Átha CliathMississippi (abhainn)CoireaEun-turais7mh LinnNa h-Eileanan FilipineachEaconomaidh1260anCarles Puigdemont i Casamajó17 am FaoilleachGustav KirchhoffBurundaidh1470anCànanachasArgonLeabharlann Nàiseanta Poblachd na Seice19021695Na h-AimearaganEòlas-inntinnLon dubhAn AetiòpIain Eairdsidh MacAsgaillMarie AntoinetteJohn Paul JonesStaitistearachdCorp-eòlasSeoulFionnlannaisAfganastanEilean MhanainnBeathaicheanPoilisacaraidEunStefania TurkewichLunnainnCailein T. MacCoinnichNìgeiria2 an GearranVictoria (na h-Eileanan Sheiseall)Sòisealachd LibeirtèireachFèineagPopayánUicipeidVizcaya (provincia)FiadhÀrsaidheachdSaidheans PoileataigeachCeòlUisgeEartraA' PhruisZ1850IasgachColannJim MacGilleEathainAstràiliaGeòlasWiccaCastelló (roinn)Jaén (provincia)1899MarxachasAràibia nan SabhdCòrn Sasannach1876Yvelines🡆 More