Lleida

‘S e baile mòr air an àirde an ear-thuath na Spàinne a th’ ann Lleida (Catalanais, IPA: 'ʎɛjðə) neo Lérida (Spàinntis, IPA: 'leɾiða).

Lleida
Lleida Lleida
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Lleida
Suidheachadh
Dùthaich Lleida An Spàinn
Ceàrn Lleida Lleida
Sgìre Lleida Catalòinia
Co-chomharran 41° 36' 50 Tuath
00° 37' 32 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 211.7 km²
Àireamh-shluaigh 137,387 (2010)
Dlùths 648.97/km²
Àireamh fòn + 34 973
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S ann à Ilerda neo Iltirta bho na Ilergetes, treubh Iberianach, a th’ann an t-ainm. Tha Lleida suidhichte shuas air a' chòmhnard àrd ann am meadhan Chatalòinia (Catalanais: Depressió Central), aig 155m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Segre. Tha Lleida 394km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 127km bho Bharcelona, am baile as motha agus prìomh-bhaile Chatalòinia. Tha 137,387 daoine a’ fuireach ann an Lleida, an 7mh baile as motha ann an Catalòinia agus an 49mh baile na Spàinne. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Lleida a th’ann Lleida cuideachd.

Lleida
La Seu Vella, Lleida (2017)

Freumhan an ainm

Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann às an ainm Iltiŕta ann an Ibearais a th' ann ainm a' bhaile. Fad nan linntean dh'atharrachadh fuaimeanachadh an ainm mar a leanas: Ilerda ann an Laideann nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach, لاردة (Laaridah) ann an Arabais, Leyda anns na meadhan aoisean agus mu dheireadh thall Lleida tron atharrachadh fuaimneachail l → ʎ ann an Catalanais. 'S e palatalizatció (Gàidhlig palatalachadh) an t-ainm a tha air sin.

Eachdraidh

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.

Cruinn-eòlas

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Lleida. Cha tuit ach 342mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 831mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite tioram a th' annː

Lleida 

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

Tags:

Lleida Freumhan an ainmLleida EachdraidhLleida Cruinn-eòlasLleida Bailtean Co-cheangailteLleida IomraidheanLleida Ceanglaichean A-machLleidaAbhainnAn SpàinnBaileBarcelonaCatalanaisCatalòiniaIPALleida (provincia)MadridMuirSpàinntis

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

SealtainnMiotas-eòlasAn Tuirc10 am FaoilleachBlàthNirribhidhPeppa PigEarra-GhàidhealAnailis mhatamataigeachDruim na DrochaidEòlas-inntinn1688AachenÌmpireachd BhreatainnAntonín DvořákFìleamRìoghachd nan Tìrean ÌsleAlbaRiaghaltasHumphrey BogartDi-ArdaoinPatrick Harvie1914Eòin Baistidh1934An Ear-thuath a DeasAn FhraingWikimediaTjalling KoopmansCoimeasachBlàrAirgead (meatailt)Mississippi (abhainn)FirefoxPàirc Nàiseanta YosemiteDuthaichBrùnaighNikolai GogolEmilia-RomagnaMatamataigLeatromHTMLÀireamh (Bìoball)Tacoma, WashingtonAibidilJonathan WintersSingeapòrCoinneach I na h-AlbaAonadh Rugbaidh na h-Alba1818Brabhsair-lìnMosgo18451974AristotleSlighe Chloinn UisnichComhairle Siorrachd Lannraig a DeasVladimir LeninA' GhearmailtBeathach10 an Gearran998Dàin do EimhirBrunswick NuadhNational Library of Australia1975Digital Object IdentifierPoblachd na h-ÈireannCuan Siar10 an LùnastalGarry MarshallDuitsisNapoléon Bonaparte879🡆 More