Is mòr-thìr an Roinn-Eòrpa, aon de na seachd tìrean mòra, agus e na pàirt Siar de Euràisia. Tha i air a dealachadh bho Àisia le crìoch thraidiseanta a tha air a cumadh leis na Beanntan Uralach 'san Ruis, am Bosphorus 'san Tuirc agus bho Afraga leis a' Mhuir Meadhanach. Tha an an Cuan Siar air taobh an Iar na Roinn-Eòrpa. Tha mu leth-cheud dhùthaich 'san Roinn-Eòrpa.

Dealbh-dùthcha a' nochdadh an Roinn-Eòrpa
Stàitean
Cànanach
Roinnean
Eòrpa 1000 AC

Bunachas

Anns an Eòlas-sgeulachd na Greug, bha Europa 'na ban-phrionnsa Fhèniseach a bha air a goid air falbh le Zeus, agus e ann an dreach tarbh, 's gun tug e do dh'eilean Chrèat i, far an do rug i Minos.

 
Stàitean agus Dùthchannan na Roinn-Eòrpa

Stàitean agus Dùthchannan

Chan eil stàitean na Roinn-Eòrpa ceangailte ri chèile le cruinn-eòlas a-mhàin: dh'fhàs iad gu bhith ceangailte ann eachdraidh cuideachd, a bharrachd air ceanglaichean eile tha ann, m.e.: cultar, gniomhachas, poileataigs, lagha.

Is e seo liosta nan stàitean agus dùthchannan na Roinn-Eòrpa a chleachdar aig na Dùthchannan Aonaichte. Ach tha liostaichean eile ann. Mar sin s' urrainn do na stàitean neo na h-àireamhan a bhith eadar-dhealaichte.

Ainm dùthcha[1]Ainm-duibhearachFarsaingeachd
(km²)
Àireamh-shluaigh
(1 an t-Iuchar, 2002 est.)
Prìomh-bhaile
Roinn Eòrpa an Ear:
  A' BhealaruisБеларусь207,60010,335,382Minsk
  BulgàiriaБългария110,9107,322,858Sofia
  Moldàibhia[2]Moldova33,8434,320,490Chişinău
  A' PhòlainnPolska312,68538,518,241Warsaw
  RòmainiaRomânia238,39122,276,056Bucharest
  An Ruis [3]Россия3,960,000106,037,143Mosgo
  An t-SeicČeská republika78,86610,228,744Pràg
  An t-SlòbhacSlovensko48,8455,447,502Bratislava
  An ÙcrainУкраїна603,70046,299,862Kyiv
  An UngairMagyarország93,0309,956,108Budapest
Roinn-Eòrpa a Tuath:
  Na h-Eileanan Àland (Suòmaidh)Åland1,55226,008Mariehamn
  An DanmhairgDanmark43,0945,368,854Copenhagen
  EastòiniaEesti45,2261,415,681Tallinn
  Eilean Mhanainn [4]Ellan Vannin57273,873Doolish
  Na h-Eileanan Fàro (An Danmhairg)Føroyar1,39946,011Tórshavn
  Poblachd na h-ÈireannÉire70,2804,234,925Baile Átha Cliath
  Geàrnsaidh [5]Bailiwick of Guernsey7864,587St Peter Port
  Innis TìleÍsland103,000307,261Reykjavík
  Deàrsaidh [6]Bailiwick of Jersey11689,775Saint Helier
  An LaitbheLatvija64,5892,366,515Riga
  LiotuàiniaLietuva65,2003,601,138Vilnius
  NirribhidhNorge324,2204,525,116Oslo
  An Rìoghachd AonaichteUnited Kingdom244,82059,201,000Lunnainn
  SuòmaidhSuomi336,5935,157,537Helsinki
  An t-SuainSverige449,9649,090,113Stockholm
  Svalbard is Jan Mayen (Nirribhidh)Svalbard og Jan Mayen62,0492,868Longyearbyen
Roinn Eòrpa a Deas:
  AlbàiniaShqipëria28,7483,600,523Tirana
  AndorraAndorra46868,403Andorra la Vella
  Bosna agus HeartsagobhanaБосна и Херцеговина51,1294,552,198Sarajevo
  Cathair na BhatacainCittà del Vaticano0.44900Vatican City
  CroàisiaHrvatska56,5424,493,312Zagreb
  An EadailtItalia301,23058,147,733An Ròimh
  A' GhrèigΕλλάς131,94010,706,290An Àithne
  Giobraltair (An Rìoghachd Aonaichte)Gibraltar5.927,714Gibraltar
  MaltaMalta316397,499Valletta
  MasadoiniaМакедонија25,3332,055,915Skopje
  Am Monadh Neagrach [7]Црна Гора13,812684,736Podgorica
  A' Phortagail [8]Portugal91,56810,084,245Lisbon
  San MarinoSan Marino6127,730San Marino
  An t-Sèirb [9]Србија88,36110,147,398Belgrade
  SloibhìniaSlovenija20,2732,009,245Ljubljana
  An Spàinn [10]España498,50640,077,100Madrid
Roinn Eòrpa an Iar:
  A' BheilgBelgië30,51010,274,595A' Bhruiseal
  An EilbheisSchweiz41,2907,301,994Bern
  An Fhraing [11]France547,03059,765,983Paris
  A' GhearmailtDeutschland357,02183,251,851Berlin
  LiechtensteinLiechtenstein16032,842Vaduz
  LucsamburgLëtzebuerg2,586448,569Lucsamburg (baile)
  MonacoMonaco1.9531,987Monaco
  An OstairÖsterreich83,8588,169,929Vienna
  Na Tìrean Ìsle[12]Nederland41,52616,318,199Amsterdam
Meadhan Àisia:
  Casachstàn[13]Қазақстан150,000600,000Nursultan
Àisia an Iar:
  Asarbaidean[14]Azərbaycan39,7304,198,491Baku
  A' Chairtbheil[15]საქართველო49,2402,447,176Tbilisi
  An Tuirc[16]Türkiye24,37811,044,932Ankara
Total10,176,246709,608,850
Mòr-roinnean an t-Saoghail
 
Afraga-Eoràisia
 
Na h-Aimearagan
 
Eoràisia
 
Afraga
 
Antargtaga
 
Àisia
 
Astràilia
 
An Roinn-Eòrpa
 
Aimearaga a Tuath
 
Aimearaga a Deas
 
Roinn a' Chuain Shèimh


Iomraidhean

  1. Roinnean mòr-thìreil a rèir UN categorisations/map. A rèir mìneachaidh, 's urrainn do na ranntairean a' leantainn a bhith ann an Eòrpa còmhla ri Àisia, ann an Afraga, neo ann an Roinn a' Chuain Shèimh.
  2. A' gabhail a-steach Transnistria, roinn a ghairm agus bhuidhinn neo-eismeileachd de facto, ach chan eil mòran stàit air a neo-eisimeileachd aithnicheadh.
  3. Thathar a' meas gur e dùthcha anns an Roinn Eòrpa agus cuideachd ann an Àisia a tha anns An Ruis, le ranntair Eòrpach iar air na Beanntan Uralach, air an abhainn Ural agus an abhainn Emba; chan eil seo ach na h-àireamhan airson na cuide anns an Roinn Eòrpa.
  4. 'S e eisimeileachd Chrùin na Rìoghachd Aonaichte a tha ann an Eilean Mhanainn.
  5. 'S e eisimeileachd Chrùin na Rìoghachd Aonaichte a tha ann an Guernsey.
  6. 'S e eisimeileachd Chrùin na Rìoghachd Aonaichte a tha ann an Jersey.
  7. Ghairm Am Monadh Neagrach neo-eisimeileachd bho aonadh an Sèirb agus a' Mhonaidh Neagraich 3 Òg-mhios 2006.
  8. A' gabhail a-steach na h-Azores iar air a' Phortagail ach ag às-dùnadh Madeira ann an Afraga.
  9. A' gabhail a-steach Cosobho, mòr-roinn rianaichte le UNMIK a rèir Rùn Comhairle Tèarainteachd 1244.
  10. Ag às-dùnadh Na h-Eileanan Canàrach, iar air Morocco ann an Afraga, agus Ceuta is Melilla, a tha cuideachd ann an Afraga.
  11. Chan eil na h-àireamhan seo ach airson Fraing na Roinn-Eòrpa; tha pàirtean de na Frainge taobh a-muigh na h-Eòrpa.
  12. Àireamh-shluaigh nan Tìrean Ìsle anns an Iuchar 2004 agus airson pàirt de Rìoghachd nan Tìrean Ìsle anns an Roinn Eòrpa. 'S e Aruba, Curaçao, Na Tìrean Ìsle agus Sint Maarten an cèithir pàirtean dhen Rìoghachd. 'Se Amsterdam am prìomh-bhaile oifigeil agus Den Haag am prìomh-bhaile rianachail.
  13. Seo na h-àireamhan airson an ranntair aig Casachstàn iar air na Beanntan Uralach is na h-aibhnichean Ural agus Emba.
  14. Seo na h-àireamhan airson Asarbaidean tuath air a' Chabhcas is an aibhne Kura.
  15. Seo na h-àireamhan airson na Cairtbheile tuath air a' Chabhcas is an aibhne Kura, a' toirt leis an Abhchas agus Osàidea a Deas.
  16. Seo na h-àireamhan airson na Tuirce tuath is iar air a' Bhosphorus agus na Dardanelles.

#Wikipedia® is a registered trademark of the Wikimedia Foundation, Inc. Wiki (Study in China) is an independent company and has no affiliation with Wikimedia Foundation.
This article uses material from the Wikipedia article An Roinn-Eòrpa, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 3.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.