Provincia Granada

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Granada (IPA: ɡɾa'naða).

Granada
Provincia Granada Provincia Granada
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Provincia Granada
Provincia Granada
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Granada
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 12,647 km²
Àireamh-shluaigh 924,550 (2014)
Dlùths 73.1/km²
Àireamh fòn + (958)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

Tha e na laighe ann an Andalusia, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Granada a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm. B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr. Sìnidh Granada fad 12,647km² agus tha 924,550 duine a' fuireach ann. Le sin, 's e an 15mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 19mh tè a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Albacete, Almería, Córdoba, Jaén, Málaga, agus Murcia. 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

Chan eil freumh-fhaclachd an ainm soilleir. Tha e coltach gur ann à Gar-anat (Gàidhlig: Cnoc na Luchd-taistealachd) ann an Arabais a tha an t-ainm. A dh' aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Garnatum ann an Laideann agus gu bheil sin a’ ciallachadh ruadh no gràn-ubhal: Tha gràn-ubhal air an t-seula agus tha ùir ruadh pailt san sgìre. Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Iomraidhean

Tags:

18331978Albacete (provincia)Almería (provincia)An FhraingAn SpàinnAndalusiaBun-reachdCoimhearsnachd fèin-riaghlaidhCórdoba (provincia)DùthaichGranadaIPAJaén (provincia)Murcia (provincia)Málaga (provincia)Roinnean na Spàinne

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Misael Pastrana BorreroTeicneòlasLucsamburg7mh LinnAràibia nan Sabhd23 an Giblean1482A19561902WiccaÀm Uile-choitcheann Co-òrdanaichteCailein T. MacCoinnichA' ChongoColannAirgead (malairt)Marie AntoinetteCòrn SasannachRuisisVizcaya (provincia)1894Victoria (na h-Eileanan Sheiseall)Na h-AimearaganBizkaia (provincia)1470anAimearaga a Tuath1912SuainisIomadachadhCuan SèimhPopayánErwin SchrödingerBaile Átha Cliath633El SalbhadorStaitistearachdDàirichEun-turaisAn Èipheit18 an GibleanPoblachd na SìneOGàidhlig na h-ÈireannAfganastanGuatamalaEaglais Fhìor ÌosaPoblachd na h-ÈireannLeabharlann Nàiseanta Poblachd na SeiceGebzeHTMLRìgh Juan Carlos I na SpàinneEaconomaidh28 am MàrtSpòrsCeann-fionnJohn Paul JonesPrìomh-DhuilleagAn Innd-InnseMonacoZenana2014GreugaisTaigh na h-UiseigAn Cogadh MòrMississippi (abhainn)Donald Trump🡆 More