Juan De Dios Aranzazu

B’ e Juan de Dios Aranzazu (La Ceja, Antioquia,8mh am Màrt 1798 - Bogotá, 14 an Giblean 1845) neach-poileataigs à Coloimbia, is e a’ chiad cheann-suidhe na dùthcha à Antioquia.

Bha e na Riaghladair air Antioquia eadar 1832 agus 1836. Thòisich e na ciad seiseanan Mòr-dhàil Roinn na h-Antioquia.

Juan de Dios Aranzazu
Juan De Dios Aranzazu
Beatha
Breith La Ceja, 8 dhen Mhàrt 1798
Dùthaich Juan De Dios Aranzazu Coloimbia
Bàs Bogotá, 14 dhen Ghiblean 1845
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (Aillse)
Foghlam
Foghlam St. Bartholomew Major College (en) Translate
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

Beatha

Rugadh e 8mh am Màrt 1798 ann an La Ceja, Antioquia, is e mac María Antonia González agus José María de Aranzazu a bh’ ann is ‘s e fear-malairt gu math beartach dhe freumhan Spàinnteach a bha na athair. Na òige, dh’ionnsaich e Lagh aig a’ Cholaiste San Bartolomé, ann am Bogotá. Bha esan fhèin ann sàs ann an gnothach aig an teaghlach aige cuideachd, is le sin b’ fheudar dhàsan a dhol mun cuairt air feadh Choloimbia agus na dùthchannan mu a thimcheall mar A' Bheiniseala agus Eileanan a’ Chairibianach.

Bha e an sàs anns a’ poileataigs bho 1823 agus bha e iomadh turas os cionn a' Mhòr-dhàil. Bha e na bhall a’ Cho-chruinneachadh ann an Ocaña ann an 1828. Thug e pàirt ann an coimisean còmhla ri José Antonio Páez a dh’fheuch, gun shoirbheachas, ris an sgaradh dhen Bheiniseal bho Coloimbia Mhòr a sheachnadh.

Thug e taic dhan ar-a-mach a rinn José María Córdova an aghaidh an deachdaireachdaig a’ Cheann-suidhe Simón Bolívar ann an 1829.

Riaghladair na h-Antioquia

Chaidh na bailtean Campamento, Cocorná, Ebéjico, Entrerríos, Girardota agus Liborina a steidheachadh fad ‘s a bha e na Riaghladair. ‘S e ro-ruitheach na rathaid chun na mara a bh’ ann.

Ceann-suidhe na Poblachd

Bha e na chathraiche Comhairle na Stàite rè an Riaghaltais aig Pedro Alcántara Herrán. Le sin, bha e na cheann-suidhe Cholombia eadar 1841 agus 1842, fhad ’s a bha Alcántara Herrán air dhìth is esan a’ stiùireadh na feachdan armachd aig àm Cogadh nan Àrdanach, agus leis nach b’ urrainn dhan leas ceann-suidhe, Domingo Caycedo Santamaría, an dreuchd fhaighinn air sgàth gu robh e tinn.

Cuimhneachadh

Chaidh am Baile Aranzazu, a stèidheachadh ann an 1853 ann an Caldas, mar chuimhneachadh an Fhir Poileataigs sin a rugadh ann an Antioquia, air sgàth 's gun tug esan fhèin am fearann far a bheil am baile an latha an-diugh mar thabhartas.

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)

Tags:

Juan De Dios Aranzazu BeathaJuan De Dios Aranzazu CuimhneachadhJuan De Dios Aranzazu IomraidheanJuan De Dios Aranzazu Ceanglaichean A-machJuan De Dios Aranzazu1798183218361845Am MàrtAn GibleanAntioquia (Roinn)BogotáColoimbiaLa CejaNeach-poileataigs

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

ClàirneidCreideamhBacteriaFìdheallGàidhlig meadhan na mara1865CLilongweGàidhligAbraham Lincoln1863IoràcSyracuse, Eabhraig Nuadh25 an t-IucharGnothachas1989NiocaraguaTeàrlach IIA' Bheurla GhalldaLeòmhann10 an t-ÒgmhiosLàn-thoradh Dùthchail195021 an t-IucharDràmaireCruinn-eòlasAngolaTuigse inntealtaFlorida937Telebhisean1970an2007Gall-Ghàidhealaibh658TuinisiaCosta ÌbhriDonald TrumpBudapest1626ÒrRudyard KiplingAimearaga a TuathMeanbh-fhrìdeSpòrsSalannPoblachd na h-ÈireannCùbaDàin do Eimhir1287Uisge-beatha2 an CèiteanEalain-lèirsinneachMassachusettsBall-coiseEaglais Chaitligeach2020Atharrachadh na Gnàth-shìdeÀirde1938Gàidhlig na h-Èireann60120015532024SgrìobhadairCoireaCòrnais4 an GearranDelawareNicosiaMeagsagoFionnlannais🡆 More