Hendrik De Fromantiou

B' e Hendrik de Fromantiou (Maastricht, mu 1633 – Berlin, 28 an t-Ògmhios 1693) peantair ainmeil às Na Tìrean Ìsle.

Rugadh e anns Na Tìrean Ìsle ri linn Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte, nuair a bha an dùthaich uabhasach beairteach.

Hendrik de Fromantiou
Hendrik De Fromantiou
Beatha
Breith Maastricht, 1633
Dùthaich Hendrik De Fromantiou Na Tìrean Ìsle
Bàs Potsdam, 1693
Foghlam
Cànain Duitsis
Dreuchd
Dreuchd peantair
Àitichean-obrach Breda, Nijmegen, Den Haag, Amsterdam, Berlin, Amsterdam, Den Haag, Antwerpen, Rotterdam, Haarlem, Amsterdam, Lunnainn, Den Haag, Amsterdam, Gdańsk, Amsterdam agus Haarlem
Gnè ealain dealbh neo-bheò

Beatha

Sgrìobhadh ainm ann an caochladh dhòigh. Bha e an sàs san ealain bho mu 1658 gu ruige mu 1670 ann an Den Haag. Ann an 1662 chaidh e gu Amsterdam. Ann am Bliadhna na Dosgainne (Duitsis: Rampjaar) 1672 chaidh e gu Berlin, far an d’ fhuair e deagh chliù mar phrìomh-pheantair an Righ Friedrich Wilhelm I, Taghadair Bhrandenburg.

Dh'obraich e ann am Berlin gu ruige 1693. Mar phrìomh-pheantair b’ fheudar dha iomadach turas a dhèanamh agus mar fhear às na Tìrean Ìsle bha e ann an dàil le mòran dhaoine san dùthaich aige fhèin. Le sin, ann an 1672 shiubhal e gu Amsterdam, Den Haag, Antwerpen agus Rotterdam; ann an 1677 gu Haarlem agus (sa Chèitean dhen bhliadhna sin fhèin) gu Amsterdam a-rithist; ann an 1682 gu Lunnainn; ann an 1683 bha e air ais ann an Den Haag is Amsterdam; ann an 1684 chaidh e gu Gdańsk is san An Dùbhlachd 1687 thill e gu Amsterdam. Air an 1 an t-Sultain bha e fiù 's an Haarlem. Chaochail e ann am Berlin ann an 1693.

Phòs e dà thuras: ri Ludowica Wouwerman, nighean a' pheantair Philips Wouwerman à Haarlem ann an 1697 agus an dàrna turas ri Johanna Blankert. Tha Fromantiou ainmeil gus ar làithean airson na dealbhan neo-bheò a rinn e (blàthaichean, sitheann, measan agus vanitas). Ach rinn e dhealbhan dhe beathaichean agus trompe l'oeil cuideachd. Tha deagh chruinneachaidh na rinne sna taighean-tasgaidh Noordbrabants Museum an 's-Hertogenbosch agus am Bonnefantenmuseum an Maastricht.

Iomraidhean

Tags:

1633169328 an t-ÒgmhiosBerlinDùthaichMaastrichtNa Tìrean ÌslePeantairPoblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

800ÀrsaidheachdAlbaCoimpiutairÀiteachasGnothachasMarie AntoinetteOSileadhBocsaLinne FoirtheLeabharlann Nàiseanta Poblachd na SeiceLiosta dhaoine à AlbaMadadh-cuainMiotas-eòlasEaconomaidh19 an DùbhlachdCailein T. MacCoinnich21 an GibleanDealanAdolf HitlerHionduthachd1520Cogaidhean na CroiseÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichteVizcaya (provincia)Ealain-lèirsinneachAonachOntario1876Poblachd na SìneCSSEl SalbhadorIasgach1899Roinnean na Spàinne4 an GibleanEaglais Fhìor ÌosaCian-chonaltradhTaylor SwiftSasainnSuainisRaibeart I na h-AlbaNìgeiria3 an CèiteanMatamataigPagastànlàrach-lìnFrederick John Robinson, 1d Biocas GoderichAn t-SuainSpòrsHermann Hesse7mh LinnGeorge H. W. BushCoinneach I na h-AlbaA' Chongo1260anRotterdamNa h-AimearaganJohn Paul JonesGàidhlig na h-ÈireannCanadaGuatamala2024Iain Mac a' GhobhainnBaile Átha Cliath🡆 More