Provincia Lleida

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Lleida (IPA: ʎɛjðə no ʎejðɛ, Spàinntis: Lérida).

Lleida
Provincia Lleida
Gearradh-arm
no Seula
Provincia Lleida
Provincia Lleida
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Lleida
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 12,172 km²
Àireamh-shluaigh 442,308 (2014)
Dlùths 36.34/km²
Àireamh fòn + (973)
Duilleag oifigeil Riaghaltas na Roinne

Tha e na laighe ann an Cataloinia, air an àirde an ear-thuath na dùthcha. 'S e Lleida a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm. B' e an siostam-riaghalaidh ionadail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chatalòinia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh bun-reachd ùr. Sìnidh Lleida fad 12,172km² agus tha 442,308 duine a' fuireach ann. Le sin, 's e an 18mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 33mh tè a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aice le Barcelona, Huesca, Girona, Tarragona, Zaragoza, Andorra agus an Fhraing. 'S e Catalanais, Ogsatanais agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.

Freumhan an ainm

Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann às an ainm Iltiŕta ann an Ibearais a tha an t-ainm. Fad nan linntean dh'atharrachadh fuaimeanachadh an ainm mar a leanas: Ilerda ann an Laideann nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach, لاردة (Laaridah) ann an Arabais, Leyda anns na meadhan aoisean agus mu dheireadh thall Lleida tron atharrachadh fuaimneachail l → ʎ ann an Catalanais. 'S e palatalizatció (Gàidhlig palatalachadh) an t-ainm a tha air sin. Mar a b' àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu mhotha sa sgìre a chuireadh air an roinn.

Cruinn-eòlas

Tha iadhtag ann, a bhuineas do Lleida, air an àirde an iar-dheas na roinne a-muigh Barcelona. 'S e Pinós an t-ainm a tha air. 'S e adhbharan laghail agus poileataigeach a tha as coireach gu bheil e na àite fa leth air. Chan eil ach 305 a' fuireach ann.

Bailtean

Iomraidhean

Tags:

Provincia Lleida Freumhan an ainmProvincia Lleida Cruinn-eòlasProvincia Lleida BailteanProvincia Lleida IomraidheanProvincia Lleida18331978An FhraingAn SpàinnAndorraBarcelona (provincia)Bun-reachdCatalanaisCataloiniaCoimhearsnachd fèin-riaghlaidhDùthaichGirona (provincia)Huesca (provincia)IPALleidaOgsatanaisRoinnean na SpàinneSpàinntisTarragona (provincia)Zaragoza (provincia)

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Coimpiutair633Frederick John Robinson, 1d Biocas GoderichRotterdamProbhaistAfganastan1482PrìosanBurundaidhEuroInnis TìleEilean MhanainnStefania Turkewich1219Hermann HessePAn Crios-GrèineBaile Átha CliathMalairtLiosta dhaoine às a' Chuimrigh2 an GearranMatamataigFraingisMiotas-eòlasCeimigeachdVictoria (na h-Eileanan Sheiseall)Eun-creachaidhDeimosDannsa3 an Cèitean1937Mosgo21 an t-ÒgmhiosA' ChuimrighBuain na mònaJaén (provincia)Àm Uile-choitcheann Co-òrdanaichteAn AetiòpRìoghachd eSwatiniIain Eairdsidh MacAsgaillGàidhlig na h-ÈireannAiltireachdJohn Howard NorthropUisgeDonald TrumpSpàinntis1894ZCogaidhean na CroiseAn Talamh (planaid)19 an GearranJohn Muir20 an LùnastalStaitistearachdPopayánLiosta dhaoine à AlbaMadadh-cuainSeoulRonaldinhoFionnlannais17 am FaoilleachBogotáYvelinesRuaraidh MacFhionghainToronto1835Alberta🡆 More