Julio César Turbay Ayala

B' e neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia bh’ ann an Julio César Turbay Ayala (Bogotá, 18 an t-Ògmhios 1916, ibidem, 13 an t-Sultain, 2005).

Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 7 an Lùnastal 1978 agus 7 an Lùnastal 1982. Bhuineadh Turbay do theaghlach in-imrich: b' ann à Leabanon a bha athair, ged a rugadh a mhàthair ann an Coloimbia. Cha deach e idir dhan oilthigh, ged a fhuair e dotaireachd honoris causa à Oilthigh an Rosario. Phòs e aig nighean a pheathar, Nydia Quintero Turbay à Neiva ann an 1948 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha. Dhealaich iad ann an 1983. Phòs e a-rithist ann an 1987, an turas seo aig Amparo Canal Sandoval. Chaidh a nighean, Diand Turbay, a mharbhadh le Pablo Escobar.

Julio César Turbay Ayala
Julio César Turbay Ayala
ambassador of Colombia to Italy (en) Translate


ambassador of Colombia to the United States (en) Translate


president of the Senate of Colombia (en) Translate

1969 - 1970
president of the Senate of Colombia (en) Translate

1974 - 1975
Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1978 - 7 dhen Lùnastal 1982
Alfonso López Michelsen - Belisario Betancur Cuartas
Beatha
Breith Bogotá, 18 dhen Ògmhios 1916
Dùthaich Julio César Turbay Ayala Coloimbia
Bàs Bogotá, 13 dhen t-Sultain 2005
Àite-adhlacaidh Jardines de Paz (en) Translate
Teaghlach
Cèile Nydia Quintero Turbay (en) Translate
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh a' Chauca
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat, neach-lagha, eaconamaiche agus neach-poileataigs
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a th’ ann Turbay agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar chomhairliche ann an 1938 ann an Engativá, air sàilleabh gu robh e an lùib gluasad poileataigeach air an robh Revolución en Marcha (Gàidhlig: Ar-a-mach air an t-Slighe) agus e gu math dlùth air Alfonso López Pumarejo. B' e deachdaireachd an Airm a thug piseach airsan ann an saoghal poileataigeach na dùthcha. Bha e na mhinistear nam Mèinn agus a' Pheatrail eadar 1957 agus 1958 fo Gabriel París: na mhinistear nan Dùthchannan Cèin eadar 1958 agus 1961 fo Carlos Lleras Camargo. A bharrachd air sin, b' e riochdair dioplòmasach a bh' ann cuideachd: bha e na thosgaire thall thairis ann am Breatainn (1973 - 1975),  anns Na Stàitean Aonaichte (1975 - 1976), ann an Cathair na Bhatacain (1987 - 1989) agus anns An Eadailt (1991 - 1993). Chaidh a thaghadh na cheann-suidhe agus, a rèir an lagha aig an àm, chan d’ fhuair e ach teirm san dreuchd. Bha e gu math connspaideach agus dh’fhàgadh airsan gu robh e lag a thaobh FARC.

Iomraidhean


Tags:

13 an t-Sultain18 an t-Ògmhios19161948197819821983198720057 an LùnastalAthairBogotáColoimbiaLeabanonMàthairNeach-poileataigsNeivaOilthigh an RosarioPablo EscobarRiochdaire dioplòmasachTeaghlach

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Joe BidenRomanaisAn t-ÒbanStèisean Drochaid an AonachainISOBovidaeMartin LutherGiotàrNirribhidhIasgachSudàn a DeasLosgannAn Cogadh Mòr17 am Màrt856San Diego, CalafòrniaPi (àireamh)Uilleam III Shasainn is II AlbaPeatrailGoiriolaLeonardo da VinciTeàrlach IIIGlaschu an Iar-Thuath (sgìre Phàrlamaid Westminster)Prògram (coimpiutair)1549ParisFrancesco Totti10 am FaoilleachFriedrich von HayekÈirinn a TuathCo-chomharran an DomhainWalt DisneySaidheansUlaidhBeinnEòrpiumCeap BreatainnUilleam MacMhathainBurgos18 an t-IucharWillie NelsonAchd an AonaidhStockholmIain Eairdsidh MacAsgaill1573Ostair-UngaireGealachStephen HawkingKilimanjaroCeimigeachdJustin BieberMeanbh-fhrìdeJa, vi elsker dette landetBeulGille-tòineSiorcòniumAn Tòb640RùsgPeter HiggsBili OslavyIván DuqueDàibhidh CamshronBuidheann Cùmhnant an Atlantaig a Tuath4 an t-IucharCadalAn t-Aonadh EòrpachSloibhìniaAlexei NavalnyIerusalem🡆 More