A' Phruis

B' e a' Phruis (Gearmailtis: Preußen; Laideann: Borussia, Prutenia; Làitbhianis: Prūsija; Liotuànais: Prūsija; Pòlais: Prusy; Seann Phruisis: Prūsa) stàit neo-eisimeileachd ann am meadhan na Roinn Eòrpa far a bheil a' Phòlainn, a’ Ghearmailt agus Kalingrad, sgìre Ruiseanach ri taobh na Mara Bhaltaich an latha an-diugh.

Bha a' mhòr-chuid de dh'fhearann na Pruise suidhichte eadar na h-aibhnichean Vistula agus Nemen.

A' Phruis
 A' Phruis 15251947 A' Phruis 
A' Phruis A' Phruis
Bratach na dùthcha (1892-1918) Gearradh-arm (1871-1914)
Mapa
A' Phruis
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1525
Bliadhna mu Dheireadh 1947
Prìomh-Bhaile Königsberg (ro 1701 agus Berlin bho 1701)
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis
Farsaingeachd 141.1 km2
Àireamh-shluaigh 41,915,040 (1939)
Dlùths 297,059.11/km2

Eachdraidh

Thug a' Phruis thairis Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotàinia fad an 18mh Linn, ann an co-bhann leis An Ostair agus An Ruis. Dh’fhàs a’ Phruis na bu chumhachdaiche is na bu chumhachdaiche beag air bheag aig ìre na Roinn Eòrpa ro 1871 nuair a chaidh A’ Ghearmailt a stèidheachadh mar aon dùthaich. ‘S e Königsberg a bh' ann a' chiad phrìomh-bhaile na Pruise, ach thaghadh Berlin mar phrìomh-bhaile ùr ann an 1701, o chionn 's gu robh e dìreach ann an meadhan na dùthcha. A bharrachd air sin, 's e a’ Phruis an dùthaich a fhuair an adhartas teicneòlais na bu motha anns an Roinn Eòrpa fad an 19mh linn. B’ e dùthaich neo-eisimeileachd a bh' anns a’ Phruis bhon 17mh linn gu ruige 1871 nuair a ghabh Rìgh na Pruise thairis A’ Ghearmailt air fad, an dèidh buaidh a thoirt air An Danmhairg ann an Dàrna Cogadh Schlwesig ann an 1864 agus rinn iad a' chùis an aghaidh na h-Ostair ann an 1866 agus mu dheireadh thall chuir ruaig a chur air na Frangaich anns a’ Chogadh Frangach-Pruisianach ann an 1870 agus 1871. Bha prìomh mhinistear na Pruise, Otto von Bismarck an sàs anns an iomairt gus A’ Ghearmailt a chur ris a chèile fo stiùireadh na Pruise airson Dàrna Reich (Gàidhlig: Rìoghachd) nan Gearmailteach a stèidheachadh is bha e na phrìomhair na Gearmailte an dèidh sin cuideachd. Le sin, chaidh a’ Phruis à bith mar stàit ann an 1871, ged an do lean e gu ruige 1947 mar roinn. Ann an 1853 chuir Riaghaltasan na Pruise agus na Diùcachd Oldenburg ainmean gu Còrdadh Jade (Gearmailtis: Jade-Vertrag), a thug 3.13km² dhe talamh ri taobh Bàgh Jade dhan Phruis, far a bheil Wilhelmshaven an-diugh.

Daoine Ainmeil

Iomraidhean


Tags:

A' PhòlainnAm Muir BaltachAn RuisA’ GhearmailtGearmailtisLaideannLiotuànaisPòlais

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Humza YousafAn t-Samhain2 an LùnastalAn t-Eilean Sgitheanach1845ÒranEsperanto2009912Ball-basgaidLeabhar-eòlaisSystème universitaire de documentationBreatainn MhòrCrìonagGeorgia (stàit)Mississippi (abhainn)Deòrsa I Bhreatainn is ÈireannSlighe Chloinn UisnichÀiteachasPalastainTurcaisUlf von Euler19 an LùnastalFìleamAn Dàrna CogadhCreideamhAntonín DvořákDùn DèaghReykjavíkAbhainn FhiodhaichComhairle Siorrachd Lannraig a DeasAn Ear-thuath a Deas1630anMurt Ghlinne Comhainn2020Giuseppe VerdiAtharrachadh na Gnàth-shìdeDealanAachenBarraighCasachstànFriedrich von HayekPaul Martin4 an t-SamhainFranklin D. RooseveltRoinn a' Chuain ShèimhA' PhòlainnPunnd SasannachRìoghachd nan Tìrean ÌsleFyodor DostoyevskySloibhìniaBliadhna-leumTurkuDathCòrnaisAna-creideamhJohn Howard NorthropAfraga-Eoràisia2013EigeòlasLeslie Hunter17 an DùbhlachdBeàrnaraigh na Hearadh1795LimogesAn UngairCalbhanaichVigdís FinnbogadóttirWikimediaTomas, An t-Einnsean TancaEaglais Ìosa Chrìost de Naoimh an Latha mu Dheireadh1925Mosgo10 an Lùnastal🡆 More