Provincia Guadalajara

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Guadalajara (IPA: ɡwaðalaˈxaɾa).

Guadalajara
Provincia Guadalajara Provincia Guadalajara
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Provincia Guadalajara
Provincia Guadalajara
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Guadalajara
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 12,167 km²
Àireamh-shluaigh 256,461 (2014)
Dlùths 21.08/km²
Àireamh fòn + (949)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

Tha e na laighe ann an Castilla-La Mancha, ann am meadhan na dùthcha. 'S e Guadalajara a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm. B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla la Mancha i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr. Sìnidh Guadalajara fad 12,167km² agus tha 256,461 duine a' fuireach ann. Le sin, 's e an 17mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 42mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Ciudad Real, Cuenca, Madrid, Segovia, Soria, Teruel agus Zaragoza. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

Tha e coltach gur ann à وادي الحجرة (wād al-ḥaŷara) a tha an t-ainm, a tha a' ciallachadh abhainn Henares ann an Arabais. 'S e eileamaid gu math cumanta ann an ainmean-àite na Spàinn a th' ann guad-. Tha fuaimneachadh an ainm air atharrachadh fad nan linntean, a' cur g aig an toiseach air sàilleabh nach eil am fuaim wa ann aig toiseach facal sam bi ann an Spàinntis. 'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd Henares. Tha cuid dhen bheachd gur ann à caisteal (ḥaŷara) ann an Arabais. A dh'aindeoin sin, tha luchd-rannsachaidh eile ann a tha a' toirt taic do fhreumhan ann am Basgais, 's dòcha bho harrikada (Gàidhlig: àite clachach). Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Cruinn-eòlas

Tha iadhtag ann, a bhuineas do Ghuadalajara, thall air an àirde an iar na roinne, ann am Madrid. 'S e Torrejón del Rey an t-ainm a tha air. 'S e adhbharan laghail agus poileataigeach a tha as coireach gu bheil e na àite fa leth air. Tha 5,150 duine a' fuireach ann.

Bailtean

Iomraidhean

Tags:

Provincia Guadalajara Freumhan an ainmProvincia Guadalajara Cruinn-eòlasProvincia Guadalajara BailteanProvincia Guadalajara IomraidheanProvincia Guadalajara18331978An FhraingAn SpàinnBun-reachdCastilla-La ManchaCiudad Real (provincia)Coimhearsnachd fèin-riaghlaidhCuenca (provincia)DùthaichGuadalajaraIPAMadridRoinnean na SpàinneSegovia (provincia)Soria (provincia)Teruel (provincia)Zaragoza (provincia)

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Michael SmithAlfred NobelAm Baile SearBunan-lùth nach teirg ann an AlbaDigital Object IdentifierTehranSluagh-phoblachd na SìneDi-LuainDeuchainn-lannIùgoslaibhiaAn t-ÒgmhiosHarrison Ford1487An Caisteal Nuadh4mh mìle-bliadhna RCBangladaisMeur-coiseSalvatore QuasimodoCeàrnComhairlean na h-AlbaDùthaichErnest Hemingway1185LibearalasNa h-Eileanan Siar2002Prìomh-mhinistearVladimir PutinPalastain21 am MàrtHumza YousafAn Iapan1649Hallands länPrìomh-mhinistear na Rìoghachd Aonaichte1650anBristol4962004Achadh na CroiseTunna1732Rody GormanGhàidhligLars Onsager2019734Còraichean daonna1320anCorneliu BabaRoinn-tìdeU1827FNASAAlmainDàin do EimhirCórdoba, An SpàinnLuhanskSasainn NuadhCarolina a TuathStaitistearachdAimearaga a TuathGealachCoille-GhuailBun-sgoilCreideamhDi-DòmhnaichGuernsey1906Gàidhlig na h-Èireann🡆 More