'S e baile eachdraicheil ann an Siorrachd Eabhraig a th' ann an Eabhraig, (Beurla: York) aithnichte cuideachd mar Iorc a rèir GOC, aig a bheil seann bhalla air a thimcheall.
Tha am baile air a shuidheachadh far am bi dà abhainn (Ouse agus Foss) a' coinneachadh. Tha am baile ainmeil air sgàth eachdraidh beartaich, a chionn 's gu bheil e mu 2,000 bhliadhna dh'aois.
Cur air cois | 71 CE |
---|---|
Ainm oifigeil | York |
Ainm dùthchasach | Jórvek |
Tar-sgrìobhadh IPA | jɔːk |
Ainmichte às dèidh | Taxus |
Neach bhon àite | eboracensi |
Motto | Let the Banner of York Fly High |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Prìomh-bhaile de | Kingdom of Deira, Siorrachd Eabhrac |
Sgìre riaghaltais ionadail | City of York |
Roinn-tìde | UTC±00:00, UTC+01:00 |
Siorrachd eachdraidheil | Siorrachd Eabhrac |
Domhan-leud is -fhad | |
Baile-céile | Dijon, Münster, Nanjing |
Na bha roimhe | Eboracum |
Cód a’ phuist | YO1, YO10, YO19, YO23, YO24, YO26, YO30, YO31, YO32 |
Làrach-lìn | http://www.york.gov.uk/ |
Cód fónaichean-talmhainn | 01904 |
Comharran-cléithe SO | SE603517 |
Roinn-seòrsa an deilbh | Category:Views of York city |
Shuidhicheadh am baile mar Eboracum ann an AD 71 leis na Ròmanaich is b' e fear an dà phrìomh-bhailtean de Breatainn Ròmanach air fad'. Fad an tràth seo, chaidh iomadh daoine eachdraidheil, mar Constaintìn Mòr, a chomannach leis a' bhaile. Riaghaileadh an rìoghachd Ròmanach air fad' bho Eabhraig fhèin fad' dà bhliadhna le Septimus Severus.
Às dèidh teachd nan Angles, chaidh ainm ùr Eoferwic a chuir air a' bhaile, is chleachdadh e mar prìomh-bhaile na rìoghachd Northumbria. Fhuair na Lochlannaich grèim air a' bhaile ann an 866, is chuir iad an t-ainm Jórvík air a' bhaile fhèin is sgìre fada nas fharsainge eile air a' thaobh thuath Shasainn. Mun bhliadhna 1000, dh' ainmeachadh am baile mar York.
Dh'iarr Ridseard I Shasainn air Eabhraig mar prìomh-bhaile Shasainn air fad' ach mus an do rinn e a' chùis a dhèanamh, chaidh e a chuir à dreuchd. Às dèidh cogaidhean nan Ròsan, thug Eabhraig taigh do Chomhairle an Tuath is dh'aithneachadh e mar prìomh-bhaile taobh tuath na dùthcha. B' ann às dèidh na h-Aisige a thòisich cudthrom poilitigeach a dhol a taobh. 'S e mòr-roinn Eabhraig a th' ann tè an dà roinn eaglaiseil, ri taobh Canterbury.
Bho 1966 's e teirm Baile Eabhraig a bhios ag ainmeachadh sgìre ùghdarrais a' gabhail a-steach sgìrean tuatheil thairis crìochan traidiseanta a' bhaile. Tha sluagh de 137,505 anns a' bhaile fhèin, ged a bhios 184,900 de dhaoine anns an ùghdarras air fad'. Aig an àm seo, bidh meadhan a' bhaile, taobh a-staigh nam ballaichean mòra, na h-àite thurasachd chudthromaich, far an deach iomadh luchd-chèilidh à gach ceàrnag an t-saoghail.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Eabhraig, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.