Barraigh

'S e eilean deasaich nan Innse Gall a tha ann am Barraigh neo Eilean Bharraigh.

Barraigh
Barraigh
Sealladh air Bàgh a' Chaisteil
Barraigh
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre Comhairle nan Eilean Siar
Innis-mhuir Na h-Eileanan an Iar
Co-chomharran 56° 57′ 17″ T
7° 29′ 14″ I
Comharradh-clèithe NL665982
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,377.5 km²
Àireamh-shluaigh 1,174 (2011)
Dlùths 0.49/km²

Tha ainm an eilein a' ceilearadh misionaraidh Èireannach dom b' ainm Fionn-Barr. A rèir traidisean, thàinig Fionn Barr gu h-Alba le Calum Cille. Is e eilean beag a tha ann, mu seachd mìle o cheann gu cheann.

Tha cala math aig Bàgh a' Chaisteil air taobh deas an eilein, far a bheil lamraig le alt-aiseig. Tha am bàgh ainmichte airson Caisteal Chiosmuil, seann chathair MhicNèill.

Seòlaidh bàta-aiseig dhan Òban, 3 uiread 's seachdain rè a' gheamhraidh.

Is e àireamh-sluagh an eilein 1174 ceann daoine, an cuid as motha dhaibh nan Caitligich. Tha 761 nan luchd-labhairt na Gàidhlig (62%) a' fuireach anns an eilean.

Rinn Compton Mackenzie am film Whisky Galore ann am Barraigh. Chaidh a thìodhlacadh ann an Eòlaigearraidh.

Tachartasan

Thòisich fèis ann am Barraigh ann an 1981, Fèis Bharraigh. Bha am fèis cho soirbheachail 's gun deach fèisean eile a chur air dòigh air feadh Alba.

Thòisich rèis ris an canar am 'Barrathon' ann an 2000. 'S e an t-astar leth-mharathon a' dol timcheall an eilein.

Siubhal

’S e an Tràigh Mhór ann am Barraigh an aon tràigh air an t-Saoghal a thathar a’ cleachdadh mar raon-laighe le clàr-àma stéidhte - ged a tha sin a’ leantainn rabhart agus conntraigh.

Bratach Bharraigh

Barraigh 
Bratach Bharraigh

Chaidh bratach Bharraigh, crois geal air uaine, aithneachadh leis a' Morair Lìomhainn, an Rìgh Seanchaidh ann an 2017.

Daoine ainmeil

  • Rugadh agus a thogadh Flòraidh NicNèill, seinneadair Gàidhlig ann an Eilean Bharraigh.
  • Tha Catrìona Nic a' Phì, seinneadair Gàidhlig eile, às an eilean cuideachd.

Sgrìobhaidhean mun eilean ann an Gàidhlig

  • Mac a' Mhaoilein, An t-Athair Urr. Iain (1938). 'Barraidh', ann an Am Measg nam Bodach. Glaschu: An Comunn Gaidhealach. dd. 106-112.

Clàraidhean

  • 'Disappearing Island An-diugh' BBC Gàidhlig airson MG Alba MMIX. Stiùiriche: Cailean MacLeòid. 60 mionaidean. A' chiad chraoladh Diluain 4 Faoilleach 2010.
      Sealladh air mar a tha Eilean Bharraigh an-diugh, an coimeas ri prògram a rinn Magnus Magnusson ann an 1964 mun eilean.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Barraigh TachartasanBarraigh SiubhalBarraigh Bratach BharraighBarraigh Daoine ainmeilBarraigh Sgrìobhaidhean mun eilean ann an GàidhligBarraigh ClàraidheanBarraigh IomraidheanBarraigh Ceanglaichean a-machBarraighCalum CilleInnse GallÈirinn

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

MarxachasRoinnean na SpàinneSpòrsÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichteEun-creachaidhCeann-fionnErwin SchrödingerCànanachasMìosachan GriogarachLon dubhMississippi (abhainn)BeathaicheanÀiteachasPrìomh-DhuilleagAstràiliaBun-reachdEòlas-comainnSileadhCoimpiutaireachdJim MacGilleEathain19372 an Gearran1850A' ChongoAn ÀithneAinmeanABraisilIain Eairdsidh MacAsgaillArgon1627Frederick John Robinson, 1d Biocas GoderichJersey NuadhZenanaUisgeAfragaAn Crios-GrèineCeòl1335WikimediaPoblachd na SìneRuisisSeoul14821260anProbhaistIomadachadhGàidhlig1934ChubutYvelinesDùthaich nam BasgachA' BheilgAràibia nan SabhdSuainisLucsamburgBocsa1520AlbertaLeabhar-eòlais1876Uisge Dhè, Siorrachd Obair DheathainSasainnHTMLIntegrated Authority FileAn t-Àrd RuighAn Cogadh Mòr14 an Lùnastal🡆 More