Mallorca

Is e Mallorca an t-eilean as motha de na h-Eileanan Balèarach (Beurla: Majorca).

Thàinig ainm an eilein bhon fhacal Laideann: insula maior. Tha e a' ciallachadh "eilean mòr" ann an Catalanais. Tha Mallorca suidhichte mu 170 cileamatair bho chladach na Spàinne anns a' Mhuir Mheadhanaich air meud de 3640 cilemeatair ceàrnagach, eadar 39°15′40″ is 39°57′40″ tuath agus 2°19′38″ is 3°28′42″ an ear.

Mallorca
Mallorca
Mallorca
Turasachd ann am Mallorca

Tha dà ruith-bheanntan ann: Serres de Llevant anns an àird an ear agus Serra de Tramuntana san àird an iar-thuath. Tha na beanntan as àirde den eilean ann an Serra de Tramuntana, tha deich dhiubh nas àirde na 1,000 meatair.

Anns a' bhliadhna 2007 bha 813,729 de shluagh ann, agus bha 383,107 dhiubh a' fuireach ann am Palma, prìomh-bhaile an eilein. 'S iad na bailtean as motha:

  • Calvià (47.934),
  • Manacor (37.963),
  • Llucmajor (33.222),
  • Marratxi (31.120),
  • Inca (28.306),
  • Felanitx (17.443),
  • Alcúdia (17.435),
  • Pollença (16.570)
  • Sóller (13.194).

Tha roinn na turasachd gu math làidir anns an eilean. Ann an 2007 thàinig 9,91 millean neach turais a Mhallorca , bha 35.8 % (3.548 millean) dhiubh às a' Ghearmailt, 23.2 % (2.3 millean) às An Rìoghachd Aonaichte agus 21.6 % (2.14 millean) às an Spàinn. Tha port-adhair eadar-nàiseanta ann leis an ainm Son Sant Joan.

Tha Catalanais agus Spàinntis nan cànanan oifigeil.

Mallorca
Ensaïmades

Tha Ensaïmades, taoisrean milis, na bhiadh tradaiseanta anns an eilean.

Iomraidhean

Mallorca 
Commons
Tha dealbhan ann an Wiki Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Tags:

Am Muir Meadhan-thìreachAn SpàinnBeurlaCatalanaisLaideannNa h-Eileanan Balèarach

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

BeathaicheanRaineach-mhara1669TawantinsuyuTamailisAibidilSan Juan, Puerto RicoCultar mòr-thaitneachAimearaga a TuathSenonBuill-Pàrlamaid na h-Alba, 2003-2007Uisge ÈireannNashville, TennesseeCupar FìobhaLos AngelesÀth nan DamhSàmaisBìorasMàthair12 an CèiteanAinmh-eòlasPàpa Innocentius XIICarles Puigdemont i CasamajóDùthaich nan TàidhRiochdaire fhilmicheanEudorcas rufifronsMagnus MaximusTurcmanastànAràibia nan SabhdCànanachasÀireamhairGràdhInuktitutJean-Paul SartreRomàinis2003José SaramagoBall-coiseStaitistearachdAgnostachdAmeireagiumLongEileanan Albannach14491876LeòdhasLimaU1805IùdaisAistearMurchadh MoireachFungasLeabhar-eòlaisBleideag-sneachdaAm Monadh NeagrachCànanan RòmanachDiadhaireachdÀrsaidheachdCrioptonNa Stàitean AonaichteTwitterLaghNa h-InnseachanEl GrecoCànan SilesianachEòlas-nàdairFionnghal NicDhòmhnaillFloridaQoppaTarja HalonenRoimhearCeimigeachd fhàs-bheairteach🡆 More