Provincia Ciudad Real

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Ciudad Real (IPA: θjuˈðað reˈal).

Ciudad Real
Provincia Ciudad Real Provincia Ciudad Real
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Provincia Ciudad Real
Provincia Ciudad Real
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Ciudad Real City (en) Translate
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 19,813 km²
Àireamh-shluaigh 530,175 (2014)
Dlùths 26.76/km²
Àireamh fòn + (926)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

Tha e na laighe ann an Castilla-La Mancha, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Ciudad Real a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm. B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla la Mancha i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr. Sìnidh Ciudad Real fad 19,813km² agus tha 530,175 duine a' fuireach ann. Le sin, 's e an treas roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 30mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochan aice le Albacete, Cáceres, Córdoba, Cuenca, Jaén agus Toledo. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

Tha e soilleir gur e dìreach dà fhacal san Spàinntis a th' ann an t-ainm seo: ciudad (Gàidhlig: baile mòr) agus real (Gàidhlig: rìoghail). Bheireadh sin Baile Rìoghail dhuinn sa chànan againne fhèin. Thug an rìgh Alfonso X ainm ùr dhan àite ann an 1255 o chionn's gur robh e a' feuchainn ris an sgìre a thoirt a-mach bho na Rìdirean Calatrava. B' e Pozuelo Seco de Don Gil (Gàidhlig: Tobar Thioram Mhaighstir GhillEasbaig) a bh' ann an t-seann ainm. Mar a b' àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Cruinn-eòlas

Tha iadhtag ann, a bhuineas do Chiudad Real, thall air an àirde an iar na roinne far an tig Badajoz, Cáceres agus Toledo ri chèile. 'S e Rincón de Anchuras an t-ainm a tha air. Tha e na aite fa leth air sàilleabh gu bheil sliabh ann eadar an iadhtag sin agus an còrr dhen roinn. Chan eil ach 455 duine a' fuireach ann.

Bailtean

Iomraidhean

Tags:

Provincia Ciudad Real Freumhan an ainmProvincia Ciudad Real Cruinn-eòlasProvincia Ciudad Real BailteanProvincia Ciudad Real IomraidheanProvincia Ciudad Real18331978Albacete (provincia)An FhraingAn SpàinnBun-reachdCastilla-La ManchaCiudad RealCoimhearsnachd fèin-riaghlaidhCuenca (provincia)Cáceres (provincia)Córdoba (provincia)DùthaichIPAJaén (provincia)Roinnean na SpàinneSpàinntisToledo (provincia)

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

An Fhraing3051671Comhairle Siorrachd Obar DheathainRobert LefkowitzAn UcràinConsairtean1942SuainisElvis Presley200618521640anBancaCill MhàraisGàidhlig ChanadaKampalaA' GhearmailtEadar-theangachadhAn t-Ath-LeasachadhDùn GasbaithPyongyangInneal1898SàrdaisLoch Huron1223LunnainnRegina, SaskatchewanCian-chonaltradhToledoHouston, TexasCroataisRivnenska Oblast1939An AbchasMìle-bliadhnaGiuseppe VerdiCharles Grey, 2nd Earl GreyMiguel de CervantesUsbagastànBremerhavenPennsylvaniaCoimisean an TaghaidhRuisisRoinn a' Chuain ShèimhBlàr Chùil LodairAilseabraMeagsago (baile)FirefoxRiaghaltas2011Reul-eòlasSìobhaltas nam MayaFrédéric ChopinMarlon Brando9 an t-SultainAn t-Ògmhios6861510anViennaThessalonikiFraingisAchd na Croitearachd (1886)Biotais1020anDluthad161ConaltradhCeòlAibidil CirileachJames CaviezelStendhal🡆 More