Coimhearsnachd Fèin-Riaghlaidh

Tha An Spàinn air a roinneadh ann an 17 pàirtean air a bheil Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh (Basgaisː Autonomia Erkidegoak, Catalanaisː comunitats autònomes, Spàinntisː Comunidades Autónomas).

'S e Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh a th'annta air sàilleabh gu bheil cumhachdan reachdail agus laghail aca. Tha iad, gu h-ìre mar Alba. Chruthaich Bun-reachd ùr 1978 Spàinne cumhachdan airson siostam riaghlaidh ùr a chuir air dòigh san Spàinn, mar phàirt a' phròiseis anns an robhar a' deamocrachadh na stàite, an dèidh na deachdaireachd, a mhair bho 1939 gu ruige bàs Francisco Franco, ann an 1975.

Figearan

'S e Castilla y León a' Choimhearsnachd fèin-riaghlaidh as fharsaingiche (94,223km²) ach 's e Na h-Eileanan Balèarach an tè as lugha (1,239km²). Tha àireamh-sluaigh Andalusia mòran nas àirde na càch, ach tha àireamh-sluaigh La Rioja nas lugha na coimhearsnachdan eile. A thaobh làn-thoradh dùthchail, ann an 2010, b' e na figearan airson Madrid a bha as àirde agus La Rioja as ìsle. Tha a h-uile coltas ann gur e Dùthaich nam Basgach, no Euskadi ann am Basgais fhèin a' Choimhearsnachd fèin-riaghlaidh far a bheilear a' deànamh barrachd ùr-ghnàthachadh, an taca ri àiteachan eileː 1.5 ann an 2007. Bha na cosgaisean a thathar a' caitheamh air sgrùdadh is dealbhachadh aig 1.90 ann an 2008. Airson gach pearsa, 's ann ann an Dùthaich nam Basgach far a bheil an teachd a-steach as àirde (€32,133) agus 's ann ann an Extremadura far a bheil na figearan as ìsle (€24,020). Tha na figearan airson nam Basgach 33,8 % as àirde na airson an corr dhen stàit.

Seo liosta nan Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh agus am prìomh-bhaileː

Rudan Neònach

Thathar a' cumail cumhachdan eile aig ìre nan roinnean. A dh'aindeoin seo, far an robh Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh aon-roineil ann, chuireadh an roinn agus a' Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh ri chèile. Seo a thachair ann an Asturias, Na h-Eileanan Canàrach, Cantàbria, La Rioja, Madrid, Mucia agus Nafarroa. Chaidh ainm Roinn Logroño atharrachadh gu La Rioja agus Roinn Oviedo gu Asturias ann an 1978 fo lagh 57/1980. A bharrachd air sin, tha dà bhaile thall air costa a tuatha Afraga a tha a' buntainn dhan Spàinn: Ceuta agus Melilla. 'S e Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh a th' annta, leis gu bheil cumhachdan Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh agus baile aca aig an aon àm.

Iomraidhean

Tags:

193919751978AlbaAn SpàinnBasgaisBun-reachdCatalanaisDeachdaireFrancisco FrancoSpàinntis

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

ZipaquiráSudanCollège de FrancePuncNaomh Augustine à HippoGàidhlig996GiurgiuAlþingiQuechuaTámesis (Antioquia)Haute-GaronneÀrd ChoilleSaidheansBursaBreyer1966CànanAn t-IucharPròtainPrìomh Lìog na h-Alba15 an CèiteanMeanbh-fhrìde370anSabhal Mòr OstaigBogotáComhairliche27 an t-Sultain1717Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Iar135724 an GibleanIrving LangmuirBuirciona FasoBòtannDòmhnall Ruadh ChorùnaBermudaAilseabraFeàrnanSeabhagPàislig agus Siorrachd Rinn Friù a Tuath (sgìre Phàrlamaid Westminster)Gleann AircleidComhairle Lodainn MheadhanaichSweyn Holm13006 am MàrtEòlas-comainnWiki CommonsHumphrey BogartMaramureş (Siorrachd)An t-SultainValle d'Aosta48HTMLConservatoire Rìoghail na h-Alba30 an GibleanPàrtaidh Nàiseanta na h-AlbaThe Yardbirds1686Breacan4191209Innis CheithBeurla GhalldaMel Gibson8 an LùnastalLeòmhannJöns Jacob BerzeliusMontreuil, Pas-de-Calais899Klas Pontus Arnoldson1483PeairtAdhbharan nàdarra🡆 More