Cille Chainneir

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile na h-Ùige, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cill Chainneir (Beurla/Beurla Ghallta: Kirkinner).

Cill Chainneir
Cille Chainneir
Cille Chainneir
Suidheachadh
Dùthaich Cille Chainneir Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Cill Chainneir fhèin
Co-chomharran 54° 83′ 02″ Tuath
04° 45′ 74″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG8

Tha e suidhichte aig 27m os cionn ìre na mara, air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Baile Ùr nan Stiùbhartach agus Whithorn. Tha e 296km air falbh bho Obar Dheathain, 116km bho Ghlaschu, 60km bho Dhùn Phris agus 148km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Cill Chainneir. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.

Freumhan an Ainm

A-rèir Iain Mac an Tàilleir tha an t-ainm a' ciallachadh cille an naoimh Chainneir. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.

Eachdraidh

Bha an Naomh Cainnear, a fhuair a cuid sgoil còmhla ris an Naomh Ursula thall ann am Patras sa Ghrèig, na aonaran an seo san 4mh Linn. Chaidh an t-ainm a chlàradh airson a' chiad turais mar Kyrkkenot ann an 1415, ach 's e Inbhir Mheasain an t-seann ainm. Bha an t-Urramach Andrew Symson na mhinistear sa bhaile nuair a bha a charaid David Dunbar a' fuireach ann. B' e Dunbar a sgrìobh dàn sa mhadainn fhèin a chaochail Janet Dunbar (Dalrymple) ann an Cille Chainneir ann an 1669 a thathar dhen bheachd a chaidh a leughadh aig a tìodhlachadh. Stèidhich Walter Scott an nobhail aige The Bride of Lammermoor air na thachair dhi. Chaochail i gu h-oiteil neònach air an oidhche fhèin a phòs i. Thàinig an rèile dhan bhaile ann an 1875, rud a thug piseach air eaconomaidh na sgìre. Chailleadh an rèile gu luchd-siubhail ann an 1950 agus gu bàthar ann an 1964. Chaidh an eaglais a chithear an-diugh a thogail ann an 1828 ann an stoidhle sìmplidh.

Poileataigs

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Bhuirgh Rìoghail Bhaile na h-Ùige a bhuineas Cille Chainneir, a ghabhas a-steach Barrachan, Baile na h-Ùige, Blaidneach agus Whauphill. Tha 2,200 duine a' fuireach san sgìre air fad. Tha 15 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla na Comhairle, ann am Baile na h-Ùige. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.

Gnàth-shìde

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.5 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1094mm) an coimeas ris an còrr dhen dhùthaich 's a tha Cill Chainneir. Tha sileadh uabhasach trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Cill Chainneir. Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 61mm eadar an Giblean (dìreach 62mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (123mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.7 °C.

Cille Chainneir 

Còmhdhail

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.
  • 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.

Iomraidhean

Tags:

Cille Chainneir Freumhan an AinmCille Chainneir EachdraidhCille Chainneir PoileataigsCille Chainneir Gnàth-shìdeCille Chainneir CòmhdhailCille Chainneir IomraidheanCille Chainneir1975AlbaBaileBaile na h-ÙigeBaile Ùr nan StiùbhartachBeurlaBeurla GhalltaBun-sgoilComhairle Dhùn Phris is Gall-GhaidhealaibhDùn PhrisDùn ÈideannDùthaichEaconomaidhGlaschuMachair Ghall-GhaidhealaibhObar DheathainSiorrachd Bhaile na h-ÙigeTurasachdWhithornÀiteachasÀrd-sgoil

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Hans Christian AndersenZhytomyrska OblastGlaschuHumza YousafDamhan-allaidh1893Naomh19 an Gearran1954Mallorca1960Wikimedia199048RiyadhBraisil19942000Sasainn1871Sputnic 1Fungas19041717Ash Regan39Prìomh-DhuilleagCoirea a TuathDia20 an Giblean1927Mahatma GandhiSenonAràibia nan SabhdNa h-InnseachanFuil1855Gàidhlig18JazzMathriGlaik1P13 am Màrt2001E1959V45Sankt Peterburg26 am MàrtA' GhaimbiaSuspicion (film 1941)BeulJohn F. KennedyMoilibdeanumHànobhar2002AstràiliaDannsa1950An DanmhairgA' BheilgNa Stàitean AonaichteCoirceSgrìobhadairCorgLos Angeles841920An Ostair64Aol🡆 More