B' e eaconomaiche, Innleadair, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bh’ ann am Virgilio Barco Vargas, Cúcuta, 17 an t-Sultain 1921 - Bogotá, 20 an Cèitean 1997).
Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1986 gu ruige 1990. Phòs e aig Mary Caroline Isakson à York (Pennsylvania) ann an 1950 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha. 'S e boireannach uabhasach beairteach a bhuineadh do theaghlach bho thall thairis a bh’ innte: bha athair an lùib gnothach a' pheatrail airson companaidh mhòr às Na Stàitean Aonaichte. Chaidh Barco Vargas dhan Oilthigh Nàiseanta Colombia anns a' chiad dol a-mach agus an ceann bliadhaichean chaidh e do MIT agus Oilthigh Boston.
Virgilio Barco Vargas | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
7 dhen Lùnastal 1962 - 5 dhen t-Sultain 1962
1966 - 1969
7 dhen Lùnastal 1986 - 7 dhen Lùnastal 1990 ← Belisario Betancur Cuartas - César Gaviria Trujillo → | |||||||||
Beatha | |||||||||
Breith | Cúcuta, 17 dhen t-Sultain 1921 | ||||||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||||||
Bàs | Bogotá, 20 dhen Chèitean 1997 | ||||||||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (Aillse) | ||||||||
Teaghlach | |||||||||
Cèile | Carolina Isakson Proctor (en) | ||||||||
Clann | |||||||||
Foghlam | |||||||||
Foghlam | Oilthigh Nàiseanta Colombia Massachusetts Institute of Technology Oilthigh Bhoston School Sacred Heart of Jesus (en) | ||||||||
Cànain | Spàinntis | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | einnseanair-thogalach, dioplomat, einnseanair agus neach-poileataigs | ||||||||
Duaisean a fhuaras | |||||||||
Creideamh | |||||||||
Creideamh | Caitligeachd | ||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia | ||||||||
virgiliobarco.com |
B' e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a bh’ ann am Barco Vargas agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar chomhairliche ann an Durania ann an 1943, nuair a bha e dìreach 22 bliadhna a dh'aois agus ann an Cúcuta fhèin ann an 1947. Chaidh a thaghadh na bhall-pàrlamaid ann an 1949 ach b' fheudar dha an dùthaich fhàgail ann an 1950 o chionn ’s cho cunnartach 's a bha an suidheachadh aig àm cogadh sìobhalta eadar an dà phàrtaidh mhòr. 'S ann thall thairis a chuir e crìoch air a chuid fhoghlaim. Dh' ionnsaich e fo dhithis ollamh a gheibheadh an Duais Nobel an ceann bliadhnaichean: Robert Solow agus Paul Samuelson.
Thill e dhan dùthaich aige fhèin ann an 1954 agus an ceann ceithir bliadhna, ann an 1958, chaidh a thaghadh dhan t-Seanadh. Bha e na Mhinistear na h-Obrach Phoblach eadar 1958 agus 1960 fo Alberto Lleras Camargo, na Rùnaire na Stàite bho 1962 agus 1963 agus an uair sin na Mhinistear an Àiteachais eadar 1963 agus 1964 fo Guillermo León Valencia. A bharrachd air sin bha e na thosgaire thall thairis dà thuras: ann am Breatainn (1961 - 1962) agus anns na Stàitean Aonaichte (1977 - 1980). Nuair a bha e os cionn Riaghaltas na dùthcha rinne tòrr an aghaidh bhochdainn agus leasaich e an riaghaltas fhèin. A dh'aindeoin sin, bha suidheachadh na Stàite gu math cugallach agus thug luchd-reic dhrogaichean droch bhuaidh mhòr air an dùthaich.
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Virgilio Barco Vargas, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.