Luhansk

'S e baile mòr faisg air Kramatorsk agus Donetsk anns An Ucràin a th' ann an Luhansk (Ucràinis: Луганськ, IPA: lʊˈɦɑnʲsʲk).

Luhansk
Луганськ
Luhansk Luhansk
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Luhansk
Luhansk
Suidheachadh
Dùthaich Luhansk An Ucràin
Ceàrn Luhansk Luhanska Oblast
Sgìre Luhanskiy Raion
Co-chomharran 48° 34 00' Tuath
39° 20 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 257 km²
Àireamh-shluaigh 399,559 (2021)
Dlùths 1,554.7/km²
Àireamh fòn + 380 642
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Luhan, san roinn Luhanska Oblast. Tha 399,559 duine a' fuireach ann.

Eachdraidh

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1795 le Charles Gascoigne, neach-gnothaich à Sasainn a thog muilinn-stàilinn an seo. Chanadh Voroshilovgrad ris bho 1935 gu ruige 1958 agus an uair sin bho 1970 gu ruige 1990, mar urram don neach-poileataigs Kliment Voroshilov. Bha am baile fo sgàile is fo bhuaidh feachdan Nàsach eadar 1942 agus 1943 ri linn An Dàrna Cogaidh. Ann an 1991, thàinig Luhansk gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.

Eòlas-sluaigh

A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ruisis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Luhansk a' bruidhinn (85.3%), ged a tha mion-chuid ann le Ucràinis cuideachd (13.7%). Ged a bha fàs ann an uiread dhaoine a bha a' fuireach ann an Luhansk sa chiad leth dhen 20mh Linn, cha b' ann ach àn dèidh An Dàrna Cogaidh a fhuair am baile fàs uabhasach fhèin mòr a thaobh àireimh-shluaigh agus an An t-Aonadh Sobhiatach ga ghnìomhasachadh. A dh'aindeoin sin, thoisich an uiread dhaoine a tha nan tàmh ann an Luhansk a thuiteam an dèidh 201, nuair a bha àireamh-sluaigh a' bhaile aig an ìre na b' àirde a bha i a-riamh.

1897 1923 1926 1939 1959 1970 1979 1989 2001 2016
20.404 43.966 71.006 214.607 274.520 382.774 463.047 496.813 463.097 414.509

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Luhansk EachdraidhLuhansk Eòlas-sluaighLuhansk Daoine AinmeilLuhansk Bailtean Co-cheangailteLuhansk IomraidheanLuhansk Ceanglaichean a-machLuhanskAbhainnAn UcràinBaileDonetsk (Donetska Oblast)DùthaichIPAKramatorsk (Donetska Oblast)Luhanska OblastUcràinis

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

An Aetiòp1850Baile Átha CliathAlbaSpàinntisArgon12 an t-ÒgmhiosAlberta1335Neach-poileataigs15 am Faoilleach1470anSeoulUilleam UallasTeicneòlasFluarainDealanBuain na mònaWiki CommonsSasainnCogaidhean na CroiseRomàinisChubut1520MosgoMonacoCarles Puigdemont i CasamajóAn Talamh (planaid)Coinneach I na h-AlbaCoimpiutaireachdAn Cogadh MòrMarxachasJosé Vicente ConchaDonostiaPaul Karrer4 an GibleanBrabhsair-lìnBurundaidhTorontoAfganastanAinmh-eòlas19381695Breatainn Mhòr1894Old Firm18382024An Innd-InnseGeorge H. W. BushNìgeiriaMississippi (abhainn)KarachiBall-coiseFergie DòmhnallachA' PhruisJohn Muir18 an GibleanAn FhraingIntegrated Authority File19mh LinnBogotáJames K. PolkErwin SchrödingerLeabharlann Nàiseanta Poblachd na SeiceCruinn-eòlasEastoinisCànanachasCanadaIain Eairdsidh MacAsgaill🡆 More