Turcais

'S e cànan Turcach a th’ ann am Turcais neo Türkçe.

Tha Turcais ga bruidhinn le 50,750,020 duine anns An Tuirc agus ann an Cìopras, far a bheil i na cànan oifigeil, a bharrachd air ann an corra àite ann an Romàinia, Cosobho agus Masadoinia. Chaidh a' chiad leabhar fhoillseachadh ann an Turcais anns an 11mh Linn. A bharrachd air sin, thathar air a bhith ga sgrìobhadh anns an Aibidil Ròmanach bho 1929, ged is e an Aibidil Arabach a bhite a’ cleachdadh roimhe làimhe.

Turcais/Türkçe
Fuaimneachadh ˈtyɾct:ʃɛ
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

mu 50,750,020

Teaghlach-chànan

Turcach

  • Turcach an Iar-dheas/Oghuz
    • Oghuz an Iar-dheas
      • Turcais
Siostam-litreachaidh 1928: Aibidil Arabach
Bho 1929: Aibidil Ròmanach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na chànan oifigeil An Tuirc
'Ga riaghladh le Türk Dil Kurumu
Còdan Cànan
ISO 639-1 tr
ISO 639-2 tur
ISO 639-3 tur
Turcais
Roinnean far a bheil Turcais ga bruidhinn

Eiseimpleir

  • Turcais:

İnsanlık ailesinin bütün üyelerinde bulunan haysiyetin ve bunların eşit ve devir kabul etmez haklarının tanınması hususunun, hürriyetin, adaletin ve dünya barışının temeli olmasına.

Tha gach uile duine air a bhreith saor agus co-ionnan ann an urram 's ann an còirichean. Tha iad air am breith le reusan is le cogais agus mar sin bu chòir dhaibh a bhith beò nam measg fhèin ann an spiorad bràthaireil.

Turcais Bunaiteach

  • Hoş geldin. – Fàilte
  • Nasılsın? – Ciamar a tha thu?
  • Günaydın – Madainn mhath.
  • Tünaydın. – Feasgar Math.
  • İyi geceler – Oidhche mhath.
  • Hoşça kal – Mar sin leat.
  • Merhaba. – Halò.
  • Özür dilerim – Tha mi duilich.
  • İzninizle. – Gabh mo leisgeil.
  • Teşekkürler. – Mòran taing.
  • Tuvalet nerede? Càite a bheil an taigh beag?
  • İyi şanslar! – Deagh àigh.
  • Seni seviyorum – Tha gaol agam ort.
  • Türkçe biliyor musun? – A bheil Turcais agat?

Fuaimean

Tha ochd fuaimreagan agus dà dheug consain sa trì ann.

Gràmar

Tuiseal

Tha sia tuisealan aig an Turcais a tha iar-leasachain a' comharrachadh:

  • An tuiseal ainmneach - gun comharradh, m.e. ev - (an) taigh
  • An tuiseal ginideach - in, m.e. evin - an taigh/aig an taigh
  • An tuiseal tabhartach - e, m.e. eve - dhan taigh
  • An tuiseal cuspaireach - i, m.e. evi - an taigh
  • An tuiseal dìobhalach - den, m.e. evden - bhon taigh
  • An tuiseal suidheachaidh - de, m.e. evde - anns' an taigh

Luchd-labhairt

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Turcais EiseimpleirTurcais BunaiteachTurcais FuaimeanTurcais GràmarTurcais Luchd-labhairtTurcais IomraidheanTurcais Ceanglaichean a-machTurcais11mh Linn1929Aibidil ArabachAibidil RòmanachAn TuircCìoprasMasadoiniaRomàinia

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

1804Stàitean na h-EaglaiseBean-nigheRheinland-PfalzTiùbaDàirichEachdraidhGàidhealtachd na h-AlbaPeallag (Creutair Miotas-eòlasach)Cill FhinneinMargaret ThatcherAn t-Eilean SgitheanachNeach-laghaUisge-poloAn DàmhairDohaBohriumNThe Lord of the Rings (leabhar)SeinneadairAcadamh Rìoghail Shuaineach nan SaidheansanIPARìoghachd eSwatini1977InnealGavrilo PrincipGCoireaman85OgsaideanWDàibhidh Camshron901703Na h-Eileanan SiarBìoballFoghlamOla1599Alasdair AllanIota86An Rìoghachd Aonaichte32Am PlocA' GhrèigLao ZiDuais Nobel airson SìtheAristotelis20011330An t-SultainGini Mheadhan-ChriosachJean-Marie LehnDòmhnall Mac na CeàrdaichAn Baile NuaCànanachas30 an t-SamhainLuís Vaz de CamõesA' Bheurla Ghallda anns an Ear-thuath a DeasTeàrlach IIICian-chonaltradhAn Roinn-EòrpaWill PoulterIslamabadNa h-AimearaganDraoidhUilleam III Shasainn is II AlbaCearcRafael UrdanetaTwitterCarles Puigdemont i CasamajóTRèidioDonetsk (Donetska Oblast)🡆 More