Nàsachd

'S e beachd-smuainealas, ideòlas agus gluasad poilitigeach a nochd anns A' Ghearmailt eadar An Cogadh Mòr agus An Dàrna Cogadh, a tha uabhasach fhèin dlùth air Faisisteachas a th' ann an Nàsachd air neo Sòisealas Nàiseanta (Gearmailtis Nationalsozialismus).

Nàsachd
Nàsachd
Fiosrachadh
Luchd-stèidhichidh Anton Drexler
Beachdan Gràin-cinnidh, Ain-Sheimitigeachas, Armailteachas, Thar-ghearmailteas, Ain-Cho-mhaoineas
Ceannardan Adolf Hitler
Linn 20mh Linn
Buidhnean Nàsachd Pàrtaidh Sòisealach Nàiseanta nan Luchd-obrach Gearmailteach
Dùthchannan Nàsachd A' Ghearmailt

B' ann fo stiùir Adolf Hitler anns na 30an agus na 40an a gabh am Pàrtaidh Nàsach (ainm slàn: Pàrtaidh Sòisealach Nàiseanta nan Luchd-obrach Gearmailteach, Gearmailtis: Nationalsozialistische Deutsche Arbeiterpartei) os làimh Riaghaltas na Gearmailt agus a rinn iad fìor dhroch sgrios air an Roinn Eòrpa leis an ideòlas eucoireach mì-mhoralta aca.

Ain-Sheimitigeachas

Ghabhadh Nàsach ris a' bhun-smuain nan Aryanach mun sgrìobhadh am feallsanaiche Johann Gottfried Herder, a chanadh gur ann à in-imrich Innd-Ayranaich a thàinig daoine na Roinn-Eòrpa, is iad seo an fheadhainn a bha nan tàmh sna h-Innseachan agus Ioràn (Ayraan) o shin. Bhathar a' creidsinn gu robh cànain agus cultair nan Aryanach na b' fhèarr na cultair ″parasaiteach″ nan Seimitigeach. B' e fìor dhroch naidheachd airson Iùdhaich na Roinn-Eòrpa a bh' ann, o chionn's gu do lean sin, ann an dealachadh, gu Uile-losgadh nan Iùdhach.

Gnè

Cha robh ideòlas Nàsach airson Boireann-dhligheachas idir agus bhathar ag iarraidh nach biodh am boireannach ach aig an taigh agus beò-leatromach. Mar a thuirt an sluagh-ghairm aca: Kinder, Küche, Kirche (Clann, Cidsin, Eaglais). Bha casg-breith mì-laghail fo Hitler agus cha robh e idir cho furasta casgadh-gineamhainn fhaighinn do Ghearmailtich ach gu math furasta do mhion-chuidean.

Clas Sòisealta

Dhiùilteadh nàsachd bun-smuaintean Marxach mu còmhstri eadar clasaichean sòisealta. A rèir Karl Marx, bidh còmhstri ann eadar a' Bhùirdeasachd agus am Mòr-shluagh an-còmhnaidh. Mholadh nàsachd an dà chuid calpairean Gearmailteach agus luchd-obrach leis gu robh iad seo uile deatamach dhan Volksgemeinschaft (Gàidhlig: Coimhearsnachd nan Daoine). Anns an Volksgemeinschaft, bhiodh clasaichean sòisealta fhathast ann, ach às aonais chòmhstri eatorra. Thug Friedrich Nietzsche buaidh uabhasach fhèin làidir air Hitler agus chuir esan an gnìomh am bun-smuain übermensch do chalpairean soirbheachail.

Iomraidhean

Tags:

Nàsachd Ain-SheimitigeachasNàsachd GnèNàsachd Clas SòisealtaNàsachd IomraidheanNàsachd30an40anA' GhearmailtAdolf HitlerAinmAn Cogadh MòrAn Dàrna CogadhFaisisteachasGearmailtisPàrtaidh NàsachRoinn Eòrpa

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

1599EalainSalvatore Quasimodo800An t-SèirbMosgoLideAn Gut-a-TuathCasg leatruimUile-losgadhLouis PasteurAn t-Eilean SgitheanachCnòRiaghaltasBeart-chlòCànanan CeilteachAlbaisSteòrnabhaghAn t-Aonadh EòrpachAn DanmhairgNils HolmerAn EadailtPoblachdSearbhagIslamabadDàibhidh Camshron1216Acadamh Rìoghail Shuaineach nan SaidheansanBealaruisisBuirciona FasoThe Lord of the Rings (leabhar)10 an DàmhairBjornstjerne Martinus BjornsonClaidheamhHTML1804An t-Eilean GainmhichSanto DomingoVGiosuè CarducciGalațiACDùn DèaghA' Bheurla Ghallda anns an Ear-thuath a DeasCalgary1815DhakaEabhraLitreachasPàrtaidh Nàiseanta na h-AlbaCreideamhSudanAlbais a TuathÀiteachasOsàidea a DeasPeppa Pig30 an t-SamhainRèidio dà LochaUilleam III Shasainn is II Alba2006Eabhraig Nuadh (baile)11 an t-SamhainÀireamh-shluaighGàidhealtachd na h-Alba1833Raibeart BurnsSìonais1703TiùbaLinne ChluaidhMohammedEaconomaidhRobbie Shepherd🡆 More