Poll An Iùbhair

‘S e baile beag dùthchasail agus air iomall Baile Ùr nan Stiùbhartach, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Poll an Iùbhair (Beurla/Beurla Ghallta: Palnure).

Poll an Iùbhair
Poll An Iùbhair
Poll An Iùbhair
Suidheachadh
Dùthaich Poll An Iùbhair Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Penninghame
Co-chomharran 54° 55′ 60″ Tuath
04° 25′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01671
Còd-puist DG8

Tha e suidhichte aig 16m os cionn ìre na mara, ri taobh an Uillt Poll an Iùbhair, far a shruthas e chun na h-Aibhne Crìch, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975. Tha e 284km air falbh bho Obar Dheathain, 103km bho Ghlaschu, 54km bho Dhùn Phrìs agus 136km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Poll an Iùbhair. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann am Muine Gobha agus dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à poll agus iùbhar san tuiseal ginideach anns a' Gàidhlig a tha an t-ainm. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.

Eachdraidh

Bha gnothach nam mèinean gu math cudromach san sgìre o chionn fhada. B' e niceal agus luaidh a bhathar a' mèinneadh. Thàinig mèinneadh gu crìoch mu dheireadh thall ann an 1882. Chaidh drochaid ùr a thogail an seo ann an 1978.

Poileataigs

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Gleann a' Chrìch a bhuineas Poll an Iùbhair, a ghabhas a-steach Baile Ùr nan Stiùbhartach, Muine Gobha, Gleann an t-Sruthail, Bàrr a' Ghrianain agus cuid mhòr dhen Phàirc-choille na Gall-Ghàidhealaibh cuideachd. Tha 4,730 duine a' fuireach san sgìre air fad. Tha 21 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla MhicGilleMhaoil, ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.

Iomraidhean

Tags:

Poll An Iùbhair Freumhan an AinmPoll An Iùbhair EachdraidhPoll An Iùbhair PoileataigsPoll An Iùbhair IomraidheanPoll An Iùbhair1975AbhainnAlbaAlltBaileBaile Ùr nan StiùbhartachBeurlaBeurla GhalltaBun-sgoilComhairle Dhùn Phris is Gall-GhaidhealaibhDùn PhrìsDùn ÈideannDùthaichEaconomaidhGlaschuMuine GobhaMuirObar DheathainSgoilSiorrachd Bhaile na h-ÙigeTurasachdÀiteachasÀrd-sgoil

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

CluaranDrenthe19 an GearranSchleswig-HolsteinCoirèa a DeasParisSasainnEric Maskin189113 an DùbhlachdApia189428 an GibleanLSoillseMRoinnean ann an Coloimbia65Boa2013Èirinn a TuathF1922Na h-Eileanan CanàrachLaideann2000Niue2016Kharkiv19061904Lùth ath-nuadhachail20061057Cill Aba198929Mallorca1957Friedrich Nietzsche2014192436Grian331863Riyadh1969Valle d'AostaAn Eadailt1945Coirea a TuathCàrLongDigital Object Identifier69Tampa, FloridaHelsingborg3897Aol1976Ash Regan41Kyiv13Oilthigh LunnainnEadailtisMucClòrain1931Carles Puigdemont i Casamajó2005Isaac Bashevis SingerCorp-eòlas🡆 More