B' e neach-poileataigs à Glaschu a bha ann an Arthur Henderson.
Bha e na cheannard a' Phàrtaidh Làbarach trì turas, na Rùnaire nan Dùthchannan Cèin fo Ramsay MacDonald agus bhuannaich e an Duais Nobel airson Sìthe ann an 1934.
Rugadh e ann an Glaschu 13 an t-Sultain 1863 is thòisich e ag obair nuair a bhàsaich athair agus cha robh e ach 9 bliadhna a dh'aois. Chaidh a thaghadh mar chomhairliche anns a' Chaisteil Nuadh ann an 1892. Dh'imrich e agus a theaghlach do Dharlington agus chaidh a thaghadh mar chiad mhèar Làbarach a' bhaile, agus mar bhall Pàrlamaid airson Barnard Castle ann an 1903.
Bha e cuideachd na chiad mhinistear Làbarach anns a' Chaibineit, fo Herbert Asquith agus David Lloyd George, mar cheann-suidhe Bòrd Fhoghlaim, Àrd-phàigh-mhaighstir agus mar Mhinistear gun cùram-roinne. Thill e don Chaibineit fo Ramsay MacDonald ann an 1924 mar Rùnaire na Dùthcha agus a-rithist ann an 1929 mar Rùnaire nan Dùthchannan Cèin. Rinn e iomairt aig Lìg nan Nàiseanan airson dì-armachadh agus mar sin bhuannaich e an Duais Nobel airson Sìthe. Chaochail e 20 an Dàmhair 1935.
Bhuannaich e còig taghaidhean is chaill e còig taghaidhean. Riochdaich e:
Keir Hardie (1906–1908) • Arthur Henderson (1908–1910) • George Barnes (1910–1911) • Ramsay MacDonald (1911–1914) • Arthur Henderson (1914–1917) • William Adamson (1917–1921) • J. R. Clynes (1921–1922) • Ramsay MacDonald (1922–1931) • Arthur Henderson (1931–1932) • George Lansbury (1932–1935) • Clement Attlee (1935–1955) • Hugh Gaitskell (1955–1963) • Harold Wilson (1963–1976) • James Callaghan (1976–1980) • Michael Foot (1980–1983) • Neil Kinnock (1983–1992) • John Smith (1992–1994) • Tony Blair (1994–2007) • Gordon Brown (2007–2010) • Ed Miliband (2010–2015) • Jeremy Corbyn (2015–2020) • Keir Starmer (2020–)
This article uses material from the Wikipedia Gàidhlig article Arthur Henderson, which is released under the Creative Commons Attribution-ShareAlike 3.0 license ("CC BY-SA 3.0"); additional terms may apply (view authors). Tha an t-susbaint seo ri fhaighinn fo CC BY-SA 4.0 mur eil an caochladh 'ga innse. Images, videos and audio are available under their respective licenses.
®Wikipedia is a registered trademark of the Wiki Foundation, Inc. Wiki Gàidhlig (DUHOCTRUNGQUOC.VN) is an independent company and has no affiliation with Wiki Foundation.