‘S e baile mòr agus port air an àirde an ear-dheas nan Tìrean Ìsle a th’ ann an Den Haag neo 's-Gravenhage (IPA: dɛnˈɦaːx/sxraːvə(n)ˌɦaːɣə Portagailis: Haia,Laideann/Pòlais/Romàinis: Haga, Spàinntis: La Haya, Fraingis: La Haye).
Den Haag 's-Gravenhage
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Zuid-Holland (An Òlaind a Deas) | ||||
Co-chomharran | 52° 05 00' Tuath 04° 19 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 82.66 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 504,260 (2012) | ||||
Dlùths | 6,100.41/km² | ||||
Àireamh fòn | +31 (0)70 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Tha e suidhichte aig 4m os cionn ìre na mara, anns an roinn Zuid-Holland (An Òlaind a Deas). Tha am baile 21km air falbh bho Rotterdam, 53km bho Amsterdam (Prìomh-bhaile na dùthcha), 56km bho Utrecht agus 199km bho Ghroningen. Tha 504,260 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, leis gur e an treas baile as motha san dùthaich, ach tha mu 1,088,508 anns an sgìre air fad. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1242 mar Die Haghe (A' Choille). Dh'atharrachadh an t-ainm gu Des Graven Hage (Coille an Iarla) san 15mh linn. Canar 'Den Haag' ach sgrìobhar ' 's-Gravenhage', gu h-oifigeil. Tha banrìghinn na dùthcha a' fuireach an seo. Chaidh Cornelius agus Johan de Witt a chur gu bàs an seo le gràisg fheargach fhiadhaich ann an 1672, ri linn Bliadhna na Dosgainne.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Den Haag, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.