Magne Oftedal

'S e cànanaiche Nirribheach a bha ann am Magne Oftedal (Sandnes, 10 am Màrt 1921 - Oslo, 26 an Cèitean 1985) 's rinn e rannsachadh air dual-chainntean na Gàidhlig agus ceanglaichean fòn-eòlasach eadar cànain Cheilteach is Spàinnteach.

Rugadh e ann an 1921 ann an Sandnes, san sgìre Rogaland agus thòisich e air Fil-eòlas ionnsachadh aig Oilthigh Oslo ach bhris an Dàrna Cogadh Mòr a-steach air agus cha do chuir e crìoch air ceum, ann an cànanachas, ach ann an 1947 an dèidh deireadh a' chogaidh. Fhad 's e bha e 'na bhall air Oilthigh Oslo, rinn e obair-rannsachaidh air Eilean Leòdhais eadar 1949 is 1954 agus ri linn sin, dh'fhoillsich e pàipear cudromach air an robh The village names of Lewis in the Outer Hebrides ann an 1954 agus choisinn e inbhe dotaireachd le obair air Gàidhlig Liùrbost, The Gaelic of Leurbost ann an 1956. Rinn e rannsachadh gu h-àraidh air fuaim-eòlas na Gàidhlig 's na Cuimrise agus na Nirribhise fad a bheatha agus cuideachd ainmean-àite nan cànan sin agus fhuair esan ollamhachd aig Oilthigh Oslo an dèidh Carl Marstrander 's bha e ann mar ollamh cha mhòr fad 30 bliadhna. Bha e 'na dheasaiche os cionn na h-irise Lochlann - A Review of Celtic Studies eadar 1969 is 1974 agus bha e 'na bhall - no os cionn - ann an iomadh buidheann, leithid Det Norske Videnskaps-Akademi (o 1958) agus Norsk Forening for Språkvitenskap.

Magne Oftedal
Beatha
Breith Sandnes, 10 dhen Mhàrt 1921
Dùthaich Magne Oftedal Nirribhidh
Bàs Oslo, 26 dhen Chèitean 1985
Teaghlach
Cèile Eli Oftedal (en) Translate  (1947 -
Foghlam
Foghlam Oilthigh Oslo
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche
Fastaichean Oilthigh Oslo
Ballrachd Acadamh Nirribheach nan Saidheansan is Litrichean

Chaochail e ann an 1985 ann an Oslo.

Tùsan

Luchd-cànanachais na Gàidhlig
Magne Oftedal 
Tim ArmstrongMichael BauerCarl BorgstrømAnndra Mac a' CheàrnaighRichard CoxHenry DieckhoffNancy Dorian
Seumas GranndNils HolmerWill LambCoinneach MacFhionghuinAlasdair MacGilleBhàinGòrdon MacGilleFhinnein
Magne OftedalRoibeard Ó MaolalaighMáirtín Ó MurchúTomás Ó RathaileElmar TernesRoy Wentworth

Tags:

10 am Màrt19211947194919541956195819691974198526 an CèiteanAn SpàinnBliadhnaCogadhCuimrisCànanCànanan CeilteachDeasaicheDàrna CogadhGàidhligLeòdhasLiùrbostLochlannNirribhidhNirribhisOsloSandnes

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

LiotuàiniaEl SalbhadorSileadhDante Alighieri1090anAimearaga a DeasBarail-fhuasgladhSan MarinoUnited Kingdom Libertarian PartyLighicheDeòrsa II, Rìgh Bhreatainn is ÈireannFlada1546Bàgh na h-Eaglaise11 am MàrtSomàiliaAn t-Seann ÈipheitTUCCothrom (Uibhist a Deas)221A' Bheurla GhalldaCeimigeachdTionndadh GnìomhachaisSaideal (reul-eòlas)BerlinAiseirighMarie AntoinetteÅlandAibidil CirillachSealainn NuadhEasbaigDetroit, MichiganNa Stàitean AonaichteMontreal1788Alasdair mac Mhaighstir AlasdairLibèiria1829OmànÀiteachas19451941An Ostair47Spòrs“Esoterism”Leabhar-eòlaisVirginiaAm MàrtNeo-eisimeileachd na h-AlbaSèirbisMìosachan IulianachTenerife1931CrìosdaidheachdCharles DarwinKigaliLibrary of Congress Control NumberTaigh NelissenTrèanaÀrd-thìrRaspberry PiNollaigAlbannachH1600Ollisdal Lochscearc893Spioradalachd1117CalgaryA' PhloicLochlannach🡆 More