Belisario Betancur Cuartas

B' e fear-lagha, agus riochdaire dioplòmasach agus neach-poileataigs à Coloimbia a bh’ ann am Belisario Antonio Betancur Cuartas (Amagá, 4 an Gearran 1923 - Bogotá, 7 an Dùbhlachd 2018).

Bha e na cheann-suidhe Choloimbia bho 7 an Lùnastal 1982 gu 7 an Lùnastal 1986. 'S ann do theaghlach beairteach a bhuineas e. Chaidh e dhan Oilthigh Bholivariana. Phòs e aig Rosa Helena Álvarez Yepes, à Medellín, ann an 1945 agus rug i triùir duine-cloinne dha. Bha ise dìreach 21 bliadhna a dh'aois aig an àm. Chaochail i ann an 1998. Phòs Betancur a-rithist ann an 2000 aig Dalia Rafaela Navarro Palmar.

Belisario Betancur Cuartas
Belisario Betancur Cuartas
ambassador of Colombia (en) Translate


ball Seòmar Riochdairean Choloimbia

20 dhen Iuchar 1951 - 20 dhen Iuchar 1953
ball Seanadh Choloimbia

20 dhen Iuchar 1970 - 20 dhen Iuchar 1978
26. Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1982 - 7 dhen Lùnastal 1986
Julio César Turbay Ayala - Virgilio Barco Vargas
Beatha
Breith Amagá, 4 dhen Ghearran 1923
Dùthaich Belisario Betancur Cuartas Coloimbia
Belisario Betancur Cuartas An Spàinn  (3 dhen Lùnastal 2012 -
Bàs Bogotá, 7 dhen Dùbhlachd 2018
Nàdar a’ bhàis  (kidney infection (en) Translate)
Teaghlach
Cèile Rosa Helena Álvarez Yepes (en) Translate
Clann
Foghlam
Foghlam Universidad Pontificia Bolivariana
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat, neach-lagha, neach-naidheachd, neach-poileataigs agus sgrìobhadair
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Acadamh Eòrpach nan Saidheansan is nan Ealan
Academia Mexicana de la Lengua (en) Translate
Acadamh Saidheansan Sòisealta a' Phàpa
North American Academy of the Spanish Language (en) Translate
Club of Rome (en) Translate
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

Thoisich e ann am Poileataigs mar chomhairliche ann an Antioquia eadar 1945 agus 1947. Bha tòrr eòlasan aig san Riaghaltas: bha e na Mhinistear an Fhoghlaim fo Alberto Lleras Camargo fad corra mìos ann an 1960: na mhinistear na h-Obrach fo Ghuillermo León Valencia bho 1962 gu 1963. A bharrachd air sin, chuir e seachad dà bhliadhna thall thairis na thosgaire san Spàinn, bho 1975 gu 1977. B' esan an aon bhall-chruinneachaidh a thug taic do Mhariano Ospina Pérez an aghaidh Ghustavo Rojas Pinilla. Bha e na thagriache neo-oifigeil an aghaidh Mhisael Pastrana Borrero ann an 1970, ach chaill e.

Chaidh Betancur a thaghadh ann an 1982, mu dheireadh thall. B' fheudar dha dèiligeadh ri iomadh dùbhlan nuair a bha e os cionn an Riaghaltais. Ghlac buidheann cheannairceach, air an robh M-19, an àrd-chùirt: Cha do rèitich betancur riutha agus thug e òrdughan dhan Arm: chaochail mòran ann am batal eadar saighdearan agus Reubaltaich. Chaidh còrr is 25,000 duine a mharbhadh nuair a spreadh a' beinn-teine Nevado del Ruiz ann an 1985, a rinn sgrios air Armero: dh'fhàgadh air an Riaghaltas gu robh laigsean mòra anns dòigh a dhèilig iad ris an t-suidheachadh. Dhiùlt esan Cupa na Cruinne a chumail: thuirt e nach b' urrainn do Choloimbia am farpais fhaighinn agus gu robh esan airson an t-airgead a' caitheamh ann an leasachadh na dùthcha. 'S e Colombia an aon dùthaich a dhiùlt am farpais fhaighinn a-riamh.

Ministearan

  • Rùnaire na Stàite: Rodrigo Escobar Navia (1982-1984)/Jaime Castro Castro (1984-1986)
  • Ministear nan Dùthchanan Cèin: Rodrigo Lloreda Caicedo (1982-1984)/Augusto Ramírez Ocampo (1984-1986)
  • Ministear a' Cheartais: Bernardo Gaitán Mahecha (1982-1983)/Rodrigo Lara Bonilla (1983-1984)/Enrique Parejo González (1984-1986)
  • Ministear an Ionmhais: Edgar Gutiérrez Castro (1982-1983)/Roberto Junguito Bonnet (1983 - 1984)/Hugo Palacios Mejía (1985-1986)
  • Ministear an Dìona: Fernando Landazábal Reyes (1982-1984)/Gustavo Matamoros D`Costa (1984-1985)/Miguel Vega Uribe (1985-1986)
  • Ministear an Àiteachais: Roberto Junguito Bonnet (1982-1983)/Roberto Mejía Caicedo (1983-1985)/Gustavo Castro Guerrero (1985-1986)
  • Ministear na h-Obrach agus Sochran Sòisealta: Jaime Pinzón López (1982-1983)/Guillermo Alberto González (1983-1984)/Germán Bula Escobar (1984) | Jorge Carrillo Rojas (1984-1986)
  • Ministear na Slàinte: Jorge García Gómez (1982-1984)/Jaime Arias Ramírez (1984-1985)/Rafael de Zubiria Gómez (1985)/Efraín Otero Ruíz (1985-1986)
  • Ministear an Leasachadh Eaconomach: : Roberto Gerlein Echeverría (1982-1983)/Hernán Beltz Peralta (1983)/Rodrigo Márin Bernal (1983-1984)/Gustavo Castro Guerrero (1984-1986)
  • Ministear Mèinnean agus Lùths: Carlos Martínez Simahan (1982-1984)/Álvaro Leyva Duran (1984-1985)/Iván Duque Escobar (1985-1986)
  • Ministear an Fhoghlaim: Jaime Arias Ramírez (1982)/Doris Eder de Zambrano (1984-1985)/Liliam Suárez Melo (1985-1986)
  • Ministear a' Chòmhdhail: José Fernando Isaza Delgado (1982-1983)/Hernán Beltz Peralta (1983-1985)/Rodolfo Segovia Salas (1985-1986)
  • Ministear a' Conaltraidh: Bernardo Ramírez Rodríguez (1982)/Noemí Sanín Posada (1982-1986)

Iomraidhean


Tags:

19231945198219861998200020184 an Gearran7 an Dùbhlachd7 an LùnastalAmagáBogotáColoimbiaLaghMedellínNeach-poileataigsRiochdaire dioplòmasachTeaghlachUniversidad Pontificia Bolivariana

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Alberta19381960BeathaicheanAn Dàrna CogadhAirgead (malairt)Coinneach I na h-AlbaCatHionduthachdGreugaisBraisilPoilisacaraidCarl BoschNa h-Eileanan Filipineach28 am MàrtGàidhligCruitSudanEaconomaidhCroitearachdSòisealachd Libeirtèireach201417 am Faoilleach12 an t-ÒgmhiosJohn MuirChubutMiotas-eòlasBizkaia (provincia)Luibh-eòlasA' Bheurla GhalldaGebzeGnothachasOntario157815 am FaoilleachEadar-lìonJim MacGilleEathainRonaldinhoVirginiaFrederick John Robinson, 1d Biocas GoderichPrìosanAstràiliaZenanaA' PhruisCarles Puigdemont i CasamajóDonald TrumpWiki CommonsRìoghachd eSwatiniBurundaidhAn FhraingAonachJohn Howard Northrop1520Buain na mònaÀrsaidheachdKarachiIntegrated Authority FileArgonEòlas-comainnAn Àithne800Castelló (roinn)Raibeart I na h-AlbaDùthaich nam Basgach🡆 More