Bùirdeasachd

'S e clas sòisealta a tha co-ionnan le na clasaichean meadhanach agus meadhanach-àrd a th' anns a' Bhùirdeasachd (Fraingis: bourgeoisie, IPA; buʁʒwazi), a rèir luchd-eòlas Eòlas-comainn.

Tha a' Bhùirdeasachd air a dealachadh bho agus, gu traidiseanta, air a h-iomsgaradh ris a' mhòr-shluagh air sgàth 's gu bheil a' Bhùirdeasachd mòran nas beairtiche a thaobh airgid agus cumhachd chultaireil. Thathar daonnan a' roinneadh na Bùirdeasachd eadar seann (ancienne), mòr (grande), àrd (haute), meadhan (moyenne), agus beag (petite). Aig an toiseach-tòisichidh, anns na meadhan aoisean, bha ciall an fhacail Bhùirdeasachd ceangailte ri bailtean anns A' Ghearmailt o chionn's gum faigheadh cuid dhuibh pribhleidean eaconomach ann an saoghal gu math fiùdalach, mar chòirichean mhalairt neo inbhe borgh rìoghail. Ann an Gearmailtis canar burger ri cuideigin a tha a' fuireach ann am baile agus cha robh a' Bhùirdeasachd mar a chithear an latha an-diugh idir ann. B' e gu robh luchd na tuatha fo shiostam laghail eile. A rèir feallsanachd Mharxach, b' e a' Bhùirdeasachd a bh' anns a' chlas sòisealta a thug seilbh air an dòigh-dhèanaimh tron Tionndadh Gnìomhachais agus tha ùidh aice air an cuid luach cuid-seilbhe agus calpa a chumail gus a h-uachdaranachd san eaconomaidh a ghlèidheadh. Tha cuid a dhaoine dhen bheachd gur e gabhail a-steach eileimeidean ùra dhan a' Bhùirdeasachd, gu seachd-àraidh luchd-tionnsgain a bhios a' toirt ùr-ghnàthachadh dhan eaconomaidh tro mhilleadh chruthachail, 's a bha aig teis-mheadhain Calpachais. A rèir Karl Marx, bidh còmhstri ann eadar a' Bhùirdeasachd agus am Mòr-shluagh an-còmhnaidh. Dhiùilteadh Faisisteachas agus Nàsachd clasaichean sòisealta mar fhorsa eachdraidheil.

Bùirdeasachd
A' Bhùirdeasachd agus Calpa

Iomraidhean

Tags:

A' GhearmailtAirgeadBaileCalpachasEachdraidhEaconomaidhEòlas-comainnFacalFaisisteachasFeallsanachdFraingisGearmailtisIPAKarl MarxMarxachasNàsachdSaoghalTionndadh Gnìomhachais

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Canada26 an t-Iuchar981845Deichead1901An t-Aonadh Eòrpach4Mathan coalaHip-hopNa h-Eileanan CanàrachMearcarEadar-lìonAepyceros melampusCruithneachd-InnseanachAn Giblean2919232016DevanāgarīWollongong68KAn Tuirc1945MayotteCluaranFlorida6053Corp-eòlas2003GlaikAilt411937Ceit FhoirbeisBraunau am InnHill of Midland1946SoillseOklahoma City, Oklahoma1914Taghadh ceannardas Partaidh Nàiseanta na h-Alba 2023Oscar Wilde197019071954Sputnic 11950anJohn F. KennedyBohemia33Bliadhna-leumBall-basgaidAn t-Sèirb1993SeilleanCorgBoa1994F2013Otto von Bismarck2004Z1997SgrìobhadairAlpacaIdahoVienna1948An RuisDrentheNicolas Sarkozy🡆 More