Tha Jeremy Bernard Corbyn (IPA: kɔːrbɪn, Chippenham 26 an Cèitean 1949) na fhear-poileataigs Sasannach sa Phàrtaidh Làbarach agus na bhall Phàrlamaid Westminster airson Islington a Tuath o 1983.
Mac an innleadair David Benjamin Corbyn (1915–1986) agus an tidsear matamataig Naomi Josling (1915–1987), thogadh e ann an Wiltshire agus ann an Shropshire. Tha triùir bràthair aige. B' e sìochantairean a bh' ann a phàrantan, a choinnich ri chèile ann an tachartas aig an Conway Hall Ethical Society - a tha a' gabhail ri daonnachas - gus taic a thoirt do Phoblachd na Spàinne aig àm a' Chogaidh Sìobhalta. Chaidh Jeremy òg gu sgoiltean prìobhaideach an siud. Bha e an sàs ann an CND, am Pàrtaidh Làbarach, agus iomairtean an aghaidh sealgaireachd, is esan fhathast san sgoil. Chuir e seachad bliadhna na oileanach aig ach cha tug e ceum idir.
Ann an 1974 phòs e aig Jane Chapman, a bha na comhairliche còmhla ris ann an Haringay, ach dhealaich iad ann an 1979. Tha ise na ollamh aig Oilthigh Lincoln a-nis. An uair sin phòs e aig Claudia Bracchitta, a bha na fògarrach às An t-Sile, ann an 1987. Dhealaich ann an 1999 iad air sàilleabh gu robh ise airson an triùir duine-cloinne a bh' aca a chur gu sgoiltean prìobhaideach, rudeigin a bha esan an aghaidh. Mu dheireadh thall, phòs e aig Laura Álvarez ann an 2013. 'S e neach-iomairt Mhalairt chothromaich a th' innte agus bha i na neach-lagha airson chòraichean daonna san dùthaich aige fhèin.
Thoisich Corbyn ann am poileataigs tron na aonaidhean-ciùird, a thaobh an T&GWU, a' riochdachadh luchd-obrach ann an gnìomhachas aodaich. An uair sin chaidh a thaghadh na chomhairliche airson Haringay, far an robh e bho 1974 gu ruige 1983 nuair a chaidh a thaghadh gu airson Islington a Tuath. Fhuair e an seat aige leis gun do dh'fhàg Mícheil Ó h-Allmhuráin, an seann bhall-phàrlamaid airson na sgìre, am Pàrtaidh Làbarach.
Tha Corbyn fhèin ag ràdh gur e sìochantair, poblachdach agus glasraichear a chleachdas am baighseagal a h-uile latha a th' ann. 'S àbhaist dha a bhith an lùib iomairtean eadar-nàiseanta airson chòraichean daonna. Bha e an sàs anns a' cho-bhann Stop the War an aghaidh a' Chogaidh ann an Ioràc a bharrachd air a bhith a' strì ann an iomairt Dlùth-phàirteachas ri Palastain; tha e cuideachd na leas-cheannard CND. An dèidh an sgannail mu chosgaisean nam Ball Pàrlamaid ann an 2009 anns an Rìoghachd Aonaichte thàinig e am follais gur e Corbyn am ball a fhuair an suim airgid a bu lugha.
Chaill am Pàrtaidh na taghaidhean coitcheann an an 2015 agus bha iadsan ann an staing an dèidh sin. Bhuannaich Corbyn an ceannas anns an Dàmhair 2015, ged a bha a h-uile duine an dùil nach tigeadh aige sin a dhèanamh. 'S ann connspaideach 's a tha e agus mòran air an taobh deas a' Phàrtaidh na aghaidh. A bharrachd air sin, tha e air fìor dhroch làimhseachadh fhaighinn bho na meadhanan. Nuair a bhot an Rìoghachd Aonaichte airson Brexit ann an 2016 theab iad ga chur a-mach às a dhreuchd ach dh'fhàillig an iomairt a bha seo. An dèidh do na toraidhean as miosa airson a' Phàrtaidh o 1935, leig e suas a dhreuchd san Dùbhlachd 2019. Bhuannaich Keir Starmer an dèidh Corbyn an ceannas.
Keir Hardie (1906–1908) • Arthur Henderson (1908–1910) • George Barnes (1910–1911) • Ramsay MacDonald (1911–1914) • Arthur Henderson (1914–1917) • William Adamson (1917–1921) • J. R. Clynes (1921–1922) • Ramsay MacDonald (1922–1931) • Arthur Henderson (1931–1932) • George Lansbury (1932–1935) • Clement Attlee (1935–1955) • Hugh Gaitskell (1955–1963) • Harold Wilson (1963–1976) • James Callaghan (1976–1980) • Michael Foot (1980–1983) • Neil Kinnock (1983–1992) • John Smith (1992–1994) • Tony Blair (1994–2007) • Gordon Brown (2007–2010) • Ed Miliband (2010–2015) • Jeremy Corbyn (2015–2020) • Keir Starmer (2020–)
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Jeremy Corbyn, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.