Uilleam Ros

'S e bàrd Gàidhlig agus neach-ciùil ainmeil a bha ann an Uilleam Ros (1762-1790).

Uilleam Ros
Beatha
Breith An t-Àth Leathann, 1762
Dùthaich Uilleam Ros Alba
Bàs 1791
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd bàrd, sgrìobhadair, seinneadair, neach-ciùil agus neach-teagaisg
Gnè ealain bàrdachd
Inneal-ciùil guth

Sgeul-beatha

Uilleam Ros 
Geàrrloch - am baile far an deach Uilleam Ros a thìodhlacadh

Rugadh e anns an t-Sìthean anns an Eilean Sgitheanach ann an 1762. Bha athair Uilleim na Sgitheanach agus bha e ag obair mar ceannaiche-siubhail. Bha a màthair às an Sgìre Gheàrrloich. Chaidh Uilleam dhan sgoil ann am Farrais. Thòisich e air bàrdachd a sgrìobhadh nuair a bha e anns an sgoil fhathast. An-dèidh an sgoil fhàgail thill an teaghlach air ais gu Geàrrloch. An uair sin chaidh Uilleam còmhla ris an athair air cuairtean do na h-eileanan agus air feadh na dùthcha. Mar sin chuala e na blasan eadar-dhealaichte agus fhuair e deagh eòlas orra. Air ais ann an Geàrrloch thòisich e ag obair mar mhaighstir-sgoile gus an do fhàs an slàinte aige nas bu miosa. A-rèir beul-aithris bha gaol aige air Mòr Ros à Steòrnabhagh. Ach phòs i fear eile. Greiseag roimhe sin sgrìobh e dàn: 'Feasgair Luain', 's dòcha gur e sin am fear as ainmeile aige. Ann an 1790 chaochail e leis a' chaitheamh, bha e 28 bliadhna a dh'aois.

Uilleam Ros anns a' bhàrdachd

Tha Uilleam Ros, còmhla ri William Butler Yeats neo Bertran de Born, a' nochdadh gu tric anns an Dàin do Eimhir agus Dàin Eile le Somhairle MacGill-Eain.

Anns an ciad leabhar aige, An Dealbh Briste (1951), dh'fhoillsich Ruaraidh MacThòmais dàn 'Uiagh Uilleim Rois'.

Dàin

Iomraidhean

  • Black, R. (deas.) 2001. An Lasair: An Anthology of Eighteenth-century Gaelic Verse (Edinburgh: Birlinn)

Tuilleadh leughaidh

  • Dòmhnallach, Tormod. 'Uilleam Ros: A Bheatha is a Bhàrdachd (1)' ann an Gairm Àir. 57, An Geamhradh 1966, d.19-26.
  • Gaelic poetry in the eighteenth century; Derick S. Thomson, Obar Dheathain, Association for Scottish Literary Studies, 1993. ISBN 0948877197
  • The Poetry of Scotland - Gaelic, Scots and English; Roderick Watson, Dùn Eideann, 1995. ISBN 0748606076

Ceanglaichean a-mach

Tags:

Uilleam Ros Sgeul-beathaUilleam Ros anns a bhàrdachdUilleam Ros DàinUilleam Ros IomraidheanUilleam Ros Tuilleadh leughaidhUilleam Ros Ceanglaichean a-machUilleam RosBàrdNeach-ciùil

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

ApiaRomàiniaFriedrich NietzscheLongCrìosdaidheachd30 an GearranTaigh45An UcràinH49Brabhsair-lìnFìonAn ÀithneEastoinis19602000NobeliumHip-hop19354226 am Màrt194929EadailtisIsaac Bashevis SingerWikimediaHelsingborgRiaghaltas19591Taigh-tasgaidhSuòmaidh172820131940OPenpontBraisilUisgeTorc fiadhaich315184510571899BoaHaidrideanAlpacaAn Cogadh MòrFuilTampa, FloridaSaarland198814GlaschuWiki CommonsLaghTsadeSiorcòniumAn Rìoghachd AonaichteFaclairicheFungas1995E195328199432Mainz193818781942WashingtonNirribhidh1591🡆 More