Matamataig Roinn

'S e roinn (no roinneadh), obrachadh na h-àireamhachd a tha mùiteach ri iomadachadh.

Gus seo a chur an cèill gu sònraichte, mas e a a ni c uairean de b:

's e c a th' ann ma tha a air a roinn le b, mur eil neoni a th' ann am b:

Anns a' cho-aontar seo, 's e an duais-roinn a th' anns an a, an roinniche a th' anns a' b agus an roinn-àireamh a th' anns an c.

Chan eil mìneachadh air a thoirt do roinn le neoni.


Comharrachadh

Thèid roinneadh a sgrìobhadh gu cumanta leis an duais-roinn os cionn an roinniche agus loidhne còmhnard eatarra. Mar eisimpleir sgrìobhte a air a roinn le b mar:

      Matamataig Roinn 

Airson na roinnidh a sgrìobhadh san aon loidhne, mar eisimpleir anns a' chlò, tha an duais-roinn air a dealachadh bhon roinniche le sgoradh ( / ) mar seo:

      Matamataig Roinn 

Tha an dòigh seo cumanta ann an iomadh cànan prògramaidh.

Tha comharra sònraichte aig roinnidh ( ÷ ) ged nach eil e air a chleachdadh gu cumanta ach san àireamhachd shìmplidh:

      Matamataig Roinn 


Roinneadh àireamhan slàn

Mar a tha iomadachadh na ath-chur-ris na h-iomarann, 's e ath-thoirt air falbh an roinniche bhon duais-roinn a th' ann an roinnidh. Mas e àireamhan slàn a th' anns an duais-roinn agus an roinniche, bithidh an dà shuidheachadh ann:

  • faodar an roinniche a thoirt air falbh gus nach eil dad den duais-roinn air fàgail,
      m.e. Matamataig Roinn 
  • faodar an roinniche a thoirt air falbh bhon duais-roinn gus na tha air fhàgail nas lugha na an roinniche.
      m.e.Matamataig Roinn 

Anns a' chiad chùis os cionn, canaidh sinn gu bheil an duais-roinn so-roinnte (slàn) le 3. Anns an dara chùis, tha 2 air fhàgail an dèidh do 11 air a roinn le 3. Canaidh sinn an còrr ris na tha air fhàgail den duais-roinn an dèidh a roinnidh leis an roinniche, agus faodar an roinn-àireamh agus an còrr a thoirt mar buil na roinnidh:

      Matamataig Roinn  , agus Matamataig Roinn  an còrr.

Tha e nas cumanta, ge-tà, buil na roinnidh a thoirt mar àireamh mheasgaichte no àireamh dheicheach:

      Matamataig Roinn 


Roinneadh àireamhan coimeasta

Faodar buil roinneadh dà àireimh coimeasta a shàr-mhìneachadh mar a leanas:

      Matamataig Roinn 

far a bheil p, q, r agus s nan slàn-àireamhan agus chan fhaod ach p a bhith co-ionnan ri neoni. Tha an sàr-mhìneachadh seo a' dèanamh cinnteach gur e obrachadh mùiteach iomadachaidh a th' ann an roinnidh.

Tha obrachadh na roinnidh dùinte ann an seata nan àireamhan coimeasta. 'S e sin ri ràdh gur h-e àireamh choimeasta a th' anns gach roinn-àireimh bho roinneadh àireamhan coimeasta. Tha obrachadh na roinnidh fosgailte ann an seata nan slàn-àireamhan oir tha roinn-àireamhan ann nach eil nan slàn-àireamhan mar os cionn.


Roinneadh fìor-àireamhan

Faodar roinneadh fìor-àireamhan a shàr-mhìneachadh mar obrachadh mùiteach ri iomadachadh:

      Matamataig Roinn 

Roinneadh àireamhan co-fhillte

Gus dà àireimh cho-fhillte a roinn, dèan fìor-àireamh den roinniche le bhith ag iomadachadh leis an àireimh cho-chuingichte:

      Matamataig Roinn 

'S e fìor-àireamhan a th' ann an a, b, c agus d ach chan fhaod an dà rud c agus d a bhith co-ionnan ri neoni.

Ma tha na h-àireamhan co-fhillte an riochd pòlarach:

      Matamataig Roinn 

...agus a-rithist chan fhaod b a bhith co-ionnan ri neoni.

Tags:

Matamataig Roinn ComharrachadhMatamataig Roinn Roinneadh àireamhan slànMatamataig Roinn Roinneadh àireamhan coimeastaMatamataig Roinn Roinneadh fìor-àireamhanMatamataig Roinn Roinneadh àireamhan co-fhillteMatamataig RoinnIomadachadhÀireamhachd

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Ontario1912TeicneòlasÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichte1838AA' ChongoEaconomaidhAn FhraingAibidil EabhraCeòl14 an LùnastalEun-turaisDonostiaLucsamburgLiosta dhaoine à AlbaLàrach-lìn15 am Faoilleach1956Ealain-lèirsinneachRonaldinhoCogaidhean na CroiseGuatamalaDuais Nobel ann am Fiosaigs7mh LinnCeann-fionnÈirinn (eilean)DàirichAn t-Àrd RuighCian-chonaltradhAfganastanImmanuel Kant8001520El SalbhadorGeorge H. W. BushLunnainnRìoghachd eSwatiniA' BheilgFreetownHTMLMississippi (abhainn)FraingisIasgachSileadhAn Innd-InnseMadadh-cuainCoinneach I na h-AlbaBurundaidhMianmarAn ÀithneEuroPrìomh-DhuilleagMonacoLiosta dhaoine às a' ChuimrighMatamataigearUilleam Uallas1260anFrederick John Robinson, 1d Biocas GoderichAn Dàrna CogadhAlasdair UaibhreachGebzeCruinn-eòlasSpàinntisÀrsaidheachdCarl BoschZenana1986🡆 More