Là Na Gogaireachd

Tha Là na Gogaireachd air a comharrachadh gach chiad den Ghiblean.

Tha daoine air a bhith a’ dèanamh phlòighean is air a bhith a sgaoileadh fhathannan ceàrr. ’S e Gogairean a th’ air an luchd-fulaing agus air an fhealla-dhà fhèin. Nuair a bhios an duine a rinn a’ phlòigh deiseil rithe, èighidh esan no ise ‘Is tusa an gogaireachd!’.

Foillsichidh cuid de na pàipearan-naidheachd is irisean sgeulaichean meallta a thèid a mhìneachadh an ath latha no aig bonn na duilleige ann an litreachan glè bheag. Tha aon fhealla-dhà ainmeil a rinn a’ BhBC ann an 1957. Bha iad a’ craoladh film a thug ri chreidsinn gun robh na tuathanaich anns an Eilbheis air a bhith a’ buineachadh spaghetti ùr anns na pàircean aca. Fhuair a’ BhBC tòrr dh’iarrtasan bho dhaoine a dh’iarr lusan spaghetti a cheannach. B’ e plòigh glè shoirbheachail a bh’ ann. Nochd cleas air Là na Gogaireachd ann am Prògram Choinnich ann an 1997 a bha ag ràdh gum faigh luchd-bruidhinn na Gàidhlig tarsainn drochaid an Eilein Sgitheanaich gun chìsean a phàigheadh.

Dh’fhàs an latha seo nòsarach anns an naoidheamh linn deug is chum e a’ dol chun an latha an-diugh. Ach chan e saor-là poblach a th’ ann ann an dùthaich sam bith.

Là Na Gogaireachd
Ticead às a' bhliadhna 1857 "Washing the Lions" ann an Lunnainn.

Ach, ’s e beachd glè aosta a th’ anns an nòs a bhith a’ cumail aon latha gach bliadhna airson phlòighean. Bha fèis Ròmanach ann air an robh an t-ainm ‘Hilaria’.

Lorgaidh sinn a’ chiad iomradh air a’ cheangal eadar a’ chiad là den Ghiblean is na gogaireachdan anns an leabhar le Geoffrey Chaucer – The Canterbury Tales (1392). Nas anmoiche, rinn John Aubrey iomradh air a’ chiad là den Ghiblean 1686 mar “Fooles holy day”. Chaidh grunn duine a mhealladh air an latha seo ann an 1668 is air sàillibh seo, chaidh iad gu Tùr Lunnainn gus a sealltainn air nigheadaireachd nan leòmhannan. Bha an t-ainm ‘Huntigowk Day’ air an latha seo ann an Alba. Thàinig an t-ainm seo bho “Hunt the Gowk”. ’S e cuthag a th’ ann an Gowk. Tha an t-ainm ‘Là Ruith na Cuthaige’ oirre cuideachd anns a’ Ghàidhlig.

Tha meas air an latha seo aig daoine ann an tòrr dhùthchannan. Anns an Fhraing, an Eadailt, a’ Bheilg, na Tìrean Ìsle is sgìrean ann an Canada is Eilbheis far a bheil Fraingis air a bruidhinn, ’s e poisson d’ Avril (Fraingis), aprilvis (Duitsis) is pesce d’ aprile (Eadailtis) a th’ aca air an latha seo.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Tags:

1 an Giblean

🔥 Trending searches on Wiki Gàidhlig:

An t-Aonadh EorpachClement AttleeAm Muir Meadhan-thìreachCabhsair ChansoWikimediaWashington D.CA' ChomraichAlba NuadhWiki CommonsCearcJohn AdamsMesopotamiaBaile Ùr Ghlinn LusCreag an IubhairCanberraFèileadh853Mustafa I855Iadhtag agus eilean-ranntairBunan-lùth nach teirg ann an AlbaDeòrsa II, Rìgh Bhreatainn is Èireann1826Beàrnaraigh na HearadhInbhir ChargaillAnna, Bànrigh Shasainn, Alba is ÈireannNaitrideanCoperniciumSlighe Chloinn UisnichCroitearachdBun na Dubh Abhann4 an t-ÒgmhiosRouenSudàn a DeasLeninEaglais Ìosa Chrìost de Naoimh an Latha mu DheireadhBun-na-coiseDàibhidh CamshronPlátōnÌmpireachd Naomh na RòimheUilleam III Shasainn is II AlbaLeifur EiríkssonCairoAn EiphitAlice SpringsAntalopFirefoxLaideannAn Ruis25 am MàrtRoinn-tìdeFeamainnCeòlDùthchannan CeilteachUaireadair-uisgeBerneIasgach20 am Màrt2002Jersey NuadhLouis PasteurSeumas VII Alba is II ShasainnGregor MendelPrìomh-mhinistear na Rìoghachd AonaichteAn Comann RìoghailCambuideaBreichinRed Bull RacingIlya PrigogineRùsg🡆 More