'S e sgrìobhadair Albannach a bha ann an Sir Arthur Ignatius Conan Doyle (22 Cèitean 1859, Dùn Èideann–7 Iuchar 1930, Crowborough, East Sussex), ainmeil air sgàth a sgeulachdan mu dhèidhinn Sherlock Holmes.
Arthur Conan Doyle | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Arthur Ignatius Conan Doyle |
Breith | Dùn Èideann, 22 dhen Chèitean 1859 |
Dùthaich | Alba |
Ciad chànan | Beurla |
Bàs | Windlesham Manor (en) agus Crowborough (en) , 7 dhen Iuchar 1930 |
Àite-adhlacaidh | Church of All Saints cemetery (en) Windlesham Manor (en) |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (stad a' chridhe) |
Teaghlach | |
Athair | Charles Altamont Doyle |
Màthair | Mary Foley |
Cèile | Louisa Hawkins (en) (6 dhen Lùnastal 1885 - 4 dhen Iuchar 1906) Jean Elizabeth Leckie (en) (18 dhen t-Sultain 1907 - 7 dhen Iuchar 1930) |
Clann | |
Bràithrean ⁊ peathraichean | |
Sinnsirean | liosta
|
Foghlam | |
Foghlam | Stonyhurst Saint Mary's Hall (en) (1868 - 1870) Stonyhurst College (en) (1870 - 1875) Stella Matutina (en) (1875 - 1876) Sgoil Leigheas Oilthigh Dhùn Èideann (1876 - 1881) |
Àrd-fhoghlam | Bachelor of Medicine (en) Master of Surgery (en) |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | lighiche, physician writer (en) , nobhailiche, aistear, sgrìobhaiche-dràma, sgrìn-sgrìobhaiche, sgrìobhadair ficsein shaidheansail, sgrìobhadair litreachas cloinne, sgrìobhadair leabhraichean eucoir, sgrìobhadair, sgrìobhadair sgeulachdan goirid agus eachdraiche |
Obraichean comharraichte | canon of Sherlock Holmes (en) The Lost World (en) |
Duaisean a fhuaras | |
Buaidh | Robert Louis Stevenson |
Gnè ealain | crime fiction (en) Ficsean-saidheans ur-sgeul eachdraidheil |
Creideamh | |
Creideamh | lapsed Catholic (en) spiritism (en) |
Pàrtaidh poileataigeach | Liberal Unionist Party (en) |
IMDb | nm0236279 |
conandoyleestate.com agus sirconandoyle.com | |
Bha e na oileanach ann an Sgoil Meadaigeach Oilthigh Dhùn Èideann, agus bha e ag obair mar dhotair as dèidh sin, ach 's litreachas a rinn ainmeil e. Sgrìobh e a' chiad nobhail le Sherlock Holmes is Dr Watson, A Study in Scarlet, ann an 1886, agus bha i air foillseachadh ann an 1887. Sgrìobhadh e grunn stòiridhean leis an dà as dèidh sin, agus tha e aithnichte gus an latha a tha ann air an sgàth, ged a bha esan na bu mhoiteile às na seachd nobhailean eachdraidheil a sgrìobh e.
Bha e cuideachd an sàs ann am poileataigs agus ann am beatha phoblaich: thug e taic dhan Chogadh Bhoer anns an leabhar The War in South Africa: Its Cause and Conduct. Bha e dà uair (1900 agus 1906) na thagraiche pàrlamaid, ged nach robh e soirbheachail. Agus ann an 1906, nuair a bha e na dhàrna sgrìobhadair Breatannach beò as cliùitiche (as dèidh Rudyard Kipling), chuidich e fear-lagha Innseanach, George Edalji, a bha air a dhìteadh (gu ceàrr) mar ùghdair litrichean bagarrach: bha e cuideachd air sàilleibh na cèise seo gun deach an Cùirt Ath-thagraidh Eucoireach (Court of Criminal Appeal) a stèidheachadh.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Arthur Conan Doyle, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.