Baile Ùr Nan Stiùbhartach

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Poll an Iùbhair, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach (Beurla/Beurla Ghallta: Newton Stewart).

Baile Ùr nan Stiùbhartach
Baile Ùr Nan Stiùbhartach
Baile Ùr Nan Stiùbhartach
Suidheachadh
Dùthaich Baile Ùr Nan Stiùbhartach Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Penninghame
Co-chomharran 54° 58′ 00″ Tuath
04° 28′ 60″ Iar
Comharradh-clèithe NX 414 654
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 3,573 (2011)
Àireamh fòn 01671
Còd-puist DG8
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

Tha e suidhichte aig 42m os cionn ìre na mara, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Port Aiseig a' Chrìch agus Bàrr a' Ghrianain, ri taobh na h-aibhne Crìch, far a shruthas e gu màthair-uisge na Linne Shalmhaigh aig Bàgh Chrìch. Tha a' chuid as motha dhen bhaile air taobh an iar na h-aibhne. Tha a' mhòr-rathaid A75 a' ceangal a' bhaile leis an t-Sròin Reamhair san iar agus le Dùn Phris san ear.Tha e 285km air falbh bho Obar Dheathain, 102km bho Ghlaschu, 57km bho Dhùn Phris agus 137km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil agus àrd-sgoil ann. 'S e Baile Ùr nan Stiùbhartach teis-mheadhan clèireachail sgìre na Machrach.

Eachdraidh

Chaidh am baile a stèidheachadh anns an 17mh linn le William Stewart, am mac as òige dhen 2na Iarla Gall-Ghaidhealaibh. Ann an 1763 chaidh rathad a chruthachadh leis an arm eadar Port Phàdraig agus Cathair Luail, a dheidheadh tro Bhaile Ùr nan Stiùbhartach. Bhathar ag iarraidh an rathad seo a chleachdadh airson Èirinn a cholonachadh. Chaidh sealladh neo dhà às an fhilm The Wicker Man fhilmeadh an seo ann an 1973 agus bha am film ri fhaicinn ann an taigh-dhealbh airson a' chiad turas anns a' bhaile fhèin.

Poileataigs

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Gleann a' Chrìch a bhuineas Baile Ùr nan Stiùbhartach, a ghabhas a-steach Muine Gobha, Poll an Iùbhair, Gleann an t-Sruthail, Bàrr a' Ghrianain agus cuid mhòr dhen Phàirc-choille na Gall-Ghàidhealaibh cuideachd. Tha 4,730 duine a' fuireach san sgìre air fad. Tha 21 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla MhicGilleMhaoil, ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.

Gnàth-shìde

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.4 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1124mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Baile Ùr nan Stiùbhartach. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach . Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 63mm eadar an Giblean (dìreach 63mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (126mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.3 °C.

Baile Ùr Nan Stiùbhartach 

Daoine Ainmeil

  • Bill Drummond (1955) ceòladair.

Còmhdhail

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha sia seirbheisean bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 359 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Inbhir Gharbhain - Inbhir Àir - Glaschu.
  • 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.
  • 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.
  • 420 Baile Ùr nan Stiùbhartach a-mhàin.
  • 430 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Clachan Ghlinn Lus - An t-Sròn Reamhar.
  • 431 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Taigh an Rathaid.

Iomraidhean

Tags:

Baile Ùr Nan Stiùbhartach EachdraidhBaile Ùr Nan Stiùbhartach PoileataigsBaile Ùr Nan Stiùbhartach Gnàth-shìdeBaile Ùr Nan Stiùbhartach Daoine AinmeilBaile Ùr Nan Stiùbhartach CòmhdhailBaile Ùr Nan Stiùbhartach IomraidheanBaile Ùr Nan Stiùbhartach1975AlbaAn t-Sròn ReamharBaileBeurlaBeurla GhalltaBàrr a' GhrianainComhairle Dhùn Phris is Gall-GhaidhealaibhDùn PhrisDùn ÈideannGlaschuLinne ShalmhaighMachair Ghall-GhaidhealaibhObar DheathainPoll an IùbhairPort Aiseig a' ChrìchSiorrachd Bhaile na h-ÙigeTurasachdÀiteachasÀrd-sgoil

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Cànan prògramaidhAn t-Aonadh Sobhiatach20 an t-SultainCTeàrlach IIFraingiumLusLassieWiki CommonsGo1434Obar Dheathain a Deas agus Ceann Chàrdainn (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)Farpais Foirmle a h-Aon na Cruinne 2020GualanSingeapòrBanca1174Breatannais2010Cian-chonaltradh18801868An Caisteal NuadhMilanoDonald TrumpNòta-airgidAmhachFìdiMontanaSeann-GhàidhligBibliothèque nationale de FrancePàirc Nàiseanta Yosemite1864BerneEachdraidhLucsamburgaisDòrnach1630an1653Mao ZedongNational Library of the Czech RepublicNetherlands Institute for Art HistoryEòlas-leighisCànanDi-Ardaoin1938Co-mhaoineasPlastaigAm Manifesto Comannach1845ArrecifeTionndadh Gnìomhachais1941LausanneIasgach1975OregonAmy WinehouseAnna, Bànrigh Shasainn, Alba is ÈireannPunnd SasannachLeabhar-eòlaisÈirinn a TuathA' Phòlainn4 an t-ÒgmhiosSuòmaidhPoll a' GhrùthainPrìomh-DhuilleagRapAn Baile Gaelach, Contae Mhaigh EoObar Dheathain998AstràiliaSloibhìniaFreiceadan DubhJohannes VermeerAntonín DvořákTomas, An t-Einnsean TancaAn Ostair🡆 More