La Mesa

'S e baile beag ann an Cundinamarca, Coloimbia, a th' ann an La Mesa neo Guayabal de la Mesa.

La Mesa
La Mesa La Mesa
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
La Mesa
Sealladh air a' bhaile
La Mesa
Suidheachadh
Dùthaich La Mesa Coloimbia
Roinn La Mesa Cundinamarca
Sgìre Tequendama
Àirde 1200m
Co-chomharran 04° 37' 49' Tuath
74° 27' 45' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 148 km²
Àireamh-shluaigh 27,165 (2005)
Dlùths 183.55/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 1200m os cionn ìre na mara agus 65km air falbh bho Bhogotá, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e baile le gnàth-shìde bhlàth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach mu 22˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1777.

Freumhan an Ainm

Tha na h-ùghdarrasan iondail dhen bheachd gur e Doyma an t-seann ainm an tug na Tùsanaich Panche air an àite seo mus do ràinig na Spàinntich. Tha an t-ainm La Mesa a' ciallachadh faiche àrd ann an Spàinntis oir tha am baile suidhichte ann an àite àrd shuas ann am beanntan na h-Andes. 'S e achadh chraoibh Guava a th'ann Guayabal, meas troipeagach le ainm Arawak. Tha an t-iar-leasachan -al a' ciallachadh àite làn chraobh neo doire-choille, m.e: El Rosal ann an Cundinamarca neo Chaparral ann an Tolima.

Sluagh a' bhaile

Tha 27,165 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 12,963 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin. Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an La Mesa, ach tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 87.9% dhe na daoine ann an La Mesa leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 40.5% dhe na dachannan.

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am La Mesa. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast, fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an La Mesa

Tags:

La Mesa Freumhan an AinmLa Mesa Sluagh a bhaileLa Mesa FèiseanLa Mesa IomraidheanLa Mesa Ceanglaichean A-machLa Mesa1777BliadhnaBogotáColoimbiaCundinamarca (Roinn)Gnàth-shìde

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

James Stewart1272Carles Puigdemont i CasamajóPagastànHTMLMapaBogsa-piànaFriedrich von HayekLiadhagNirribhidh15mh LinnAmy WinehouseMamalAn t-Impireachd BheasantianAn Roinn CharaibeachRouenDNAAmisfieldEala-bhàn2002FèileadhCogadh Bhiet-NamDeventerDruim LèamalEarrann a' Phriair12TripoliLosgannQueenSheffieldComhairle Siorrachd Obar DheathainDùthchannan CeilteachPàipear-ballaScandiumUairMartin LutherKyivska OblastGeòlasLiosta nan dùthchannan a rèir LTD (CCC) gach pearsaBaile nan StiùbhartachModailComunnachasGöteborgBaile Naoimh Eòin, an Talamh ÙrStèisean Inbhir NarannTrianaidAm Bàs DubhA' Fhraing1705Uilleam III Shasainn is II AlbaPearùNapoléon BonaparteAn Roinn-EòrpaMeatairArrecifeBaile Ùr an t-SléibhGealachNa Rolling StonesEabhraigIadhtag agus eilean-ranntairTutankhamunJuneteenthCeann Loch Chille ChiarainRichard NixonRoinn-tìdeSeanagalTeàrlach III🡆 More