'S e muir staigh-thìr anns an Tuirc a th' ann am Muir Mharmara (Turcais: Marmara Denizi).
Muir Mharmara | |
Suidheachadh | |
Ainm dùthchail | Marmara Denizi |
Seòrsa | Muir |
Farsaingeachd | 11,350 km2 |
Fad | 280km |
Leud | 80km |
Mòr-roinn | Aisia/Roinn-Eòrpa |
Dùthaich | An Tuirc |
Làrach-lìn | Çevre ve Șehircilik Bakanliği |
Tha i suidhichte eadar Àisia agus an Roinn-Eòrpa anns an roinn Marmaris agus 's e an ceangal mara eadar am Muir Àigeanach/na Dàrdainealan agus a' Mhuir Dhubh/Bòsfaras a th' ann. Tha a' mhuir 280km a dh'fhaide agus 80km a leud. Chan eil a' Mhuir Mharmara cho domhainn, dìreach 494m thar cheann, ged a tha i mòran nas doimhne ann an corra àite, fiù 's 1,370. Tha salannachd mheadhanach aice, 38psu. Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gun do chruthaicheadh a' Mhuir Mharmara mu 5600 RC, nuair a bha ìre na mara a' sìor-fhàs an dèidh Linn na Deighe. B' e loch mòr a bh' innte ro làimh.
Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo idir cho soilleir, tha e coltach gur ann à μάρμαρον (Gàidhlig: marmor) ann an Greugais a tha an t-ainm.
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Muir Mharmara, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.