Baile Aranzazu

‘S e baile beag faisg air La Merced ann an Caldas a th’ann Aranzazu.

Aranzazu
Baile Aranzazu Baile Aranzazu
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Baile Aranzazu
Sealladh air a' bhaile
Baile Aranzazu
Suidheachadh
Dùthaich Baile Aranzazu Coloimbia
Roinn Caldas
Àirde 1960m
Teòthachd chuibheasach 18°
Co-chomharran 5° 17′ 00.00″ Tuath
75° 10′ 00.00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 151.5 km²
Àireamh-shluaigh 12,815 (2005)
Dlùths 84.59/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Aranzazu

Tha e ann an iar-mheadhan na dùthcha, Coloimbia. Tha àireamh-sluaigh dhe 12,181 daoine a’ fuireach ann an Aranzazu. Tha e suidhichte ann an ceann an tuath na roinne, aig 52 cileameatair à Manizales, prìomh-bhaile na roinne. ‘S e baile le cleachdaidhean gu math traidiseanta a th’ann, agus cha do dh’fhulaing e an droch ainneart a rinn cron air iomadh sgìre eile air feadh na dùthcha. Bithear a’ cumail Fèis na Cabuya (seòrsa dhe bambù), gach dà bhliadhna, leis gu e sin fear dhe na lusan a thathar ga fhàs an seo. ‘S e baile uabhasach marsanta a th’ann. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1853.

Freumhan an Ainm

Chaidh am baile a dh’ainmeachadh mar chuimhne air Juan de Dios Aranzazu, seann cheann-suidhe na dùthcha a thug am fearann far a bheil am baile an latha an-diugh mar thabhartas dha na daoine, gnothach a rinn e air feadh Caldas agus Antioquia. 'S ann às a' Bhasgais a thàinig an t-ainm Aranzazu neo Aránzazu, agus tha e a' ciallachadh Beinn na Drisean, bho ara (beinn), antz (dris) agus zu (làn).

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 12,815 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 5,948 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Aranzazu (is mòran dhuibh mestizos), chan eil Tùsanaich ann ach tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 88.6% dhe na daoine ann an Aranzazu leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 28.8% dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Aranzazu. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an Aranzazu

Tags:

Baile Aranzazu Freumhan an AinmBaile Aranzazu Sluagh a bhaileBaile Aranzazu FèiseanBaile Aranzazu IomraidheanBaile Aranzazu Ceanglaichean A-machBaile Aranzazu1853BaileCaldas (Roinn)ColoimbiaLa MercedManizales (baile)

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

HTMLSasainnGàidhlig na h-ÈireannAibidil EabhraRonaldinho1912Èirinn (eilean)CroitearachdCailein T. MacCoinnichCànanachasMiotas-eòlas15 am FaoilleachKarachiAn t-Àrd RuighEl SalbhadorCeimigeachdBuain na mònaRaibeart I na h-AlbaBeàrnaraigh na HearadhA' PhruisDealanAlexei NavalnyZenanaNa h-AimearaganAn Dàrna CogadhEaconomaidhlàrach-lìnRoinnean na SpàinneEòlas-comainnAinmh-eòlas1835EacuadorDonostia780An Aetiòp1578Baile Átha CliathAn t-Suain30 an t-SultainAfganastanAn Crios-GrèineFrederick John Robinson, 1d Biocas GoderichLuibh-eòlasSpàinntisEuroCogaidhean na CroiseAfragaSeleniumChubutStaitistearachdLee MarvinCastelló (roinn)Poblachd na SìneEun-turaisSaidheans PoileataigeachÀrsaidheachdEunDàirichAlberta1482Castelló obh obhLiosta dhaoine às a' ChuimrighGiùlanNa Stàitean Aonaichte🡆 More