La Merced

'S e baile beag faisg air Aranzazu ann an Caldas, Coloimbia, a th' ann an La Merced (IPA: la meɾˈseð).

La Merced
La Merced La Merced
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
La Merced
Sealladh air a' bhaile
La Merced
Suidheachadh
Dùthaich La Merced Coloimbia
Roinn La Merced Caldas
Sgìre Àrd-Ear
Àirde 1819m
Co-chomharran 05° 23' 58' Tuath
75° 32' 49' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 98.1 km²
Àireamh-shluaigh 6,752 (2005)
Dlùths 68.83/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

Tha e suidhichte aig 1,819m os cionn ìre na mara agus 98km air falbh bho Mhanizales. 'S e baile le gnàth-shìde gu math càilear a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach mu 18.7˚ aige. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1901.

Eachdraidh

B' e na Pozo a bha làidir anns an sgìre seo mus an do ràinig na Spàinntich. Bha buaidh nan Spàinnteach cho làidir air na Tùsanaich gun do bhàsaich a' mhòr-chuid ro cheann linn. Chaochail an ceannsaiche Spàinnteach Jorge Robledo an seo ann an 1546. Thoisich daoine à Antioquia a' tighinn ann ri cofaidh a chinntinn anns an 19mh Linn. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1901 a-mhàin, dìreach aig deireadh Cogadh na Mìle Làithean. Ged a tha FARC fhathast an làthair ann an caochladh sgìre ann an Caldas, chan eil iad air a bhith idir làidir an seo bho chion bhliadhnaichean. A dh'aindeoin sin, bha luchd-reic dhrogaichean nan trioblaid dhoirbh aig deireadh an 20mh Linn o chionn 's gu bheil am baile faisg air Antioquia. B' ann ann an La Merced a chaidh Cacique Pipintá - buidheann cheannarcach an làimhe dheis - a stèidheachadh ann an 1999.

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 2.190 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, tha 6,752 anns an sgìre air fad. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid nan daoine ann an La Merced, ach tha 0.1% a tha nan Tùsanaich agus 0.5% nan daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 85.7% nan daoine ann an La Merced leughadh agus sgrìobhadh. A thuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 20.4% nan dachannan.

Freumhan an Ainm

Chaidh am baile a dh’ainmeachadh mar chuimhne air Moire na Tròcaire, neo La Virgen de la Merced ann an Spàinntis. Thogadh eaglais dhi an seo nuair a stèidheachadh am baile.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an La Merced. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an La Merced

Tags:

La Merced EachdraidhLa Merced Sluagh a bhaileLa Merced Freumhan an AinmLa Merced FèiseanLa Merced IomraidheanLa Merced Ceanglaichean A-machLa Merced1901Aranzazu (baile)BaileCaldas (Roinn)ColoimbiaGnàth-shìdeIPAManizales (baile)

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Taylor SwiftReykjavík19 an DùbhlachdAn ÈipheitAlbaMadadh-cuainMarie AntoinetteMianmarRìoghachd eSwatiniSeleniumCeimigeachd17 am FaoilleachRonaldinhoJohn Paul Jones1934Miotas-eòlasFreetownZSlàinte1260anAn Dàrna CogadhEuroTaigh na h-UiseigDonald Trump19 an GearranSeoulDannsa2014Àm Uile-choitcheann Co-òrdanaichteBreatainn MhòrMosgo4 an GibleanUisge Dhè, Siorrachd Obair DheathainBall-coiseAlexei NavalnyWiki CommonsCoinneach I na h-AlbaHermann HessePoilisacaraidKarachiAn Talamh (planaid)Baile Átha CliathNìgeiriaGeòlasPrìomh-DhuilleagSileadhPopayánAchd na Gàidhlig 2005Guatamala1470anAfraga15207mh LinnCorp-eòlasMonacoBizkaia (provincia)Lee MarvinYvelinesA' Bheilg21 an GibleanIain Mac a' GhobhainnNa h-Aimearagan18 an GibleanGealach🡆 More