'S e baile beag ri taobh Medellín ann an Antioquia, Coloimbia, a th'ann Amagá.
Tha e suidhichte anns a' Ghleann Aburrá. Ann an 2002 bha 26,954 duine a' fuireach an seo. Chaidh am baile a stèidhicheadh ann an 1788.
Cur air cois | 1788 |
---|---|
Dùthaich | Coloimbia |
Sgìre riaghaltais ionadail | Southwestern Antioquia, Antioquia |
Domhan-leud is -fhad | |
Cànan obrach no ainm | Choco |
Làrach-lìn | http://amaga-antioquia.gov.co/sitio.shtml |
Cód fónaichean-talmhainn | 0057 4 |
A-rèir a' bheul-aithris, thug na Tùsanaich Katìo an t-ainm “Amagá” air an làraich far a bheil am baile a-nis. Nam biodh sin ceart, bhiodh am facal “Amagá” a' ciallachadh "Coltach ris a' Gheilmhin, bho “ama” (geilmhin) agus “ká” (coltach ri). “Amaká”, neo “Amagá” an latha an-diugh.
Tha mìneachadh eile ann, a tha a' dearbhadh gur ann às an fhacal “Omogá”, a thàinig an t-ainm "Amagá". 'S e clachan beag aig na Tùsanaich Nutabes, buidheann eile a bha nan tàmh anns an sgìre, a bh'ann “Omogá”. Dh'atharraich na Spàinntich ainm a' chlachain gu “Pueblo de las Peras” (Baile nam Peuran). Cha robh facal aig na Spàinntich airson avocado, leis gur e meas à Aimearaga a th'ann, agus thug iad peuran (Spàinntis: peras) orra.
Tha 27,155 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 13,085 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Amagá, ach tha 0.3% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 87.9% dhe na daoine ann an Amagá leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 54.1% dhe na dachannan.
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Amagá. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Amagá, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.