Jorge Isaacs

B’ e bàrd, ùghdar cliùiteach agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bh’ ann an Jorge Ricardo Isaacs Ferrer, (Cali, 1 an Giblean 1837 - Ibagué, 17 an Giblean 1895).

Bha e an lùib romansachd. Bha Isaacs beò nuair a bha an dùthaich ùr fhathast ga cho-dhaingneachadh agus bha an suidheachadh poileataigeach gu math connspaideach aig amannan. Bhuineadh e do theaghlach Iùdhach à Sasainn a dh’ fhàg Iaimeuca anns a’ chiad leth dhen 19mh Linn agus a ghabh ri Crìosdaidheachd. Thug Chateaubriand buaidh mhòr airsan.

Jorge Isaacs
Jorge Isaacs
ball Seòmar Riochdairean Choloimbia


President of the Sovereign State of Antioquia (en) Translate

1 dhen Ghearran 1880 - 13 dhen Mhàrt 1880
Pedro Restrepo Uribe (en) Translate - Pedro Restrepo Uribe (en) Translate
Beatha
Ainm slàn Jorge Ricardo Isaacs Ferrer
Breith Cali, 1 dhen Ghiblean 1837
Dùthaich Jorge Isaacs Coloimbia
Bàs Ibagué, 17 dhen Ghiblean 1895
Àite-adhlacaidh San Pedro Cemetery Museum (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (Mailèiria)
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd dioplomat, neach-poileataigs, sgrìobhadair, saighdear agus bàrd
Obraichean comharraichte María
Gluasad romantaigeachd
Gnè ealain nobhail
Seirbheis san arm
Strì Colombian civil war (en) Translate
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

Beatha

Chan eil tòrr fhios againne an-diugh mu bhliadhnachan tràth a’ bhàird. Tha e coltach gun d’ fhuair e sgoil ann an Cali fhèin agus an uair sin ann am Popayán, agus deach e gu sgoiltean eile ann am Bogotá eadar 1848 agus 1852, nuair a bha José Hilario López na cheann-suidhe. ‘S e an sgìre aige fhèin nuair a bha e na phàisd, Valle del Cauca, a nochdas mar as trice sa chuid obrach, an dà chuid rosg agus bàrdachd, mar phàrras na sìthe air an talamh. Chuir an ùine a bha e a-muigh thall ann am Bogotá crìoch dhoirbh air na làithean geala ud. Thill e gu Cali ann an 1852, gun a chuid fhoghlaim sa phrìomh-bhaile a chrìochnachadh.

Cha bu ghann a bha cogaidhean ann an Coloimbia fad an 19mh Linn agus shabaid Isaacs an aghaidh an Deachdair José María Melo ann an Cauca, fad seachd mìosan ann an 1854. Thug an cogadh sin buaidh làidir air a theaghlach a thaobh airgid air sgàth sin, rud a chleachd e fhèin anns an nobhail María. Rinn e sin a-rithist ann an 1860 nuair a shabaid e an aghaigh Tomás Cipriano de Mosquera, a dh’èirich an aghaidh an Riaghaltais ann am Bogotá. Gabh Isaacs pàirt ann an Cath Mhanizales.

Phòs Isaacs aig Felisa González Umaña ann an 1856: bha ise dìreach 14 bliadhna a dh’aois. Fhuair iad iomadh duine-cloinne agus chuidich ise anns na tursan a rinn e dhan Roinn Eòrpa, Aisia agus Afraga nuair a bha e ainmeil. Thoisich e a bheòshlainte fhaighinn ann am malairt, gun shoirbheachas agus an uair sinn thoisich e bàrdachd agus sgeulachd a sgrìobhadh: tha an dàn tràth aige a dol air ais gu 1859 - 1860; ‘s ann aig an àm seo a chuir e a làmh gu drama eachdraidheil cuideachd.

Chaochail athair ann an 1861. Thill Isaacs gu Cali an dèidh a’ chogaidh agus b’ e esan a bha an urra ri gnothaichean athar a rèiteachadh, agus na fiachan cuideachd. B’ e fheudar dha dà oighreachd a reic: "La Rita" agus "La Manuelita". Bha an suidheachadh cho doirbh gum bu chòir dha a dhol air ais a Bogotá airson luchd-lagha fhastadh agus nuair a bha e ann chunnaic e gun do chòrdadh na sgrìobhadh e riutha an siud. Leugh e a chuid bhàrdachd dhan bhuidheann (Spàinntis: tertulia) "El Mosaico", agus phàigh iadsan cosgaisean fhoillseachaidh dha. Chuir e seachad 1864 na mhanaidsear os cionn na h-obrach air an rathad eadar Buenaventura agus Cali: 's ann aig an àm seo a b’ urrainn dha an nobhail ainmeil aige María a sgrìobhadh. Gu mì-fhortanach, dh’ fhàs e tinn le mailèiria ann an gnàth-shìde mhì-fhallain na sgìre sin. Seo an tinneas a mharbhadh e, aig a’ cheann thall, nuair a bhiodh e dìreach 58 bliadhna a dh’aois.

Anns a’ chiad dol a-mach bha e na bhall a’ Phàrtaidh Tòraidheach ach an ceann bliadhnachan dh’ fhàg e am Pàrtaidh sin agus chaidh e leis Radaigich agus, ann an 1870, chaidh Isaacs ainmeachadh consal anns An t-Sile. Nuair a thill e dhan dùthaich, thoisich e pàirt làidir a ghabhail ann am Poileataigs na roinne, an dà chuid mar dheasaiche phàipearan-naidheachd agus mar bhall-pàrlamaid. Bha esan an lùib trioblaid phoileataigeach na dùthcha a-rithist ann an 1876. Chuireadh às a’ Phàrlamaid e ann an 1879, air sàilleabh gu robh e an sàs ann an ar-a-mach nan Tòraidh ann an Antioquia. Fiù 's ghairmeadh Riaghladair e na roinne.

B’ fheudar dha poileataigs fhàgail an dèidh sin agus dh’fhoillsich e a’ chiad earrann dhen dhàn mhòr aige nach do chrìochnaich a a-riamh, air an robh Saulo 1881. Chaidh ainmeachadh Rùnaire Choimisean Saidheansail a dhèanadh sgrùdadh air a’ Mhagdalena, ann an ceann a tuath Choloimbia, agus chaidh sgìrean làn ghual, pheatral agus teàrr a lorg.

Chuir e seachad na làithean mu dheireadh aige ann an Ibagué (far a leig a theaghlach bliadhnachan roimhe), sa Tolima, agus bha e an dùil gun sgrìobhadh e nobhail eachdraidheil, nach gabhadh a sgrìobhadh a-riamh. Chaochail e ann an Ibagué air an 17mh an Giblean 1895. Bu mhiann dha a thìodhlacadh ann am Medellín. A dh’aindeoin sin, chanadh e gu robh e cho dèidheil air Cauca: Tha gaol mòr agam air Cauca ach tha e cho cruaidh dha a chuid cloinne fhèin

Obair

Iomraidhean

Ceanglaichean a-muigh

Tags:

Jorge Isaacs BeathaJorge Isaacs ObairJorge Isaacs IomraidheanJorge Isaacs Ceanglaichean a-muighJorge Isaacs1 an Giblean17 an Giblean18371895BàrdCaliColoimbiaCrìosdaidheachdIaimeucaIbaguéRiochdaire dioplòmasachSasainn

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Sankt PeterburgSan Diego, CalafòrniaGiùlanNa SeicichFaigheanRumantschChester A. ArthurSlòbhainisMiseanaraidh's-HertogenboschNa h-Eileanan SiarGini Nuadh PhaputhachFilmFeallsanachdKasabianPrìomh-DhuilleagAr NorGàidhlig na h-ÈireannGàidhligBaile DhunlèibheZSardainiaPortmeirionSpotJosé SaramagoNaimibiaAstatainNa Tìrean ÌsleMayboleDèighParis1860anMàthair1133Wiki CommonsRomanaisA' ChuimrighBith-eòlas1861AmeireagiumBleideag-sneachdaBeininHindiPedophileGeòlasTarsusCarles Puigdemont i CasamajóSluagh-phoblachd na SìneTuigse inntealtaDua Lipa1890anSpringfield, MassachusettsSanskrit14492002ScandiumEudorcas rufifronsRuadhainnFeòragÙghdarrasan ionadail anns a' ChuimrighJohn Goodman1716CanaichIain Eairdsidh MacAsgaillTràth làthaireach1113Eilean StiùbhairtSeumas II AlbaCroitearachdBergamoMuir CairibianachUilleam UallasComhairle MhoireibhRubhandaPearù🡆 More