An Spàinn

From Wikipedia, the free encyclopedia

'S e stàit anns an Eòrpa an Iar a tha anns an Spàinn[1][2][3][4][5][6] (Spàinntis: España, uaireannan an Spàinnt[7]). Tha crìochan aice sa tuath leis an Fhraing agus le Andorra, san iar leis a' Phortagail, san ear is sa deas leis a' Mhuir Mheadhanaich agus le Giobraltair. 'S e Rìoghachd ann a th' anns an Spàinn an latha an-diugh, ach tha i air a bhith fo iomadh Cheannardan agus siostaman riaghlaidh eadar-dhealaichte, poblachdan agus deachdairean na measg.

Reino de España

Rìoghachd na Spàinne
Flag of Spain.svg
Bratach
Escudo de España (mazonado).svg
Gearradh-arm
EU-Spain.svg
Laoidh Nàiseanta
Marcha Real (Spàinntis)
"Royal March"
Sluagh-ghairm nàiseanta
Plus Ultra  (Laideann)
"Further Beyond"
Cànan(an) oifigeilSpàinntis (Castellano)
Mion-chànan(an)Aranese, Basgais, Catalanais is Gailìsis
Prìomh-bhaileMadrid
Baile as mothaMadrid
RiaghaltasMonarcachd bhun-reachdail (Deamocrasaidh pàrlamaideach)
RìghFelipe VI
Prìomh-mhinistearPedro Sánchez Pérez-Castejón
Stèidheachadh
Aonadh1516
de facto1716
de jure1812
Farsaingeachd
Iomlan195,364 km² (51mh)
Uisge1.04 %
Àireamh-shluaigh (2018)
Iomlan47,007,367 (29mh)
Dlùths92.91/km² (112mh)
LTD/CCC (2007)
gach pearsa$31,471 (26mh)
Roinn tìdeCET (UTC+1)
as t-samhradhCEST (UTC+2)
Ruith-airgidEuro (€)
Prìomh àrainn-lìn.es
Còd Àireamh fòn34

Tha roinnean aig an Spàinn:

'S i rìoghachd ioma-nàiseantach a th' innte. Bruidhnear mòran cànain agus dual-chainntean eadar-dhealaichte anns an Spàinn. Ged a tha Spàinntis na cànan oifigeil, tha Catalanais, Basgais, is Gailìsis co-oifigeil anns na Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh. Ann an Val d'Aran, bithear a' bruidhinn an dual-chainnt Aranais, cànan co-oifigeil a tha càirdeach ri Ogsatanais.

Eachdraidh

Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.

Bailtean mòra

Seo liosta nam bailtean as motha anns an Spàinn:[8]

Cruth na tìre

Tha dà fhàsach anns an Spàinn: Bardenas Reales faisg air Nafarroa, agus Fàsach Thabernas anns an sgìre Almería.

Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh

A bharrachd air sin, tha 60 Roinnean anns an dùthaich.

Daoine ainmeil

Faic cuideachd

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
  3. Brìgh nam Facal, Faclair Ùr don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0903204215
  4. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  5. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  6. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  7. Edward Dwelly, Illustrated Gaelic-English Dictionary, Birlinn Limited, Dùn Èideann, 2001, ISBN 1841581097
  8. Mongabay
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:


Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 3.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
This article uses material from the Wikipedia article An Spàinn, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors).