'S e neach-poileataigs Albannach a tha ann an Ceit Fhoirbeis, BPA (Beurla: Kate Forbes).
Ceit Fhoirbeis | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
5 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021 ← Dave Thompson Sgìre: An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach Taghadh: Taghadh Albannach 2016
6 dhen Chèitean 2021 - Sgìre: An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach Taghadh: Taghadh Albannach 2021
18 dhen Chèitean 2021 - | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Inbhir Pheofharain, 6 dhen Ghiblean 1990 | ||||||
Dùthaich | Alba | ||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam | Acadamh Inbhir Pheofharain Selwyn College (en) | ||||||
Cànain | Beurla Gàidhlig | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Bha i na sgoilear aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain agus dh'ionnsaich i eachdraidh aig Oilthigh Chambridge. An dèidh do rinn i ceum maighstireachd air eachdraidh de dh'eilthireachd aig Oilthigh Dhùn Èideann, dh'obair i airson Dave Thompson BPA agus mar chunntasair airson Barclay's.
Chaidh na BPA airson An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach ann an 2016 is na Ministear an Ionmhais Phoblaich agus na h-Eaconomaidh Didseataich nuair an do chrath Nicola Sturgeon a caibineit ann an 2018. Ann an 2020 ghabh i òraid a' bhuidseid is i na chiad bhean a rinn sin às dèidh Derek Mackay leig a dhreuchd dheth, agus an-sin chaidh i na Rùnaire Ionmhais. Ghabh Iain MacShuibhne a h-àite nuair a chaidh i air fòrladh màthaireil ann an 2022.
Thill i à fòrladh màthaireil agus dh'fhoillsich i gun seas i airson ceannardas Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba agus mar sin prìomh-mhinistearachd na h-Alba an aghaidh Humza Yousaf agus Ash Regan an dèidh do Nicola Sturgeon innis gun leig ise a dreuchd suas. Gidheadh, chaill i taic bho Clare Haughey agus Tom Arthur, am measg chàich, nuair a dh'inns i gun robh i an aghaidh poileasaidhean a' phàrtaidh mu pòsadh aona-ghnèitheach agus atharrachadh gnè.
Bhuannaich i 20,559 bhòt (40.7%) anns a' chiad runnd is 23,890 (47.9%) anns an dàrna runnd, a choisinn Humza Yousaf. Tha i na suidhe air na beingean-cùil an dèidh sin.
Ged a tha i air làmh deas a' phàrtaidh, dh'fhoillsich i agus dà BPA eile aithris air eaconamaidh shoirbheis còmhla ris a' bhuidheann-beachdachaidh Common Weal.
Buill sgìreil | Liam MacArtair (Arcaibh) • Jenni Minto (Earra-Ghàidheal agus Bòd) • Gail Ros (Gallaibh, Cataibh agus Ros) • Ceit Fhoirbeis (An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach) • Alasdair Allan (Na h-Eileanan an Iar) • Ridseard Lochhead (Moireabh) • Beatrice Wishart (Sealtainn) |
Buill liosta | Dòmhnall Camshron • Edward Mountain • Jamie Halcro Johnston • Dùghlas Ross • Ariane Burgess • Rhoda Ghrannd • Emma Roddick |
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Ceit Fhoirbeis, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.