Hiort

Tha na h-eileanan ris an canar Hiort, a’ chuid as iomallaiche a dh'Alba, 41 mìle (68 cilemeatair) an iar air Beinn na Faoghla ann an Innse Gall na h-Alba.

Hiort
Hiort
Bàgh a' Bhaile, Hiort
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Innis-mhuir Hiort
Co-chomharran 57.8
-8.6
Comharradh-clèithe NF095995
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 85 km²
Àireamh-shluaigh 0 (o choinn 1930)
Dlùths 0/km²

Tha na h-eileanan seo, len cuid bhearraidhean is stacan, air àite sìolachaidh cho cudromach ’s a tha air ceann an iar thuath na Roinn Eòrpa airson eòin-mhara. Nuair a dh’fhàg na daoine ann an 1930, thàinig eachdraidh iongantach air tighinn beò gu crìch.

Location
Location
Hiort
Hiort

Dh'fhàg an còigeamh Iarla Bhòid Hiort aig Urras Nàiseanta na h-Alba mar dhìleab ann an 1957. Chaidh a chomharrachadh san aon bhliadhna mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta le Glèidhteachas Nàdair (NàdarAlba a-nis). Dìreach mus do chaochail e, dh’aontaich Iarla Bhòid pìos beag fearainn a thoirt air mhàl do Mhinistreachd an Dìon mar stèisean-lorgaidh ràdair airson raon nan urchraichean ann am Beinn na Faoghla ann an Innse Gall.(Chaidh an aonta màil ùrachadh ann an 1976 airson 25 bliadhna eile.)

Hiort
Stac Lì

An-diugh, tha na trì buidhnean seo, Urras Nàiseanta na h-Alba, NàdarAlba agus Ministreachd an Dìon, ag obair ann an co-bhanntachd gus prògram glèidhteachais agus rannsachaidh a leudachadh air na h-eileanan airson a bhith cinnteach gun tèid Làrach Dhualchas na Cruinne a chumail gu math agus a dhìon.

Chaidh Hiort a chomharrachadh iomadh uair aig ìre eadar-nàiseanta airson dualchas agus nàdar air leth.

An dèidh don RAF an t-eilean a' gabhail os làimh ann an 1957, bha Seumas A. MacAoidh na oifigeach-fhoghluim airson a rèiseamaid. Bha e thall air Hiort agus chunnaic e cia mar a bha beatha nam balach a bha an urra ris nan rocaidean an sin. Sgrìobh e alt toil-inntinneach leis an tiotal Hiort an Diugh a chaidh fhoillseachadh ann an GAIRM Leabhar VIII, 1959-60. Rinn e luaidh air alt eile le Tim Weir mu Hiort, a thàinig a-mach ann an Gairm an Earraich,1958.

Ionad fiosrachaidh

Tha planaichean ann ionad fiosrachaidh mu dheidhinn Hiort a thogail ann am Mangurstadh ann an Ùig Leòdhais.

Sgrìobhaidhean mu Hiort

Sgrìobh Màrtainn MacGilleMhàrtainn mun chuairt a rinn e do Hiort ann an 1697 anns an leabhar A Late Voyage to St Kilda. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an 1698.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

1930AlbaBeinn na FaoghlaInnse GallRoinn Eòrpa

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

1767Naomh Augustine à HippoDeachdaireSìonaIùgoslaibhiaLiosta dùthchannan a-rèir àireamh-shluaighMurt Ghlinne ComhainnOsascoMosgoLunnainnLinn na DeigheAlmainDàin do EimhirPòl Mac a' Bhreatunnaich1595Gàidhlig na h-ÈireannPàdraig DubhnhqpbTrèana20051789Arcaibh1591John E. Walker1500Corp-eòlasBliadhnaCruinn-eòlasGraeme Dey27 an CèiteanComainn & EagrachaidheanBun-sgoil1892EasbaigErbistogLibearalasMuileBucharestUImpireachd nan OtomanachDèigh17971487Virginia19551998NijmegenCocairixDùghlas RossFacalCuan Sèimh193024 an GibleanEileamaid cheimigeachCotonou1901SaskatchewanNASA19942002Poblachd na h-ÈireannAimearaga a TuathCeàrnAlbaStarnbergLeòdhas agus na HearadhDùthchannan an t-SaoghailDigital Object IdentifierFritz HaberPrìomh-bhaileNa h-Iomaratan Arabach AonaichteFìdiDonald TrumpCogadh Sìobhalta na SpàinneTaghadh Albannach 2007C.B. Kuban Krasnodar🡆 More