Uclés

'S e baile beag faisg air Tarancón, ann cridhe na Spàinne, suidhichte aig 863m os cionn ìre na mara, 's a th' ann an Uclés.

Uclés
Uclés
Gearradh-arm
no Seula
Uclés
Uclés
Suidheachadh
Dùthaich Uclés An Spàinn
Ceàrn Uclés Cuenca
Sgìre Uclés Castilla-La Mancha
Co-chomharran 39° 58' 54 Tuath
02° 51' 44 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 64.61 km²
Àireamh-shluaigh 212 (2020)
Dlùths 3.28/km²
Àireamh fòn + 00 969
Duilleag oifigeil http://ucles.es/

Tha am baile rim faotainn ri taobh na h-Aibhne Bedija. 'S ann ann an roinn Cuenca, ann an Castilla-La Mancha a tha e. Chan eil ach 212 daoine a’ fuireach anns a' bhaile an latha an-diugh.

Freumhan an Ainm

Chan ann soilleir 's a tha freumh-fhaclachd an ainm Uclés. Tha cuid dhen bheachd gur ann às an treubh Ibèireach na Olcades, a stèidich baile san sgìre air an robh Hokulacum. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile a' ràdh gur ann à 'Ocilis air neo 'Oculis, allt beag a shruthas dhan Abhainn Bedija 's a th'ann. Chanadh Uqlīsh (أقليش) air aig àm nan Arabach.

Eachdraidh

'S ann ainmeil san Spàinn 's a tha Uclés, leis gun do thachair dà chath cudromach an seo, fear anns na meadhan aoisean ach fear eile aig toiseach-tòisichidh na 19mh Linn. Ann an 1108 thug arm Ali ibn Yusuf ruaig air feachdan Crìostaidh. Ann an 1809, dh'fhulaing na Spàinntich call doirbh an aghaidh nam Fraingeach. Thug an Rìgh Alfonso VIII am baile do dh' Òrdugh nan Ridirean Santiago ann an 1174, a chum e gu ruige 1493. Chaidh Alonso de Ercilla y Zúñiga ainmeachadh na thighearna an seo. Chaidh am film Alatriste (2006) agus an sreath telebhisein Águila Roja (2016) fhilmadh an seo.

Àireamh-sluaigh

Mar iomadh sgìre dhùthaich a-staigh san tìr anns an Spàinn, tha dì-dhaoineachadh na thriobaid ann an Uclés. Bha 1,366 duine a' fuireach an ron Chogadh Sìobhalta.

Bliadhna 1857 1900 1950 2000 2020
Muinntir 1093 1030 1276 313 212

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

Ceanglaichean A-mach

Tags:

Uclés Freumhan an AinmUclés EachdraidhUclés Àireamh-sluaighUclés Daoine AinmeilUclés IomraidheanUclés Ceanglaichean A-machUclésAbhainnAn SpàinnBaileCastilla-La ManchaCuenca (provincia)Muir

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

Corp-eòlasBeul FeirstePoblachd na SìneCarles Puigdemont i CasamajóSan FranciscoAn t-Eilean SgitheanachLinn na DeigheOtto Paul Hermann DielsBaile Átha CliathJoachim FrankDinnsearLars OnsagerLoch LaomainnAn Ranntair a Tuath1831Achadh MuthaichIùgoslaibhia1041Oilthigh1442An Fhraing1980anNòs948734RiihimäkiEòlas-comainn1595BucharestAn Dàrna CogadhDeuchainn-lannMurt Ghlinne ComhainnMinsk2003496BiadhMuscatLLiosta dùthchannan a-rèir àireamh-shluaigh16mh LinnEilean EòinJack LemmonCorneliu Baba1575BeijingAlmainGàidhlig na h-ÈireannCuan SèimhLuhanskLà na Gogaireachd1487DèighAchd na Gàidhlig 2005Pàipear-naidheachdF. Sherwood RowlandIosraelRichard KuhnDigital Object IdentifierSgioba nàiseanta rugbaidh AstràiliaLunnainnAistidhean matha agus naidheachdanBuidheann cinneachail60an189215911862PàipearPrìomh-mhinistearCarraig FhearghaisTiriodhReul-bhad18 an t-ÒgmhiosAn t-ÒgmhiosHallands län🡆 More