'S e eaconomaiche, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia th’ ann an Ernesto Samper Pizano (Bogotá, 24 an Dàmhair 1950).
Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 7 an Lùnastal 1994 agus 7 an Lùnastal 1998 agus tha e a’ buntainn do theaghlach Uachdaran uabhasach cumhachdail. B’ e bard ainmeil a bh’ ann a shin-sheanair, Jorge Fallon. Chaidh Samper Pizano dhan Oilthigh Javeriana ann am Bogotá agus dhan Oilthigh Cholumbia ann an Eabhraig Nuadh. Phòs e aig Silvia Arbeláez à Bogotá ann an 1972 agus rug i dithis duine-cloinne dha. Dhealaich iad ann an 1975 agus phòs e a-rithist ann an 1979, an turas seo aig Jacquin Strouss Lucena, à Medellín. Rug i dithis balach eile dha. S’ iad boireannaich gu math beairteach a th’ annta, a bhuineas gu clas sòisealta àrd.
Ernesto Samper | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
7 dhen Lùnastal 1994 - 7 dhen Lùnastal 1998 ← César Gaviria Trujillo - Andrés Pastrana Arango →
18 dhen Dàmhair 1995 - 7 dhen Lùnastal 1998 ← Suharto - Andrés Pastrana Arango → | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Bogotá, 3 dhen Lùnastal 1950 | ||||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||||
Teaghlach | |||||||
Athair | Andrés Samper Gnecco | ||||||
Cèile | Jacquin Strouss Lucena (en) (16 dhen Ògmhios 1979 - | ||||||
Clann | |||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam | Oilthigh Javeriana | ||||||
Cànain | Spàinntis | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | dioplomat, neach-lagha, eaconamaiche agus neach-poileataigs | ||||||
IMDb | nm0760064 |
‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a th’ ann Samper Pizano agus tha e air a bhith an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Chaidh e dhan t-Seanadh ann an 1986 agus bha e na sheanadair gu ruige 1990. Fhuair e bliadhna na mhinistear Leasachadh Eaconomach eadar 1990 agus 1991 fo César Gaviria Trujillo agus an uair sin chaidh e thall thairis na thoscair anns An Spàinn. Thill e a Choloimbia ann an 1993. An ceann bliadhna chaidh a thaghadh na cheann-suidhe agus, a rèir an lagha aig an àm, chan d’ fhuair e ach teirm san dreuchd. Bha e gu math connspaideach agus dh’fhàgadh airsan gun d’fhuair e airgead o luchd-reic drogaichean à Cali airson an iomairt phoileataigeach aige a mhaoineachadh. Thuirt Andrés Pastrana Arango, an ath cheann-suidhe, gu robh fianais ann, teipichean na measg, a dhearbhadh gun tug na luchd-reic drogaichean còrr is $6 muillean dòlar dha. B’ e sganal mòr a bh’ ann a rinn cròn air ach cha do deach e idir gu taigh-cùirte air sàilleabh gu robh dìonachd o chasaid aige. Tha Samper a-nis nma leas cheann-suidhe UNASUR, agus bha e os cionn NAM eadar 1995 agus 1998.
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Ernesto Samper, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.