Buga

'S e baile meadhanach ann am Valle del Cauca (Roinn), ann an Coloimbia a th' ann am Buga neo Guadalajara de Buga.

Buga
Buga Buga
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Buga
Sealladh air a' bhaile
Buga
Suidheachadh
Dùthaich Buga Coloimbia
Roinn Buga Valle del Cauca
Àirde 969m
Co-chomharran 03° 54′ Tuath
76° 18′ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 832 km²
Àireamh-shluaigh 116,893 (2005)
Dlùths 140.5/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Bhuga

Tha e suidhichte aig àirde dhe 969m os cionn ìre na mara 67km air falbh bho Chali, prìomh-bhaile na roinne, agus 445km bho Bhogotá. 'S e Buga an 44mh baile as motha na dùthcha. Chaidh am baile a steidheachahd ann an 1555.

Freumhan an Ainm

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm Guadalajara bhon a' bhaile leis an aon ainm ann An Spàinn. 'S ann às an ainm Arabais 'wād al-ḥaŷara (واد الحجرة neo وادي الحجرة) a tha Guadalajara agus tha e a' ciallachadh Abhainn na Clachan. Tha na h-ùghdarrsan a'creidsinn gur e ainm Tùsanach a th'ann an eilimeid Buga, oir bha tuathan Carib nan tàmh an seo ro ruigheachd nan Spàinnteach. A bharrachd air sin, tha tòrr àite ris an canar Buga ri fhaicinn air feadh A' Chairibìan.

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 116,893 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 17,000 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Buga. A bharrachd air sin. ‘s e Tùsanaich a th’ann 0.1% agus tha 8.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 93.9% dhe na daoine ann an Buga leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 63.5% dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Buga. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

Manuel Antonio Sanclemente: Ceann-Suidhe na dùthcha eadar 1898 agus 1900.

Eliseo Payán: Ceann-Suidhe na dùthcha ann an 1887.

Bailtean Ceangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann am Buga

Buga 
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Buga Freumhan an AinmBuga Sluagh a bhaileBuga FèiseanBuga Daoine AinmeilBuga Bailtean CeangailteBuga IomraidheanBuga Ceanglaichean A-machBuga1555BogotáCaliColoimbiaValle del Cauca (Roinn)

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Adolf HitlerAlasdair Uaibhreach1850AfganastanA' ChongoDàirichGiùlanAn Crios-GrèineBizkaia (provincia)Làrach-lìnNa h-Eileanan Filipineach9 an Lùnastal19341520Misael Pastrana BorreroGàidhlig na h-Èireann1695An ÀithneMarxachas133519 an Dùbhlachd1899AiltireachdJosé Vicente ConchaÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichte24 an GibleanRomàinisFrederick John Robinson, 1d Biocas GoderichCorp-eòlasMalairt201463323 an GibleanWiki CommonsAn t-Àrd RuighErwin SchrödingerProbhaistBurundaidhA' BheilgSvalbardBun-reachdBraisilIain Mac a' GhobhainnDùn BarraRotterdamAstràiliaJohn Howard NorthropPoileataigsPopayánAn Dàrna CogadhTutankhamunPrìosan12 an GibleanRaibeart I na h-AlbaCòrn SasannachSlàinteFionnlannaisA' PhruisFilmA' Bheurla GhalldaBaile Átha CliathJohn Paul JonesKarachiUicipeid1 an GearranDannsaAonachDùn ÈideannÁlava (provincia)1937🡆 More