Henry Dieckhoff

Bha An t-Athair Henry Cyril Dieckhoff (Ruisis: Генрих Кирилл Дикгоф) (Mosgo, 3 an t-Iuchar 1869 - Cille Chuimein, 5 an Lùnastal 1950) 'na mhanach agus 'na chànanaiche Ruiseanach a bha a' fuireach ann an Abaid Chille Chuimein a-mach o 1891.

Rugadh e ann am Mosgo agus bha athair 'na aoghaire Lutheranach ach chuir e seachad cuid mhath dhe òige sa Ghearmailt a chionn 's gun robh a mhàthair 'na Caitligeach is cha b' urrainn dhaibh fuireach san Ruis tuilleadh. Chaidh e dhan oilthigh ann am Berlin agus fhuair e an t-òrdugh naomh gun chead o na h-ùghdarrasan Ruiseach agus ri linn sin, b' fheudar dha teicheadh às an Ruis agus thàinig e a Shasainn an toiseach agus a dh'Alba an uairsin far an d'fhuair e fàilte mar bhràthair ann an Abaid Chille Chuimein ann an 1891. Fhuair e inbhe sagairt sia bliadhna an dèidh sin ann an 1897.

Henry Dieckhoff
Beatha
Breith Moscobha, 3 dhen Iuchar 1869
Dùthaich Impireachd na Ruise
Bàs Cille Chuimein, 5 dhen Lùnastal 1950
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche, sagart agus faclairiche
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach
Henry Dieckhoff
Abaid Chille Chuimein

Dh'ionnsaich e Gàidhlig ann agus rinn e sgrùdadh mionaideach air Gàidhlig Ghleanna Garradh a dh'fhoillsich e san fhaclair aige A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic. Thug e bliadhnaichean 'ga sgrìobhadh eadar 1920 agus 1932. Tha am faclair seo annasach a chionn 's gu bheil fuaimneachadh de gach facal ann, chan ann san tuiseal ainmneach a-mhàin ach san tuiseal ghinideach cuideachd a thaobh nan ainmearan.

B' fheudar dha na dotairean a leth-chas a thoirt dheth ann an 1947 agus cha b' urrainn dha coiseachd an dèidh sin. Thòisich e air sgeul a bheatha a sgrìobhadh an uairsin is chaochail e ann an 1950.

Tùsan

Ceanglaichean a-mach


Luchd-cànanachais na Gàidhlig
Henry Dieckhoff 
Tim ArmstrongMichael BauerCarl BorgstrømAnndra Mac a' CheàrnaighRichard CoxHenry DieckhoffNancy Dorian
Seumas GranndNils HolmerWill LambCoinneach MacFhionghuinAlasdair MacGilleBhàinGòrdon MacGilleFhinnein
Magne OftedalRoibeard Ó MaolalaighMáirtín Ó MurchúTomás Ó RathaileElmar TernesRoy Wentworth

Tags:

186919503 an t-Iuchar5 an LùnastalA' GhearmailtAn RuisAoghaireBerlinCaitligeachCille ChuimeinCànanaicheManachMartin LutherMosgoRuisisSagart

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

An Innd-InnseNeach-poileataigsAinmeanAn ÈipheitSaidheans PoileataigeachCastelló (roinn)CeòlCoimpiutaireachdUisge Dhè, Siorrachd Obair DheathainLee Marvin18 an GibleanNa h-Eileanan FilipineachPagastàn1578Taigh na h-UiseigEalain-lèirsinneachRuaraidh MacFhionghainAdolf Hitler18351986NìgeiriaAràibia nan SabhdGustav KirchhoffChubutDàirichEun-creachaidhStefania Turkewich3 an CèiteanBaile Átha CliathIain Eairdsidh MacAsgaillAn Crios-Grèine189914 an LùnastalFionnlannaisA' BheilgCoinneach I na h-AlbaCanadaCoimpiutairEunIain Mac a' Ghobhainn19381520Victoria (na h-Eileanan Sheiseall)19 an GearranBrabhsair-lìnDuais Nobel ann am FiosaigsLunnainn1627HTMLCeann-fionnMarie AntoinetteFèineagSpòrsBogotáEuroVirginia19mh LinnDeimosReykjavíkFiadh1934🡆 More