Manuel María Mallarino

B’ e Manuel María Mallarino Ibargüen, a rugadh ann an Cali 18 an t-Ògmhios 1808 agus a chaochail ann am Bogotá 6 am Faoilleach, 1872) fear-lagh, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia.

‘S e ball a’ Phàrtaidh Thòraidh a bh’ann, agus bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1855 agus 1857.

Manuel María Mallarino
Manuel María Mallarino
ball Seòmar Riochdairean Choloimbia

Beatha
Breith Cali, 18 dhen Ògmhios 1808
Dùthaich Manuel María Mallarino Coloimbia
Bàs Bogotá, 6 dhen Fhaoilleach 1872
Teaghlach
Cèile María Mercedes Cabal (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh a' Chauca
St. Bartholomew Major College (en) Translate
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat, neach-poileataigs agus neach-lagha
Ballrachd Academia Colombiana de la Lengua (en) Translate
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

Beatha

Phòs e María Mercedes Cabal, nighean Víctor Cabal, uachdaran-fearainn neartmhor à Buga, agus seann phròbhaist Cali. ‘S e esan an duine a reic ann oighreachd “El Paraiso” gu Jorge Enrique Isaacs, athair a’ bhàird, Jorge Isaacs. Steidhich esan an leabhair ainmeil aige “María” air María Mercedes Cabal fhèin. A bharrachd air sin, bha càideas fad às aice ri Misael Pastrana Borrero, a bha na cheann-suidhe eadar 1970 agus 1974.

An dèidh a leanabachd a chur seachad ann an Cali, chaidh e gu Popayán airson a chuid fhoghlaim àrd-ìre fhaighinn agus cùrsa ann an lagh a dheànamh aig Oilthigh a' Chauca, far an tug e ceum ann an lagh ann an 1831. An uair sin thoisich e a bhith an sàs ann an saoghal poiliteagach na roinne, ri taobh nan Tòraidh a bhios nam ministearan anns na làithean ri teachd, is fiù’s fhuair e àite ann an Seòmar nan Riochdairean ann an 1836. An dèidh sin fhuaireadh e àite anns an t-Seanaidh cuideachd a bharrachd air a bhith na Riaghladair anns na roinnean dhe Popayán agus Buenaventura. Fhuair e deagh dhuais airson a chuid obrach mhath a rinneadh e mar cheannard roinneil am Pàrtaidh Tòraidh ùr bhon a’ cheann-suidhe Tomás Cipriano de Mosquera, a dh’ainmich e Rùnaire na Dùthchannan Cèin ann an 1846, dreuchd a chumadh e gu ruige 1848. Cho-dhùin Mallarino an dùthaich fhàgail nuair an tug na Libearalaich an Riaghaltas os làimhe ann an 1849, is e na thàmh ann am Lima, Pearu; thill e chun na dùthcha aige ann an 1854, airson taic thoirt dhan cho-bhann dà-phàirtidh a bha airson a chur às dhan dheachdaire José María Melo.

Ceann-suidhe na Dùthcha

Nuair a chaidh an t-òrdugh laghail air ais leis an leas-ceann-suidhe José de Obaldía os a chionn, oir gun do chuir iad às dhan cheann-suidhe José María Obando, b’ fheudar dhan Chòmhdhail leas-ceann-suidhe ùr a thaghadh airson an teirm dhe dà bhliadhna eadar 1855 agus 1857. Chaidh an t-seann seansalair Mallarino a mholadh mar thagraiche an Aonaidh nàiseanta agus thug e an dreuchd os làimhe 1 dhen Ghiblean 1855. An aon latha b’ fheudar dha Mallarino dreuchd a’ chinn-suidhe a thoir os làimhe cuideachd, oir cho-dhùin an Còmhdhail gu robh Obaldía fhèin bu choireach airson Obando a thoirt a-mach agus chuir iad dheth e. Le sin, b’ fheudar dhuibh neach-ainmichte a lorg, is chaidh an Seanalair Joaquín París Ricaurte, fear dhen fheadhainn am broinn an Airm a chuir às do Mhelo, a mholdadh airson an dreuchd. Nuair a bha e os cionn an Riaghaltais bha caibineit dà-phàirtidh aige, leth chuid Libearalaich, leth chuid Tòraidhean. Le sin, thachair rud gu math anabarrach dhàsan: fhuair e taic bho gach uile buidheann ann an saoghal poiliteagach na dùthcha, fiù’s lùghdaich e an Arm gu na bu lugha na 400 saighdearan.

Tha e inntinneach gu do thoisich pròiseas feadaralachadh na dùthcha fo Riaghaltas aig Mallarion. Chaidh na stàitean Panama agus Antioquia a chruthachadh agus bha pròiseas cruthachadh na Stàitean Boyacá, Cauca, Cundinamarca, Magdalena, Bolívar agus Santander air dòigh.

An Dèidh a’ Chinneas

An dèidh an dreuchd sin fhàgail, bha e an sàs gu h-àraidh anns na meadhanan agus anns an fhoghlam, ged an d’fhuair e turas eile na Rùnaire na Dùthchannan Cèin ann an 1861 agus dh’fheuch e ris a’ cheannas fhaighinn a-rithist ann an 1872. Sa bhliadhna sin, bha e am measg an fheadhainn a steidhich Acadamaidh Coloimbianach a’ Chànain.

Iomraidhean

Tags:

Manuel María Mallarino BeathaManuel María Mallarino Ceann-suidhe na DùthchaManuel María Mallarino An Dèidh a’ ChinneasManuel María Mallarino IomraidheanManuel María Mallarino1808185518571872Am FaoilleachAn t-ÒgmhiosBogotáCaliCinn-suidhe CholoimbiaColoimbiaDùthaichLaghNeach-poileataigsPàrtaidh Tòraidh CholoimbiaRiochdaire dioplòmasach

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

AmhachBeusCreideamhÈirinn a TuathDuthaich1880Poll a' GhrùthainAfraga-EoràisiaCrioptonPalastainLSiorrachd Pheairt1743An OstairBaile a' Chuilinn1961Mao ZedongGeoimeatrasUnion List of Artist NamesMontanaLassieRiaghaltasCànanan Slàbhach23 an Cèiteanf0641An TuircTaistealachdBall-coiseBIBSYSNìgeirLunnainnDùn DèaghPublius Vergilius MaroArrecifeBing CrosbyNational Library of Australia1716VirginiaCSSBeàrnaraigh na HearadhKulturNavLeonardo da VinciBanca Rìoghail na h-AlbaBrùnaigh1934Library of Congress Control NumberCòinneachPicseal14451941Netherlands Institute for Art HistoryCalbhanaichOregonAachen1787George W. Bush15 an Dùbhlachd17 an DùbhlachdRapRèin-fhiadhAn t-SamhainUicipeidLeatrom1989An ÈipheitÀrsaidheachd1945An t-Seic4 am MàrtFreiceadan DubhAna-creideamh19 an LùnastalRuisisÀisia26 an t-Ògmhios🡆 More