Uilleam Macmhathain

B' e sgoilear agus ministear a bh' anns an Urramach Uilleam MacMhathain (25 an Lùnastal 1910–30 an t-Samhain 1995) (Far-ainm: Uilleam a' Mhiseanaraidh; Beurla: Rev.

William Matheson)

Uilleam MacMhathain
Beatha
Breith Malacleit, 25 dhen Lùnastal 1910
Dùthaich Uilleam Macmhathain Alba
Bàs 30 dhen t-Samhain 1995
Teaghlach
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Boroughmuir High School (en) Translate
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
Oilthigh Dhùn Èideann
(1929 - 1933)
Colaiste Ùr Dhùn Èideann
(1938 - 1943)
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd ministear agus sgoilear
Creideamh
Creideamh Eaglais na h-Alba

Tha cliù aige mar sgoilear Gàidhlig cho barraichte 's bha anns an fhicheadamh linn le 'cas an dà chuid an academia agus am beul-aithris'. B' e an t-Ollamh Aonghas MacMhathain a bhràthair na b' òige a bha Cathair na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu.

A bheatha

Rugadh e ann am Màlacleit agus thogadh e ann an Solas, Uibhist a Tuath.

B' e mac Calum MacMhathain agus Màiri Mhoireach a bh' ann. B' ann à Leòdhas a bha an dithis aca. B' e miseanaraidh aig an Eaglais Shaor Aonaichte a bh' ann a athair a thug far-ainm do Uilleam.

Leis a bhràthair Aonghas, chaidh e dhan tìr-mhòr airson àrd-sgoil. Chuir Uilleam seachad dà bhliadhna aig Àrd-sgoil Boroughmuir annan Dùn Èideann ach chaidh e an uair sin dhan Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis ann an 1926.

Beatha Obrach

Anns an Eaglais

Thug MacMhathain a-mach a bhith na mhinistear as dèidh dha ceumnachadh. Thòisich e an ceann coitheanal anns a' Bhlàr Dhubh (eadar 1941-1945) agus an uair sin ann an Tobar Mhoire (eadar 1945-1952).

A Bheatha Sgoilearach

B' ann air Oilthigh Dhùn Èideann a thug e aghaidh ann an 1929, far an d' fhuair e ceum le urram ann an Eachdraidh ann an 1933. Mus chuir e crìoch air an ceum ann an eachdraidh, chaidh a tharraing am measg coimhearsnachd sgoilearachd na Gàidhlig aig an Oilthigh a stiùir an t-Àrd-Ollamh Uilleam MacBhatair agus nuair a bha Somhairle MacGill-Eain, Kitty NicLeòid agus Seumas MacGilleMhìcheil MacBhatair ann. B' ann às an rannsachaidh sin a thàinig an leabhar The Songs of John MacCodrum: an dàrna leabhar a dh'fhoillsich Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba.

Fhad's a bha e sa mhinistrealachd, ghabh e an cothrom eòlas fhaighinn air beul-aithris agus eachdraidh gach sgìre far an robh e ag obair.

Bha e na Leughadair (Reader) ann an Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann. Thar nam bliadhnaichean, chlàr Uilleam beul-aithris agus òrain as leth Sgoil Eòlais na h-Alba. Chlàr e timcheall air 200 òran còmhla ri Seumas Ros anns an 50an. As dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth, rinn e clàraidhean dhe fhèin dhan Sgoil Eòlais le a charaid Iain Peadarsan. Tha 540 clàraidhean air Tobar an Dualchais far a bheil Uilleam MacMhathain a’ nochdadh mar fhiosraiche agus 33 clàraidhean mar neach-clàraidh.

Tha Willie Gillies a' meas gur e sgoilear thar chàch a bh' ann agus gun tug e buaidh làidir air sgoilearachd na Gàidhlig. Bha a saothair a rinn e airson eachdraidh agus luach nan òran Gàidhlig a thaisbeanadh air leth.

Dìleab

Dh'ionnsaich Ceana Chaimbeul agus a theaghlach iomadach òrain bho Uilleam.

Clàr-èisteachd

  • William Matheson. Gaelic Bards And Minstrels (Scottish Tradition Series vol 16) deas. le Mòrag NicLeòid Màrt 2010. Dà CD aig CDTRAX9016Ds-vol-1.

Nota: Litreachadh a' leantainn CD le Greentrax CDTRAX 9016D 2000

Clàr 1 (Iorram):

  • Thriall ur bunadh gu Pharao ;
  • An Làir Dhonn ;
  • Deoch-Slàint' an Iarla Thuathaich sin ;
  • Och a Mhuire mo dhunaidh ;
  • An deicheamh là de thùs a' Mhàirt ;
  • Mo bheud 's mo chràdh ;
  • Bhliadhna leumadh dh'ar milleadh ;
  • An talla bu ghnàth le Mac Leòid ;
  • Moch 's mi 'g èirigh sa mhadainn ;
  • An naidheachd seo 'n dé ;
  • Mo chràdhghal bochd ;
  • A bhean, leasaich an stòp dhuinn ;
  • Ri fuaim an taibh ;
  • Cha sùrd cadail ;
  • Moch 's a' mhadainn 's mi 'g èirigh ;
  • 'S tìm dhomh dùsgadh o m' shuain ;
  • 'S goirt leam gaoir nam ban Muileach --

Clàr 2 (Amhran):

  • 'S i seo 'n aimsir an dearbhar ;
  • Mìle marbhphaisg air an t-saoghal ;
  • Mo rùn geal òg ;
  • Thèid mi le m' dheòin ;
  • Feasgar Luain ;
  • Òran an t-Samhraidh ;
  • O Iain Ghlinn Cuaich ;
  • A Bhliadhna gus an aimsir seo ;
  • Òran Coire Cheathaich ;
  • Moch 's a' mhadainn Di-Dòmhnaich ;
  • Moladh air piob-mhòr Mhic Cruimein ;
  • Creach na Ciadaoin ;
  • Allt an t-Siùcair ;
  • Trì fichead bliadhna 's a trì ;
  • Òran mòr MhicLeòid ;
  • Nis o' n tha mi 'm ònaran ;
  • Dòmhnall nan Dòmhnall ;
  • Ged is socrach mo leaba.

Clàr-leabhraichean

  • 1938. The songs of John MacCodrum: bard to Sir James MacDonald of Sleat deas. le William Matheson (Edinburgh: Oliver & Boyd for the Scottish Gaelic Texts Society)
  • 1970. The Blind Harper: the songs of Roderick Morison and his music deas. le William Matheson (Edinburgh: Scottish Gaelic Texts Society)
  • 1973. Highland surnames. Matheson, William. (Inverness: An Comunn Gaidhealach)

Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn

  • 1994. Thomson, D.S. (deas.) The Companion to Gaelic Scotland (Glasgow: Gairm), d.197.
  • 1998. Nancy Ross McGuire A catalogue of the papers of the Rev. William Matheson. Catalogue of papers held in the National Library of Scotland, Manuscripts Division, accession no. Acc.9711. (Aberdeen: University of Aberdeen)
  • Blankenhorn, V.S. 'The Rev. William Matheson and the Performance of Scottish Gaelic 'Strophic' Verse.'
  • 2014. Chaimbeul, Ceana. 'An t-Urr. Uilleam MacMhathain' ann an Tobar an Dualchais: Ulaidh Nàiseanta/ Kist o Riches: A National Treasure deas. le Chris Wright (An t-Eilean Sgitheanach: Tobar an Dualchais), d.97-100 (agus sa Bheurla d.101-4)

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Uilleam Macmhathain A bheathaUilleam Macmhathain Beatha ObrachUilleam Macmhathain DìleabUilleam Macmhathain Clàr-èisteachdUilleam Macmhathain Clàr-leabhraicheanUilleam Macmhathain Sgrìobhaidhean mu a dheidhinnUilleam Macmhathain IomraidheanUilleam Macmhathain Ceanglaichean a-machUilleam Macmhathain1910199525 an Lùnastal30 an t-SamhainBeurla

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

1945Farsaingeachdcumadh10 an CèiteanNorrköpingCreideamhWiki CommonsGàidhligIorànLibrary of Congress Control NumberNa h-Eileanan SamhraidhElla FitzgeraldKen KeseyCaolKigaliRaspberry PiBàgh na h-EaglaiseSteve Jobs1008Alasdair mac Mhaighstir Alasdair1653CùbaDiobùtaidhNicolaus CopernicusAm MàrtAn Roinn-EòrpaCànanAnna, Bànrigh Shasainn, Alba is ÈireannDuais Nobel ann an CeimigeachdÅlandAfraga a DeasGuadeloupeFeallsanachdEasotaireachdHauts-de-SeineEasbaig407An Cogadh MòrMàiliAn t-Urramach Jack MacArtair1890anUilleam III Shasainn is II AlbaCuan InnseanachA' Bheurla Ghallda20 an GibleanIoràcAn AbchasAberfalUisge Dhè, Siorrachd Obair DheathainCian-chonaltradhBreatannaisLeabhar-eòlaisAn FhraingPortBrandenburgBuidheann cinneachailCSS1992Lochan Dubh nam BreacHMatamataig10 an DàmhairTsadeAn RuisDà-chànanasTony KearneyAn ÈipheitCeit FhoirbeisPoblachd Dheamocratach na CongoSlighe Costa na Cuimrigh🡆 More