Simon van der Meer

Gàidhlig editions of Wiki, an online encyclopedia

B' e eòlaiche-fiosaig às na Tìrean Ìsle a bh' ann an Simon van der Meer (Den Haag, 24 an t-Samhain 1925 - Geneva, 4 am Màrt 2011).[1]

Simon van der Meer
Simon Van der Meer.png
Beatha
BreithDen Haag, 24 dhen t-Samhain 1925
Dùthaich Rìoghachd nan Tìrean Ìsle
Àite-fuirichDen Haag
BàsGeneva, 4 dhen Mhàrt 2011
Nàdar a’ bhàisadhbharan nàdarra (Aillse)
Teaghlach
CèileCatharina M. Koopman (en) Translate
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
FoghlamOilthigh Teicneolas Delft
Christelijk Gymnasium Sorghvliet (en) Translate
CànainDuitsis
Fraingis
Dreuchd
Dreuchdfiosaigiche agus innleachdair
FastaicheanCERN (en) Translate
Koninklijke Philips NV (en) Translate
Duaisean a fhuaras
BallrachdAcadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
Academia Europaea
Acadamh Rìoghail nan Tìrean Ìsle airson nan Ealan is Saidheansan

Beatha

B' e neach-teagaisg a bh' ann athair, Pieter van der Meer.[2] Phòs van der Meer aig a bhean Catharina M. Koopman ann an 1960 agus rug i mac agus nighean dha.

Thoisich e fiosaig teicnigeach ionnsachadh aig Technische Universiteit Delft ann an 1948 agus thug e ceum an seo ann an 1952. Chuir e seachad corra bhliadhna ag obair ann an deuchainn-lann aig Philips ann an Eindhoven mus dh'fhalbh e a CERN ann an Geneva ann an 1956. B' ann ann an CERN a chuir e seachad an ùine mus do leig e a dhreuchd dheth ann an 1990.[3]

Urraman

Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1984 còmhla ri Carlo Rubbia airson an cuid obrach air bloigheagan W agus Z aig CERN.[4]

Iomraidhean

  1. NNDB
  2. Daily Telegraph
  3. CERN
  4. Duais Nobel

#Wikipedia® is a registered trademark of the Wikimedia Foundation, Inc. Wiki (Study in China) is an independent company and has no affiliation with Wikimedia Foundation.
This article uses material from the Wikipedia article Simon van der Meer, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply. (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 3.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.