'S e Mosgo neo Moscobha am prìomh-bhaile agus am baile as motha anns an Ruis.
Москва Mosgo
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | an Ruis | ||||
Co-chomharran | 55° 46' Tuath 37° 40' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,081 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 12,622,000 (2007) | ||||
Dlùths | 11,676.23/km² | ||||
Àireamh fòn | +7 495 | ||||
Duilleag oifigeil | www.mos.ru |
Tha e suidhichte air bruaich na h-aibhne "Moskva" anns an roinn Eòrpach dhen Ruis. 'S e Mosgo am baile as motha anns an Roinn-Eòrpa cuideachd. Tha am baile cliùiteach airson nan eaglaisean brèagha, m.e.; Cathair-eaglais Naoimh Bhasil agus Cathair-eaglais Ìosa Chrìost an slànaigheir. Tha prìomh-athair Mhoscobha, a tha na cheannard Eaglais Ortadogsach na Ruise aig an aon àm, a' fuireach anns a' Manachainn Dhanilov. Tha an Kremlin an seo, far a bheil ceann-suidhe na Ruis a' fuireach.
Bha prìomh-oifisean a' Cho-aonta Warszawa suidhichte an seo eadar 1955 agus 1991.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Mosgo, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.